Ach thubhairt Peadar, Ananiais, carson a lìon Sàtan do chridhe a dhèanamh brèige don Spiorad Naomh, agus a cheiltinn cuid de luach an fhearainn?
Am feadh a dh’fhuirich e gun reic, nach bu leat fhèin e? Agus an dèidh a reic nach robh e nad chomas fhèin? Carson a smaoinich thu ann ad chridhe an gnìomh seo? Cha do rinn thu breug do dhaoine, ach do Dhia.
Agus nuair a chuala Ananias na briathran seo, thuit e sìos, agus chaidh an deò as: agus thàinig eagal mòr air na h‑uile a chuala na nithean seo.