1
Genesis 25:23
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
Agus thubhairt an Tighearna rithe, Tha dà chinneach ad bholg, agus bidh dà shluagh air an sgaradh od innibh: agus bidh aon sluagh dhiubh seo nas treasa na an sluagh eile; agus nì esan as sine seirbhis dhàsan as òige.
Compare
Explore Genesis 25:23
2
Genesis 25:30
Agus thubhairt Esau ri Iàcob, Leig dhomh ithe, guidheam ort, den bhrochan dhearg sin fhèin; oir tha mi fann: uime sin thugadh Edom mar ainm air.
Explore Genesis 25:30
3
Genesis 25:21
Agus ghuidh Isaac an Tighearna airson a mhnà, a chionn gu robh i neo‐thorrach: agus dh’èisd an Tighearna ris, agus dh’fhàs Rebecah a bhean torrach.
Explore Genesis 25:21
4
Genesis 25:32-33
Agus thubhairt Esau, Feuch, tha mi dlùth don bhàs; agus ciod an tairbhe a tha anns a’ chòir‐bhreithe seo dhòmhsa? Agus thubhairt Iàcob, Mionnaich dhòmhsa an‑diugh; agus mhionnaich e dha: agus reic e a chòir‐bhreithe ri Iàcob.
Explore Genesis 25:32-33
5
Genesis 25:26
Agus na dhèidh sin thàinig a bhràthair a‑mach, agus greim aig a làimh air sàil Esau; agus thugadh Iàcob mar ainm air: agus bha Isaac trì‐fichead bliadhna a dh’aois nuair a rugadh iad.
Explore Genesis 25:26
6
Genesis 25:28
Agus ghràdhaich Isaac Esau, a chionn gun d’ith e de a shidhinn; ach ghràdhaich Rebecah Iàcob.
Explore Genesis 25:28
Home
Bible
Plans
Videos