1
Ròmanaich 10:9
Am Bìoball Gàidhlig 1992
ABG1992
Ma dh’aidicheas tu led bheul an Tighearna Iosa, agus ma chreideas tu ann ad chridhe gun do thog Dia o na mairbh e, gun saorar thu.
Compare
Explore Ròmanaich 10:9
2
Ròmanaich 10:10
Oir is ann leis a’ chridhe a chreidear a‑chum fìreantachd, agus leis a’ bheul a dh’aidichear a‑chum slàinte.
Explore Ròmanaich 10:10
3
Ròmanaich 10:17
Uime sin, is ann o èisdeachd a thig creideamh, agus èisdeachd tre fhacal Dhè.
Explore Ròmanaich 10:17
4
Ròmanaich 10:11-13
Oir tha an sgriobtar ag ràdh, Ge bè neach a chreideas annsan cha nàraichear e. Oir chan eil eadar-dhealachadh eadar an t‑Iùdhach agus an Greugach: oir an aon Tighearna a tha os cionn nan uile, tha e saoibhir do na h‑uile a ghairmeas air. Oir ge bè neach a ghairmeas air ainm an Tighearna tèarnar e.
Explore Ròmanaich 10:11-13
5
Ròmanaich 10:15
Agus cionnas a nì iad searmoin, mura cuirear iad? Mar a tha e sgrìobhte, Cia sgiamhach casan na muinntir sin a tha a’ searmonachadh soisgeul na sìthe, a tha a’ toirt sgeòil aoibhnich air nithean matha!
Explore Ròmanaich 10:15
6
Ròmanaich 10:14
Ach cionnas a ghairmeas iad airsan anns nach do chreid iad? Agus cionnas a chreideas iad anns an tì air nach cuala iad iomradh? Agus cionnas a chluinneas iad gun searmonaiche?
Explore Ròmanaich 10:14
7
Ròmanaich 10:4
Oir is e Crìosd crìoch an lagha a‑chum fìreantachd do gach neach a chreideas.
Explore Ròmanaich 10:4