YouVersion Logo
Search Icon

Gnìomharan 8

8
1Agus bha Saul ag aontachadh le a bhàs-san. Agus dh’èirich anns an àm sin geur-leanmhainn mhòr an aghaidh na h‑eaglais a bha ann an Ierusalem; agus bha iad uile air an sgapadh air feadh tìr Iudèa agus Shamaria, ach na h‑abstoil a‑mhàin.
2Agus ghiùlain daoine diadhaidh Stèphen a‑chum adhlacaidh, agus rinn iad caoidh mhòr air a shon.
3Ach bha Saul a’ fàsachadh na h‑eaglais, a’ dol a‑steach do gach taigh; agus a’ tarraing a‑mach fhear agus bhan, chuir e ann am prìosan iad.
4Uime sin dh’imich an dream a sgapadh feadh gach àite, a’ searmonachadh an fhacail.
5An sin chaidh Philip sìos do bhaile Shamaria, agus shearmonaich e Crìosd dhaibh.
6Agus thug an sluagh a dh’aon toil aire do na nithean a labhradh le Philip, ag èisdeachd ris, agus a’ faicinn nam mìorbhailean a rinn e.
7Oir chaidh spioradan neòghlan a‑mach à mòran anns an robh iad, a’ glaodhaich le guth mòr: agus chaidh mòran air an robh a’ phairilis, agus a bha nam bacaich, a shlànachadh.
8Agus bha gàirdeachas mòr anns a’ bhaile sin.
9Ach bha roimhe sin duine àraidh anns a’ bhaile sin dom b’ainm Sìmon, a ghnàthaich draoidheachd, agus a mheall muinntir Shamaria, ag ràdh gum bu neach-eigin mòr e fhèin:
10Dhàsan thug iad uile aire on bheag gus a’ mhòr, ag ràdh, Is e an duine seo cumhachd mòr Dhè.
11Agus thug iad an aire dha, a chionn gun do mheall e iad rè ùine fhada le a dhraoidheachd.
12Ach nuair a chreid iad Philip, a’ searmonachadh nan nithean a bhuineas do rìoghachd Dhè, agus do ainm Iosa Crìosd, bhaisteadh iad eadar fhir agus mhnathan.
13An sin chreid Sìmon fhèin mar an ceudna: agus nuair a bhaisteadh e, dh’fhan e maille ri Philip, agus a’ faicinn nan comharraidhean agus nam feartan a rinneadh, ghabh e iongantas ro‑mhòr.
14Agus nuair a chuala na h‑abstoil a bha ann an Ierusalem gun do ghabh Samaria facal Dhè, chuir iad dan ionnsaigh Peadar agus Eòin:
15Agus nuair a chaidh iad sìos, ghuidh iad air an son gum faigheadh iad an Spiorad Naomh.
16(Oir cha tàinig e fhathast a‑nuas air aon aca: ach a‑mhàin bhaisteadh iad ann an ainm an Tighearna Iosa.)
17An sin chuir iad an làmhan orra, agus fhuair iad an Spiorad Naomh.
18Agus nuair a chunnaic Sìmon gu robh an Spiorad Naomh air a thoirt tre làmhan nan abstol a chur orra, thairg e airgead dhaibh.
19Ag ràdh, Thugaibh dhòmhsa mar an ceudna an cumhachd seo, ge bè neach air an cuir mi mo làmhan, gum faigh e an Spiorad Naomh.
20Ach thubhairt Peadar ris, Gu rachadh d’airgead am mugha maille riut, a chionn gun do mheas thu gum faodte tìodhlac Dhè a cheannach le airgead.
21Chan eil agad cuid no crannchur anns a’ chùis seo: oir chan eil do chridhe dìreach ann am fianais Dhè.
22Gabh aithreachas uime sin ded olc seo, agus guidh air Dia, ma dh’fhaodar gum maithear dhut smuain do chridhe.
23Oir tha mi gad fhaicinn ann an domblas na seirbhe, agus fo chuibhreach na h‑eucoir.
24An sin fhreagair Sìmon, agus thubhairt e, Guidhibh-se an Tighearna air mo shon, nach tig aon de na nithean sin a thubhairt sibh orm.
25An sin air dhaibhsan fianais a dhèanamh agus facal an Tighearna a labhairt, thill iad gu Ierusalem, agus shearmonaich iad an soisgeul ann am mòran de bhailtean nan Samaritanach.
26Agus labhair aingeal an Tighearna ri Philip, ag ràdh, Eirich agus imich a‑chum na h‑àird a deas, a‑chum na slighe a tha a’ dol sìos o Ierusalem gu Gàsa, a tha na fhàsach.
27Agus dh’èirich e, agus dh’imich e: agus, feuch, duine àraidh, caillteanach o Etiopia, aig an robh mòr-ùghdarras fo Chandace, bànrighinn na h‑Etiopia, agus a bha os cionn a h‑ionmhais uile, agus a bha air teachd gu Ierusalem a‑chum adhradh a dhèanamh,
28Bha e a’ tilleadh air ais, agus na shuidhe na charbad, agus bha e a’ leughadh an fhàidh Esaias.
29An sin thubhairt an Spiorad ri Philip, Imich am fagas, agus druid ris a’ charbad seo.
30Agus ruith Philip da ionnsaigh, agus chuala e e a’ leughadh an fhàidh Esaias, agus thubhairt e, A bheil thu a’ tuigsinn nan nithean a tha thu a’ leughadh?
31Agus thubhairt esan, Cionnas as urrainn mi, mura seòl neach-eigin mi? Agus dh’iarr e air Philip teachd a‑nìos, agus suidhe maille ris.
32A’ chuibhreann den sgriobtar a bha e a’ leughadh, b’i seo i: Thugadh e mar chaora a‑chum marbhaidh; agus mar uan a tha na thosd am fianais an fhir-lomairt, mar sin cha d’fhosgail e a bheul:
33Na ìsleachadh thugadh a bhreitheanas air falbh: agus cò a nochdas a ghinealach? Oir thogadh a bheatha on talamh.
34Agus fhreagair an caillteanach, agus thubhairt e ri Philip, Guidheam ort, cò uime a tha am fàidh ag ràdh seo, uime fhèin, no mu neach-eigin eile?
35An sin dh’fhosgail Philip a bheul, agus a’ tòiseachadh on sgriobtar sin, shearmonaich e Iosa dha.
36Agus nuair a dh’imich iad air an t‑slighe, thàinig iad gu uisge àraidh: agus thubhairt an caillteanach, Feuch, uisge; ciod a tha a’ bacadh mise a bhith air mo bhaisteadh?
37Agus thubhairt Philip, Ma tha thu a’ creidsinn led uile chridhe, faodaidh tu. Agus fhreagair e agus thubhairt e, Tha mi a’ creidsinn gur e Iosa Crìosd Mac Dhè.
38Agus dh’àithn e an carbad a sheasamh: agus chaidh iad sìos le chèile don uisge, araon Philip agus an caillteanach; agus bhaist e e.
39Agus nuair a thàinig iad a‑nìos as an uisge, thug Spiorad an Tighearna Philip leis, agus chan fhaca an caillteanach tuilleadh e: agus dh’imich e air aghaidh le gàirdeachas.
40Ach fhuaireadh Philip ann an Asotos: agus shearmonaich e anns na bailtean uile, a’ dol tron dùthaich, gus an tàinig e gu Cesarèa.

Currently Selected:

Gnìomharan 8: ABG1992

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

Video for Gnìomharan 8