Eòin 4
4
Ìosa a' Bruidhinn ri Boireannach à Samaria
1Nuair a thuig Ìosa gun cuala na Pharasaich gun robh e a' dèanamh agus a' baisteadh barrachd dheisciobal na Eòin 2(ged nach b' e Ìosa fhèin a bhaist, ach na deisciobail aige), 3dh'fhàg e Iudèa agus dh'fhalbh e air ais a Ghalile.
4Ach bha aige ri dhol tro Shamaria. 5Mar sin thàinig e gu baile ann an Samaria ris an canar Sichar, faisg air an fhearann a thug Iàcob dha mhac Iòsaph. 6Bha tobar Iàcoib an sin, agus shuidh Ìosa, sgìth mar a bha e on turas aige, ri taobh an tobair. Bha e mu mheadhan‑latha.#4:6 Gu lit.: “mun t‑siathamh uair”
7Thàinig boireannach o Shamaria airson uisge a tharraing. Thuirt Ìosa rithe, “Thoir dhomh deoch.” 8(Oir bha a dheisciobail air a dhol dhan bhaile airson biadh a cheannach.)
9Thuirt am boireannach o Shamaria ris, “Ciamar as urrainn dhutsa a tha nad Iùdhach deoch iarraidh ormsa a tha nam bhoireannach Samaritanach?” (Oir chan eil comann aig Iùdhaich ri Samaritanaich.)
10Fhreagair Ìosa i, “Nam b' aithne dhut tiodhlac Dhè agus cò e a tha ag ràdh riut, ‘Thoir dhomh deoch,’ bhiodh tu air iarraidh airsan agus bhiodh e air uisge beò a thoirt dhut.”
11“A Thighearna,” thuirt am boireannach, “chan eil soitheach‑tarraing agad, agus tha an tobar domhainn. Cò às an tig an t‑uisge beò sin agad? 12Chan eil thusa nas motha na ar n‑athair Iàcob, a bheil? Thug esan dhuinne an tobar seo, agus dh'òl e às e fhèin, mar a rinn a chlann agus a sprèidh cuideachd.”
13Fhreagair Ìosa i, “Neach sam bith a dh'òlas dhen uisge seo, bidh pathadh air a‑rithist, 14ach ge b' e a dh'òlas dhen uisge a bheir mise dha, cha bhi pathadh gu bràth tuilleadh air. Ach an t‑uisge a bheir mise dha, bidh e na fhuaran uisge ann, ag èirigh suas chun na beatha sìorraidh.”
15Thuirt am boireannach ris, “A Thighearna, thoir dhomh an t‑uisge seo gus nach bi pathadh orm agus nach fheum mi tighinn an seo a tharraing uisge.”
16Thuirt Ìosa rithe, “Thalla 's gairm air d' fhear agus till an seo.”
17“Chan eil fear‑pòsta agam,” fhreagair am boireannach.
Thuirt Ìosa rithe, “Tha thu ceart nuair a tha thu ag ràdh, ‘Chan eil fear‑pòsta agam,’ 18oir tha còignear fhear‑pòsta air a bhith agad, agus am fear a tha agad an‑dràsta, chan e d' fhear‑pòsta fhèin a th' ann. Tha an rud a thubhairt thu fìor.”
19Thuirt am boireannach ris, “A Thighearna, tha mi a' faicinn gur e fàidh a th' annad. 20Rinn ar n‑athraichean adhradh air a' bheinn seo, ach tha sibhse ag ràdh gur e Ierusalem an t‑àite far am bu chòir adhradh a bhith air a dhèanamh.”
21Thuirt Ìosa rithe, “A bhoireannaich, creid mise, tha an uair a' tighinn nuair nach ann air a' bheinn seo no ann an Ierusalem a nì sibh adhradh dhan Athair. 22Tha sibhse a' dèanamh adhraidh dhan rud nach aithne dhuibh, tha sinne a' dèanamh adhraidh dhan rud as aithne dhuinn, oir is ann o na h‑Iùdhaich a tha saoradh. 23Ach tha an uair a' tighinn, agus tha e a‑nis ann, nuair a nì am fìor luchd‑adhraidh adhradh dhan Athair ann an spiorad agus ann am fìrinn, oir is iad a leithid seo de luchd‑adhraidh a tha an t‑Athair a' sireadh. 24Is e spiorad a th' ann an Dia, agus feumaidh an luchd‑adhraidh aige adhradh a dhèanamh dha ann an spiorad agus ann am fìrinn.”
25Thuirt am boireannach ris, “Tha fios agam gu bheil am Mesiah (ris an canar Crìosd) a' tighinn. Nuair a thig esan, innsidh e a h‑uile rud dhuinn.”
26Thuirt Ìosa rithe, “Is mise esan a tha a' bruidhinn riut.”
Na Deisciobail a' Tilleadh gu Ìosa
27Dìreach an uair sin thill a dheisciobail agus chuir e iongnadh orra gun robh e a' còmhradh ri boireannach. Ach cha do dh'fhaighnich aon neach, “Dè a tha thu a' sireadh?” no “Carson a tha thu a' còmhradh rithe?”
