Ghabh Ìosa na lofaichean, agus nuair a rinn e altachadh, roinn e iad air a' mhuinntir a bha nan suidhe. Rinn e an aon rud leis na h‑èisg – na h‑uimhir is a bu mhiann leotha.
Nuair a bha iad air an riarachadh, thuirt e ri a dheisciobail, “Cruinnichibh na criomagan a th' air am fàgail gus nach tèid rud sam bith a dholaidh.”