Agus ma tha cuid de na geugan air am briseadh dheth, agus gu bheil thusa, a bha ad chrann-ola fiadhaich, air do shuidheachadh nam measg, agus maille riu a’ faotainn compàirt de fhreumh agus de reamhrachd a’ chroinn-ola;
Na dèan uaill an aghaidh nan geug: ach ma nì thu uaill nan aghaidh, cha tusa a dh’iomchaireas an fhreumh, ach an fhreumh thusa.