Agus fhreagair Iosa e, Is i seo a’ chiad àithne de na h‑àitheantan uile. Èisd, O Israeil, an Tighearna ar Dia‐ne is aon Tighearna e;
Agus gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, agus led uile inntinn, agus led uile neart: is i seo a’ chiad àithne:
Agus is cosmhail an dara àithne rithe seo, Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin: chan eil àithne eile ann as mò na iad seo.