1
Mata 9:37-38
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
An uair sin thuirt e ri a dheisciobail, “Gu deimhinn is mòr am fogharadh, ach is gann an luchd‑obrach. Mar sin, guidhibh air Tighearna an fhoghar luchd‑obrach a chur a‑mach dhan fhogharadh aige fhèin.”
Összehasonlít
Fedezd fel: Mata 9:37-38
2
Mata 9:13
Ach thallaibh agus foghlaimibh dè a tha seo a' ciallachadh: ‘Is miann leam tròcair, agus chan e ìobairt.’ Oir cha tàinig mise a ghairm nam fìrean, ach nam peacach.”
Fedezd fel: Mata 9:13
3
Mata 9:36
Nuair a chunnaic e an sluagh, ghabh e truas riutha, a chionn 's gun robh iad sàraichte 's gun chuideachadh, mar chaoraich gun bhuachaille.
Fedezd fel: Mata 9:36
4
Mata 9:12
Ach nuair a chuala e seo, thuirt e, “Chan iadsan a tha slàn aig a bheil feum air lighiche, ach iadsan a tha tinn.
Fedezd fel: Mata 9:12
5
Mata 9:35
Agus chaidh Ìosa tro na bailtean mòra agus na bailtean beaga gu lèir, a' teagasg anns na sionagogan agus a' searmonachadh soisgeul na rìoghachd, agus a' leigheas gach tinneas agus gach bochdainn.
Fedezd fel: Mata 9:35
Kezdőoldal
Biblia
Tervek
Videók