Gnìomharan 5
5
1Ach reic fear àraidh dom b’ainm Ananias, maille ra mhnaoi Saphira, sealbh fearainn.
2Agus cheil e cuid den luach, le fios a mhnà, agus air dha cuid àraidh a thoirt leis, chuir e aig casan nan abstol e.
3Ach thubhairt Peadar, Ananiais, carson a lìon Sàtan do chridhe a dhèanamh brèige don Spiorad Naomh, agus a cheiltinn cuid de luach an fhearainn?
4Am feadh a dh’fhuirich e gun reic, nach bu leat fhèin e? Agus an dèidh a reic nach robh e nad chomas fhèin? Carson a smaoinich thu ann ad chridhe an gnìomh seo? Cha do rinn thu breug do dhaoine, ach do Dhia.
5Agus nuair a chuala Ananias na briathran seo, thuit e sìos, agus chaidh an deò as: agus thàinig eagal mòr air na h‑uile a chuala na nithean seo.
6Agus air èirigh do na h‑òganaich, phaisg iad ann an aodach-mairbh e, agus air dhaibh a ghiùlan a‑mach, dh’adhlaic iad e.
7Agus thàrladh mu thimcheall trì uairean na dhèidh sin, gun tàinig a bhean a‑steach, gun fhios aice air an nì a rinneadh.
8Agus fhreagair Peadar i, Innis dhòmhsa an ann air an uiread seo a reic sibh am fearann? Agus thubhairt ise, Is ann, airson an uiread sin.
9An sin thubhairt Peadar rithe, Carson a cho-aontaich sibh Spiorad an Tighearna a dhearbhadh? Feuch, tha casan na muinntir a dh’adhlaic d’fhear aig an doras, agus giùlainidh iad thusa a‑mach.
10An sin thuit i air ball aig a chasan, agus chaidh an deò aisde: agus air do na h‑òganaich teachd a‑steach, fhuair iad i marbh, agus air dhaibh a giùlan a‑mach, dh’adhlaic iad làimh ri a fear i.
11Agus thàinig eagal mòr air an eaglais uile, agus air na h‑uile a chuala na nithean seo.
12Agus rinneadh mòran chomharraidhean agus mhìorbhailean am measg a’ phobaill le làmhan nan abstol; (agus bha iad uile a dh’aon inntinn ann an sgàth-thaigh Sholaimh:
13Agus cha robh a chridhe aig aon de chàch e fhèin a cheangal riu): ach bha mòr-mheas aig a’ phoball orra.
14Agus is mò a chuireadh creidmhich ris an Tighearna, buidheann mhòr araon de fhir agus de mhnathan:
15Air chor is gun tug iad a‑mach a’ mhuinntir easlan air na sràidean, agus gun do chuir iad air leapaichean agus air uirighean iad, a‑chum aig teachd do Pheadar gun cuireadh a fhaileas, mar a bu lugha, sgàil air neach-eigin aca.
16Agus thàinig mar an ceudna mòr-shluagh as na bailtean mun cuairt air Ierusalem a’ toirt leo muinntir easlain, agus dream a bha air an cràdh le spioradan neòghlan: agus lèighseadh iad uile.
17An sin dh’èirich an t‑àrd-shagart, agus iadsan uile a bha maille ris, (eadhon luchd-bharail nan Sadusach), agus lìonadh iad le eud.
18Agus chuir iad làmh anns na h‑abstoil, agus chuir iad anns a’ phrìosan chumanta iad.
19Ach dh’fhosgail aingeal an Tighearna dorsan a’ phrìosain anns an oidhche, agus thug e iadsan a‑mach, agus thubhairt e,
20Imichibh, agus a’ seasamh dhuibh labhraibh anns an teampall, ris an t‑sluagh, uile bhriathran na beatha seo.
21Agus nuair a chuala iad seo, chaidh iad gu moch a‑steach don teampall, agus theagaisg iad. Ach thàinig an t‑àrd-shagart agus iadsan a bha maille ris, agus ghairm iad a’ chomhairle, agus seanadh chloinn Israeil uile, an ceann a chèile, agus chuir iad don phrìosan a‑chum gun tugte iadsan dan ionnsaigh.
