YouVersion လိုဂို
ရှာရန် အိုင်ကွန်

Sailm 13

13
1Cia fhad a dhearmadar mi leat,
a Dhia, an ann gu bràth?
Cia fhad a cheileas tu do ghnùis
om anam truagh gach tràth?
2Cia fhad bhios imcheist ann am chom,
le cridhe trom gach là?
Cia fhad a chuirear tharam suas
an tì bha dhomh na nàmh?
3Tabhair fa-near, is freagair mi,
a Thighearna mo Dhia;
Soillsich mo shùilean, cadal trom
chum bàis nach caidil mi.
4Eagal gun abair rium mo nàmh,
chaidh agam air a-nis;
’S gun dèan mo naimhdean gàirdeachas,
an uair a dh’aomar mis’.
5Ach dh’earb mi à do ghràs; is bidh
mo spiorad ait ad shlàint’:
6Is seinnidh mi gu binn do Dhia
airson a phailteis ghnàthaicht’.

လက်ရှိရွေးချယ်ထားမှု

Sailm 13: SD1826

အရောင်မှတ်ချက်

မျှဝေရန်

ကူးယူ

None

မိမိစက်ကိရိယာအားလုံးတွင် မိမိအရောင်ချယ်သောအရာများကို သိမ်းဆည်းထားလိုပါသလား။ စာရင်းသွင်းပါ (သို့) အကောင့်ဝင်လိုက်ပါ