Gnìomharan 8

8
1 Shearmonaicheadh an soisgeul ann an Samaria le Philip, a bhaist mòran, agus am measg chàich, Sìmon an Druidh. 14 Thàinig Peadar agus Eòin a dhaingneachadh na h‑eaglais: 17 le cur an làmh air an dream a chreid, bha tìodhlac an Spiorad Naoimh air a thoirt dhaibh.
1Agus bha Saul ag aontachadh le a bhàs‐san. Agus dh’èirich anns an àm sin geur‐leanmhainn mhòr an aghaidh na h‑eaglais a bha ann an Ierusalem; agus bha iad uile air an sgapadh air feadh tìr Iudèa#Gnìo 11:19‐21 agus Shamaria, ach na h‑abstoil a‑mhàin.
2Agus ghiùlain daoine diadhaidh Stèphen a‑chum adhlacaidh, agus rinn iad caoidh mhòr air a shon.
3Ach bha Saul a’ fàsachadh na h‑eaglais#Gnìo 26:10, 11; Gal 1:13, a’ dol a‑steach do gach taigh; agus a’ tarraing a‑mach fhear agus bhan, chuir e ann am prìosan iad.
4Uime sin dh’imich an dream a sgapadh feadh gach àite, a’ searmonachadh an fhacail.
5An sin chaidh Philip#Gnìo 6:5 sìos do bhaile Shamaria, agus shearmonaich e Crìosd dhaibh.
6Agus thug an sluagh a dh’aon toil aire do na nithean a labhradh le Philip, ag èisdeachd ris, agus a’ faicinn nam mìorbhailean a rinn e.
7Oir chaidh spioradan neòghlan a‑mach à mòran anns an robh iad#Marc 16:17, a’ glaodhaich le guth mòr: agus chaidh mòran air an robh a’ phairilis, agus a bha nam bacaich, a shlànachadh.
8Agus bha gàirdeachas mòr anns a’ bhaile sin.
9Ach bha roimhe sin duine àraidh anns a’ bhaile sin dom b’ainm Sìmon, a ghnàthaich draoidheachd#Gnìo 13:6; Tais 22:15, agus a mheall muinntir Shamaria, ag ràdh gum bu neach‐eigin mòr e fhèin:
10Dhàsan thug iad uile aire on bheag gus a’ mhòr, ag ràdh, Is e an duine seo cumhachd mòr Dhè.
11Agus thug iad an aire dha, a chionn gun do mheall e iad rè ùine fhada le a dhraoidheachd.
12Ach nuair a chreid iad Philip, a’ searmonachadh nan nithean a bhuineas do rìoghachd Dhè#Gnìo 1:3, agus do ainm Iosa Crìosd, bhaisteadh iad eadar fhir agus mhnathan.
13An sin chreid Sìmon fhèin mar an ceudna: agus nuair a bhaisteadh e, dh’fhan e maille ri Philip, agus a’ faicinn nan comharraidhean agus nam feartan a rinneadh, ghabh e iongantas ro‑mhòr.
14Agus nuair a chuala na h‑abstoil a bha ann an Ierusalem gun do ghabh Samaria facal Dhè, chuir iad dan ionnsaigh Peadar agus Eòin:
15Agus nuair a chaidh iad sìos, ghuidh iad air an son gum faigheadh iad an Spiorad Naomh#Gnìo 2:38.
16(Oir cha tàinig e fhathast a‑nuas air aon aca#Gnìo 19:2: ach a‑mhàin bhaisteadh iad ann an ainm an Tighearna Iosa#Gnìo 2:38; 10:48; 19:5, 6; 1 Cor 1:13.)
17An sin chuir iad an làmhan orra#Gnìo 6:6; Eabh 6:2, agus fhuair iad an Spiorad Naomh.
18Agus nuair a chunnaic Sìmon gu robh an Spiorad Naomh air a thoirt tre làmhan nan abstol a chur orra, thairg e airgead dhaibh.
19Ag ràdh, Thugaibh dhòmhsa mar an ceudna an cumhachd seo, ge bè neach air an cuir mi mo làmhan, gum faigh e an Spiorad Naomh.
20Ach thubhairt Peadar ris, Gu rachadh d’airgead am mugha maille riut, a chionn gun do mheas thu gum faodte tìodhlac Dhè#Gnìo 10:45; 11:17 a cheannach le airgead#2 Rìgh 5:15, 16; Mat 10:8.
21Chan eil agad cuid no crannchur anns a’ chùis seo: oir chan eil do chridhe dìreach#Salm 78:36, 37; Esec 14:3 ann am fianais Dhè.
