1
Gnìomharan 4:12
Am Bìoball Gàidhlig 1992
Agus chan eil slàinte ann an neach air bith eile: oir chan eil ainm air bith eile fo nèamh air a thabhairt am measg dhaoine, tre am faod sinn a bhith air ar tèarnadh.
Compare
Explore Gnìomharan 4:12
2
Gnìomharan 4:31
Agus air dhaibh ùrnaigh a dhèanamh, chrathadh an t‑àite anns an robh iad cruinn; agus lìonadh iad uile leis an Spiorad Naomh, agus labhair iad facal Dhè le dànachd.
Explore Gnìomharan 4:31
3
Gnìomharan 4:29
Agus a‑nis, a Thighearna, amhairc air am bagraidhean: agus deònaich dod sheirbhisich fhèin d’fhacal a labhairt leis gach uile dhànachd
Explore Gnìomharan 4:29
4
Gnìomharan 4:11
Is i seo a’ chlach a dhiùltadh leibhse, a luchd togail, a rinneadh na ceann na h‑oisne.
Explore Gnìomharan 4:11
5
Gnìomharan 4:13
A‑nis nuair a chunnaic iad dànachd Pheadair agus Eòin, agus a thuig iad gum bu daoine gun fhòghlam agus cumanta iad, ghabh iad iongantas; agus dh’aithnich iad iad gu robh iadsan maille ri Iosa.
Explore Gnìomharan 4:13
6
Gnìomharan 4:32
Agus bha aig a’ chuideachd a chreid aon chridhe, agus aon anam: agus cha mhò a thubhairt neach air bith dhiubh gum bu leis fhèin aon nì a shealbhaich e; ach bha na h‑uile nithean coitcheann aca.
Explore Gnìomharan 4:32
Home
Bible
Plans
Videos