'S beannaicht' an duine sin nach gluais
an comhairle nan daoi,
An slighe fhiair nam peacach baoth
na sheasamh fòs nach bi;
An cathair fanaid luchd an spòrs
nach togair suidh' gu bràth,
Ach ga bheil toil do naomh-reachd Dhè,
ga smaoineach' oidhch' is là.