An sin thubhairt an Spiorad ri Philip, Imich am fagas, agus druid ris a’ charbad seo.
Agus ruith Philip da ionnsaigh, agus chuala e e a’ leughadh an fhàidh Esaias, agus thubhairt e, A bheil thu a’ tuigsinn nan nithean a tha thu a’ leughadh?
Agus thubhairt esan, Cionnas as urrainn mi, mura seòl neach-eigin mi? Agus dh’iarr e air Philip teachd a‑nìos, agus suidhe maille ris.