1
Eòin 12:26
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
Ma nì neach sam bith seirbheis dhòmhsa, feumaidh e mo leantainn; agus ge b' e àite anns am bi mise, an sin bidh mo sheirbheiseach cuideachd. Ma nì neach sam bith seirbheis dhòmhsa, bheir m' Athair urram dha.
Compare
Explore Eòin 12:26
2
Eòin 12:25
Ge b' e cò a ghràdhaicheas a bheatha, caillidh e i, agus esan a dh'fhuathaicheas a bheatha anns an t‑saoghal seo, gleidhidh e i airson na beatha sìorraidh.
Explore Eòin 12:25
3
Eòin 12:24
Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, mura tuit gràinne cruithneachd dhan talamh agus gum bàsaich i, fanaidh i na h‑aonar, ach ma bhàsaicheas i, bheir i a‑mach toradh mòr.
Explore Eòin 12:24
4
Eòin 12:46
Tha mi air tighinn a‑steach dhan t‑saoghal nam sholas, airson 's, ge b' e cò a chreideas annamsa, nach fan e anns an dorchadas.
Explore Eòin 12:46
5
Eòin 12:47
“Ma chluinneas neach sam bith mo bhriathran‑sa, agus nach cùm e iad, chan eil mise a' toirt breith air. Oir cha tàinig mi airson breith a thoirt air an t‑saoghal, ach airson an saoghal a shaoradh.
Explore Eòin 12:47
6
Eòin 12:3
An uair sin ghabh Màiri mu leth liotair de dh'fhìor nàrd, acfhainn fìor chosgail, agus dh'ung i casan Ìosa agus thiormaich i a chasan le a falt. Chaidh an taigh a lìonadh le fàileadh cùbhraidh na h‑acfhainne.
Explore Eòin 12:3
7
Eòin 12:13
Ghlac iad geugan pailme, agus chaidh iad a‑mach ga choinneachadh, ag èigheach, “Hosanna!” “Is beannaichte esan a tha a' tighinn ann an ainm an Tighearna!” “Rìgh Israeil!”
Explore Eòin 12:13
8
Eòin 12:23
Agus fhreagair Ìosa iad, “Tha an uair air tighinn airson Mac an Duine a bhith air a ghlòrachadh.
Explore Eòin 12:23
Home
Bible
Plans
Videos