22Ach nuair a thàinig na maoir, cha d’fhuair iad anns a’ phrìosan iad, agus air tilleadh dhaibh, dh’innis iad,
23Ag ràdh, Fhuair sinne gu fìrinneach am prìosan dùinte gu ro‑thèarainte, agus an luchd-coimhead nan seasamh a‑mach fa chomhair nan dorsan; ach nuair a dh’fhosgail sinn, cha d’fhuair sinn aon duine a‑staigh.
24A‑nis nuair a chuala an t‑àrd-shagart, agus ceannard an teampaill, agus uachdarain nan sagart, na briathran seo, bha iad fo amharas mun timcheall ciod gus an tigeadh seo.
25An sin thàinig neach àraidh agus dh’innis e dhaibh, ag ràdh, Feuch, tha na daoine a chuir sibh anns a’ phrìosan nan seasamh anns an teampall, agus a’ teagasg a’ phobaill.
26An sin dh’imich an ceannard maille ris na maoir, agus thug e leis iad gun ainneart: (oir bha eagal orra ron t‑sluagh, gum biodh iad air an clachadh leo).
27Agus nuair a thug iad leo iad, chuir iad ann am fianais na comhairle iad: agus dh’fheòraich an t‑àrd-shagart dhiubh,
28Ag ràdh, Nach tug sinne geur-òrdagh dhuibh gun teagasg a dhèanamh anns an ainm seo? Agus, feuch, lìon sibh Ierusalem le ur teagasg, agus is àill leibh fuil an duine seo a tharraing oirnne.
29An sin fhreagair Peadar agus na h‑abstoil eile, agus thubhairt iad, Is còir gèill a thoirt do Dhia nas mò na do dhaoine.
30Thog Dia ar n‑athraichean Iosa, a mharbh sibhse agus a chroch sibh air crann.
31Esan dh’àrdaich Dia le a dheas-làimh na Cheannard agus na Shlànaighear, a thoirt aithreachais agus maitheanas pheacaidhean do Israel.
32Agus tha sinne nar fianaisean dha air na nithean seo; agus mar an ceudna an Spiorad Naomh, a thug Dia dhaibhsan a tha umhail dha.
33Agus nuair a chuala iadsan seo, bha iad air an gonadh, agus ghabh iad comhairle an cur gu bàs.
34An sin dh’èirich Pharasach àraidh anns a’ chomhairle, dom b’ainm Gamaliel, fear-teagaisg an lagha, air an robh meas aig an t‑sluagh uile, agus dh’òrdaich e na h‑abstoil a chur a‑mach rè tamaill;
35Agus thubhairt e riu, Fheara Israeil, thugaibh an aire dhuibh fhèin, ciod a tha romhaibh a dhèanamh mu thimcheall nan daoine sin.
36Oir ro na làithean seo dh’èirich Teudas suas, ag ràdh gum bu neach-eigin mòr e fhèin, agus cheangail àireamh dhaoine, timcheall ceithir cheud, iad fhèin ris: mharbhadh esan, agus a mheud is a dh’aontaich leis, sgaoileadh iad uile as a chèile, agus chaidh iad gu neoni.
37An dèidh an fhir seo dh’èirich Iùdas an Galilèach suas, ann an làithean na cìs-mheasaidh, agus tharraing e mòran sluaigh na dhèidh: sgriosadh esan mar an ceudna, agus a mheud is a ghèill dha sgapadh iad uile.
38Agus a‑nis tha mi ag ràdh ribh, Fanaibh o na daoine seo, agus leigibh leo: oir mas ann o dhaoine a tha a’ chomhairle seo, no an obair seo, thig i gu neo-bhrìgh:
39Ach mas ann o Dhia a tha i, chan urrainn sibhse a cur gu neo-bhrìgh: air eagal gun tàrladh gum faighear sibh eadhon a’ cogadh an aghaidh Dhè.
40Agus dh’aontaich iad leis-san: agus nuair a ghairm iad na h‑abstoil, agus a ghabh iad orra, dh’òrdaich iad dhaibh gun labhairt ann an ainm Iosa, agus leig iad as iad.
41Agus dh’imich iadsan o làthair na comhairle, le gàirdeachas a chionn gun do mheasadh gum b’airidh iad air eas-urram fhulang airson a ainme-san.
42Agus gach là anns an teampall, agus o thaigh gu taigh, cha do sguir iad a bhith a’ teagasg, agus a’ searmonachadh Iosa Crìosd.
Currently Selected:
Gnìomharan 5: ABG1992
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1992, 2017