1
Marcus 2:17
Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986
Chuala Iosa seo, agus thuirt e riu, “Chan e an fheadhainn a tha slàn a tha a' cur feum air an dotair, ach an fheadhainn a tha tinn. Cha tàinig mise a thoirt cuiridh dha na fìrein, ach dha na peacaich.”
Σύγκριση
Διαβάστε Marcus 2:17
2
Marcus 2:5
Nuair a chunnaic Iosa cho làidir 's a bha an creideamh, thuirt e ris a' chrioplach, “A mhic, tha do pheacaidhean air am mathadh.”
Διαβάστε Marcus 2:5
3
Marcus 2:27
Thuirt e riu, “'Sann air sgàth an duine a rinneadh an t‑Sàbaid, 's chan ann air sgàth na Sàbaid a rinneadh an duine.
Διαβάστε Marcus 2:27
4
Marcus 2:4
A chionns nach b'urrainn dhaibh Iosa a ruighinn leis cho dùmhail 's a bha an sluagh, dh'fhosgail iad mullach an taighe os a chionn, 's nuair a rinn iad toll, leig iad sìos an leabaidh air an robh an crioplach na laighe.
Διαβάστε Marcus 2:4
5
Marcus 2:10-11
Dearbhaidh mise dhuibh gu bheil ùghdarras aig Mac an Duine peacaidhean a mhathadh air an talamh. Eirich air do chasan,” ars esan an‑uairsin ris a' chrioplach, “tog do leabaidh 's bi a' falbh dhachaigh.”
Διαβάστε Marcus 2:10-11
6
Marcus 2:9
Bheil e nas fhasa a ràdh ris a' chrioplach seo, ‘Tha do pheacaidhean air am mathadh’ na tha e a ràdh, ‘Eirich, tog leat do leabaidh agus coisich’?
Διαβάστε Marcus 2:9
7
Marcus 2:12
Dh'èirich e anns a' bhad, thog e an leabaidh, 's choisich e a‑mach an sealladh an t‑sluaigh uile. Chuir seo ioghnadh anabarrach orra, 's thug iad moladh do Dhia, ag ràdh, “Chan fhaca sinn a leithid seo riamh.”
Διαβάστε Marcus 2:12
Αρχική
Αγία Γραφή
Σχέδια
Βίντεο