Agus iarraidh mise air an Athair, agus bheir e dhuibh Neach‑Cuideachaidh eile, airson fantainn còmhla ribh gu bràth – Spiorad na Fìrinn – nach urrainn dhan t‑saoghal a ghabhail, a chionn 's nach eil e ga fhaicinn no eòlach air. Is aithne dhuibhse e, oir tha e a' fantainn còmhla ribh, agus bidh e annaibh.