22Gabh aithreachas uime sin ded olc seo, agus guidh air Dia, ma dh’fhaodar gum maithear dhut smuain do chridhe#Daniel 4:27; 2 Tim 2:25.
23Oir tha mi gad fhaicinn ann an domblas na seirbhe#Ier 4:18; Eabh 12:15, agus fo chuibhreach na h‑eucoir#Salm 116:16; Gnà 5:22; Isa 28:22.
24An sin fhreagair Sìmon, agus thubhairt e, Guidhibh‐se an Tighearna air mo shon#Ecs 8:8; Àir 21:7; 1 Rìgh 13:6; Iob 42:8; Seum 5:16, nach tig aon de na nithean sin a thubhairt sibh orm.
25An sin air dhaibhsan fianais a dhèanamh agus facal an Tighearna a labhairt, thill iad gu Ierusalem, agus shearmonaich iad an soisgeul ann am mòran de bhailtean nan Samaritanach.
26Agus labhair aingeal an Tighearna ri Philip, ag ràdh, Eirich agus imich a‑chum na h‑àird a deas, a‑chum na slighe a tha a’ dol sìos o Ierusalem gu Gàsa#Ios 15:47, a tha na fhàsach.
27Agus dh’èirich e, agus dh’imich e: agus, feuch, duine àraidh, caillteanach o Etiopia#Salm 68:31; Seph 3:10, aig an robh mòr‐ùghdarras fo Chandace, bànrighinn na h‑Etiopia, agus a bha os cionn a h‑ionmhais uile, agus a bha air teachd gu Ierusalem a‑chum adhradh a dhèanamh#2 Each 6:32, 33,
28Bha e a’ tilleadh air ais, agus na shuidhe na charbad, agus bha e a’ leughadh an fhàidh Esaias.
29An sin thubhairt an Spiorad ri Philip#Isa 65:24; Hos 6:3, Imich am fagas, agus druid ris a’ charbad seo.
30Agus ruith Philip da ionnsaigh, agus chuala e e a’ leughadh an fhàidh Esaias, agus thubhairt e, A bheil thu a’ tuigsinn nan nithean a tha thu a’ leughadh?
31Agus thubhairt esan, Cionnas as urrainn mi, mura seòl neach‐eigin mi? Agus dh’iarr e air Philip teachd a‑nìos, agus suidhe maille ris.
32A’ chuibhreann den sgriobtar a bha e a’ leughadh, b’i seo i: Thugadh e mar chaora a‑chum marbhaidh; agus mar uan a tha na thosd am fianais an fhir‐lomairt, mar sin cha d’fhosgail e a bheul:
33Na ìsleachadh thugadh a bhreitheanas air falbh: agus cò a nochdas a ghinealach? Oir thogadh a bheatha on talamh#8:33 a rèir mar tha e anns a’ Ghrèigis, Isa 53:7, 8..
34Agus fhreagair an caillteanach, agus thubhairt e ri Philip, Guidheam ort, cò uime a tha am fàidh ag ràdh seo, uime fhèin, no mu neach‐eigin eile?
35An sin dh’fhosgail Philip a bheul, agus a’ tòiseachadh on sgriobtar sin, shearmonaich e Iosa dha.
36Agus nuair a dh’imich iad air an t‑slighe, thàinig iad gu uisge àraidh: agus thubhairt an caillteanach, Feuch, uisge; ciod a tha a’ bacadh mise a bhith air mo bhaisteadh#Gnìo 10:47?
37Agus thubhairt Philip, Ma tha thu a’ creidsinn led uile chridhe#Gnìo 8:12; Marc 16:16, faodaidh tu. Agus fhreagair e agus thubhairt e, Tha mi a’ creidsinn gur e Iosa Crìosd Mac Dhè#Eòin 11:27; 1 Cor 12:3; 1 Eòin 4:15.
38Agus dh’àithn e an carbad a sheasamh: agus chaidh iad sìos le chèile don uisge, araon Philip agus an caillteanach; agus bhaist e e.
39Agus nuair a thàinig iad a‑nìos as an uisge, thug Spiorad an Tighearna Philip leis#1 Rìgh 18:12; Esec 3:12, 14, agus chan fhaca an caillteanach tuilleadh e: agus dh’imich e air aghaidh le gàirdeachas.
40Ach fhuaireadh Philip ann an Asotos: agus shearmonaich e anns na bailtean uile, a’ dol tron dùthaich, gus an tàinig e gu Cesarèa.

Märk

Dela

Kopiera

None

Vill du ha dina höjdpunkter sparade på alla dina enheter? Registrera dig eller logga in