Sailm 4
4
1O thuſa Dhia ùd mionracais,
èiſd riom tra èigham riot;
'Stu dhfuaſguil orm is me an teinn,
fóir orm, is èiſd mo ſcread.
2Mo ghlóir ca fhad a chlann na ndaoin',
chum náre chaochlaig heas ſibh?
Ag tabhairt gráidh do dhíomhaoineas,
is leanas brèagan ribh?
3Biodh agaibh fios gur roghnuigh Dia
dhò fein an duine naomhth':
Tra ègham ris, do bheirionn ſé
ſár èiſdachd do mo ghlaodh.
4Biodh eagal oirbh, ſna déanaibh lochd:
ler gcroidhe labhraibh fein
Gu huaigneach air ar leabuidh, fos
bibh toſtach mar an gcèdn'.
5Deadh ìobairt thaitneach tugaibh uaibh
don ionracas do ghná,
'S ar dóchas cuiribh ann an Dia,
ag earbſa ris gach lá.
6Ni maith cia nochdfas dùinn anois?
ta mòran ac ag rádh:
Acht dealradh glan do ghnùis, a Dhè,
tog oirnne ſuas do ghnà.
7'S mò chuir tu dhaoibhnas ann mo chroidh',
nó nuair is lìonmhuìr coirc,
Nò, aca ſúd, is ſaidhbhre fion
ag cinneachdin gun airc.
8An ſithchaimh luighidh me faraon,
is codlidh me le ſuain:
Os tus' amhàin bheir dhamh, a Dhè,
fuidh dhìdean, comhnuidh bhuan.
Селектирано:
Sailm 4: SD1694
Нагласи
Сподели
Копирај
Дали сакаш да ги зачуваш Нагласувањата на сите твои уреди? Пријави се или најави се
Scots Gaelic Synod of Argyle Metrical Psalms 1694 © Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society), 2018.