1
Marcus 14:36
Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986
Agus thuirt e, “Abba, athair, tha a h‑uile nì nad chomas. Thoir air falbh bhuam an cupa seo, ach biodh do thoil-sa air a dèanamh, 's chan e mo thoil-sa.”
比較
Marcus 14:36で検索
2
Marcus 14:38
Bithibh ri faire 's ùrnaigh, air eagal 's gun tig buaireadh nur rathad. Tha an spiorad deònach gun teagamh, ach tha a' cholainn lag.”
Marcus 14:38で検索
3
Marcus 14:9
Gu cinnteach tha mi ag ràdh ruibh, bidh an rud a rinn i air innse mar chuimhneachan oirre 's gach àite san tèid an Deagh Sgeul a shearmonachadh air feadh an t‑saoghail gu lèir.”
Marcus 14:9で検索
4
Marcus 14:34
'S thuirt e riu, “Tha urad a bhròn air mo spiorad 's gur gann nach eil mi a' bàsachadh. Fanaibhse ann an seo, 's bithibh ri faire.”
Marcus 14:34で検索
5
Marcus 14:22
Nuair a bha iad ag ithe, thog e pìos arain, 's thug e taing do Dhia air a shon. Bhrist e na chriomagan e, 's thug e dhaibh e, ag ràdh, “Gabhaibh e, is e seo mo chorp-sa.”
Marcus 14:22で検索
6
Marcus 14:23-24
An dèidh sin thog e cupa, 's nuair a thug e taing air a shon thug e dhaibh e, 's dh'òl iad uile ás. Thuirt e riu, “Is e seo m'fhuil-sa, fuil a' chùmhnaint, a th'air a dòrtadh ás leth mòran dhaoine.
Marcus 14:23-24で検索
7
Marcus 14:27
Thuirt Iosa riu, “Gabhaidh sibh uile nàire dhiom, oir tha e sgrìobhte: ‘Marbhaidh mi am buachaille, agus bidh na caoraich air an sgapadh.’
Marcus 14:27で検索
8
Marcus 14:42
Eiribh is falbhamaid. Seallaibh! Tha am fear a tha gam thoirt thairis gu bhith againn.”
Marcus 14:42で検索
9
Marcus 14:30
Thuirt Iosa ris, “Gu cinnteach tha mi ag ràdh riut, air an dearbh oidhche seo fhèin, mus gairm an coileach dà uair, gun dèan thusa m'àicheadh trì uairean.”
Marcus 14:30で検索
ホーム
聖書
読書プラン
ビデオ