28Mar sin, a' fàgail a soitheach‑uisge, dh'fhalbh am boireannach dhan bhaile agus thuirt i ris na daoine, 29“Thigibh 's faicibh duine a dh'innis dhòmhsa a h‑uile rud a rinn mi riamh. Nach e seo an Crìosd?” 30Chaidh iad a‑mach às a' bhaile agus thàinig iad thuigesan.
31Aig a' cheart àm dh'iarr a dheisciobail air, “A Rabaidh, ith rudeigin.”
32Ach thuirt esan riutha, “Tha biadh agamsa ri ithe air nach eil fios agaibhse.”
33Mar sin thuirt na deisciobail ri chèile, “Cha tug neach sam bith rudeigin thuige ri ithe, an tug?”
34Thuirt Ìosa riutha, “Is e mo bhiadh‑sa toil an aoin a chuir a‑mach mi a dhèanamh, agus an obair aigesan a chrìochnachadh. 35Nach bi sibhse ag ràdh, ‘Tha ceithir mìosan ann fhathast gus an tig am foghar’? Seallaibh, tha mise ag ràdh ribh, togaibh suas ur sùilean agus faicibh na h‑achaidhean, oir tha iad geal gu fogharadh. 36Mu thràth tha an t‑aon a bhuaineas a' faighinn tuarastail, agus a' cruinneachadh toraidh airson na beatha sìorraidh, airson 's gun dèan an t‑aon a chuireas agus an t‑aon a bhuaineas aoibhneas le chèile. 37Oir an seo tha an abairt fìor, ‘Tha aon neach a' cur agus neach eile a' buain.’ 38Chuir mise sibhse a bhuain rud nach do shaothraich sibh air a shon. Tha feadhainn eile air saothrachadh, agus tha sibhse air buannachd fhaighinn o an saothair‑san.”
Mòran Shamaritanach a' Creidsinn ann an Ìosa
39Chreid mòran Shamaritanach on bhaile sin annsan – air sgàth facal fianais a' bhoireannaich, “Dh'innis e dhomh a h‑uile rud a rinn mi riamh.” 40Mar sin, nuair a thàinig na Samaritanaich thuige, dh'iarr iad air fantainn còmhla riutha, agus dh'fhuirich e an sin dà latha. 41Agus chreid mòran a bharrachd air sgàth an fhacail aige.
42Thuirt iad ris a' bhoireannach, “Chan ann air sgàth na thuirt thusa a tha sinn a' creidsinn tuilleadh; oir chuala sinn fhèin e, agus tha fios againn gur esan dha‑rìribh Slànaighear an t‑saoghail.”
Ìosa a' Leigheas Mac an Oifigich
43Às dèidh an dà latha sin dh'fhalbh e, agus chaidh e às a sin a Ghalile. 44(Oir bha Ìosa fhèin air fianais a thoirt nach eil urram aig fàidh na thìr fhèin.) 45Nuair a thàinig e gu Galile, ghabh na Galilèaich ris. Bha iad air a h‑uile rud a rinn e ann an Ierusalem aig an Fhèill fhaicinn, oir chaidh iadsan cuideachd chun na Fèille.
46Thàinig Ìosa a‑rithist gu Càna Ghalile far an do rinn e uisge na fhìon. Agus bha oifigeach rìoghail àraidh ann aig an robh mac a bha tinn ann an Capernàum. 47Nuair a chuala an duine seo gun robh Ìosa air tighinn a‑nuas à Iudèa gu Galile, chaidh e thuige agus dh'iarr e air tighinn a‑nuas agus a mhac a shlànachadh, oir bha e gus bàsachadh.
48Mar sin thuirt Ìosa ris, “Mura faic sibh comharraidhean mìorbhaileach agus iongantasan cha chreid sibh.”
49Thuirt an t‑oifigeach rìoghail, “A Thighearna, thig a‑nuas mus bàsaich mo leanabh.”
50Fhreagair Ìosa, “Thalla, tha do mhac beò.”
Chreid an duine am facal a thuirt Ìosa ris agus dh'fhalbh e. 51Fhad 's a bha e a' dol sìos, choinnich a sheirbheisich ris, leis an naidheachd gun robh a mhac beò. 52Mar sin dh'fhaighnich e dhaibh cuin a dh'fhàs e na b' fheàrr, agus thuirt iad ris, “Dh'fhàg am fiabhras e an‑dè aig uair feasgar.”#4:52 Gu lit.: “an t‑seachdamh uair”
53Mar sin thuig an t‑athair gum b' e sin an dearbh uair nuair a thuirt Ìosa ris, “Tha do mhac beò.” Agus chreid e fhèin agus a theaghlach uile.
54B' e seo a‑nis an dara comharra mìorbhaileach a rinn Ìosa, nuair a bha e air tighinn à Iudèa gu Galile.
Избрани в момента:
Eòin 4: ATN
Маркирай стих
Споделяне
Копиране
Искате ли вашите акценти да бъдат запазени на всички ваши устройства? Регистрирайте се или влезте
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024
© Scottish Bible Society 2017, 2024