1
Eòin 5:24
An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017
“Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e a chluinneas m' fhaclan agus a chreideas esan a chuir a‑mach mi, tha a' bheatha shìorraidh aige agus cha tig e a‑steach do bhreitheanas, ach chaidh a thoirt a‑mach à bàs gu beatha.
Compare
Explore Eòin 5:24
2
Eòin 5:6
Nuair a chunnaic Ìosa an duine seo na laighe, agus fios aige gun robh e air a bhith ùine mhòr mar sin mu thràth, thuirt e ris, “A bheil thu ag iarraidh a bhith slàn?”
Explore Eòin 5:6
3
Eòin 5:39-40
Tha sibh a' rannsachadh nan Sgriobtar, oir tha sibh a' smaoineachadh gu bheil a' bheatha shìorraidh agaibh annta sin, agus is iad sin a tha a' toirt fianais mum dheidhinn, ach chan e ur toil tighinn thugam, airson 's gum bi beatha agaibh.
Explore Eòin 5:39-40
4
Eòin 5:8-9
Thuirt Ìosa ris, “Èirich! tog do leabaidh agus coisich.” Anns a' bhad dh'fhàs an duine slàn agus thog e a leabaidh agus bha e a' coiseachd mun cuairt. B' e an t‑Sàbaid a bh' ann air an latha sin.
Explore Eòin 5:8-9
5
Eòin 5:19
Mar sin fhreagair Ìosa iad, “Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach eil e comasach dhan Mhac rud sam bith a dhèanamh uaithe fhèin, ach na chì e an t‑Athair a' dèanamh, oir gach rud a bhios esan a' dèanamh tha am Mac a' dèanamh cuideachd.
Explore Eòin 5:19
Home
Bible
Plans
Videos