Marcus 12
12
1 Dh’innis Crìosd ro‑làimh diùltadh nan Iùdhach, agus gairm nan Cinneach. 13 Sheachain e na ribean a chuir na Pharasaich, agus na Heròdianaich roimhe: 18 nochd e mearachd nan Sadusach mu thimcheall aiseirigh nam marbh.
1Agus thòisich e air labhairt riu ann an cosamhlachdan. Shuidhich duine àraidh fìonlios#Mat 21:33; Lùc 20:9, etc., agus chuir e gàrradh mun cuairt air, agus chladhaich e ionad‐bruthaidh nam fìondhearc, agus thog e tùr, agus shuidhich e air tuath e, agus ghabh e a thuras as a dhùthaich.
2Agus anns an àm dhligheach chuir e seirbhiseach a dh’ionnsaigh na tuatha, a‑chum gum faigheadh e de thoradh an fhìonlios on tuath.
3Ach air dhaibhsan a ghlacadh, bhuail iad e, agus chuir iad uapa falamh e.
4Agus a‑rìs chuir e seirbhiseach eile dan ionnsaigh: agus chlach iad e, agus reub iad a cheann, agus chuir iad uapa e le eas‐urram.
5Agus a‑rìs chuir e neach eile dan ionnsaigh; agus esan mharbh iad: agus mòran eile, a’ bualadh cuid dhiubh#Neh 9:30; Ier 7:25, etc., agus a’ marbhadh cuid eile#Mat 23:37.
6Fhathast uime sin, air dha aon mhac a bhith aige, a b’ionmhainn leis, chuir e esan mar an ceudna fa‑dheòidh dan ionnsaigh#Eabh 1:1, 2, ag ràdh, Bheir iad urram dom mhac.
7Ach thubhairt an tuath sin nam measg fhèin, Is e seo an t‑oighre; thigibh, marbhamaid e, agus bidh an oighreachd againn fhèin.
8Agus rug iad air, agus mharbh iad e, agus thilg iad a‑mach as an fhìonlios e#Eabh 13:12.
9Ciod e uime sin a nì tighearna an fhìonlios? Thig e agus sgriosaidh e an tuath sin, agus bheir e am fìonlios do dhaoine eile.
10Nach do leugh sibh an sgriobtar seo? A’ chlach a dhiùlt na clachairean#Salm 118:22, rinneadh ceann na h‑oisinn dhith.
11Rinneadh seo leis an Tighearna, agus is iongantach e nar sùilean‐ne.
12Agus dh’iarr iad breith air, ach bha eagal an t‑sluaigh orra; oir thuig iad gum b’ann nan aghaidh fhèin a labhair e an cosamhlachd: agus air fhàgail dhaibh, dh’imich iad romhpa.
13Agus chuir iad da ionnsaigh dream àraidh de na Pharasaich#Mat 22:15; Lùc 20:20, etc., agus de luchd‐leanmhainn Heroid, a‑chum gun glacadh iad e na chainnt.
14Agus air dhaibhsan teachd, thubhairt iad ris, A Mhaighistir, tha fhios againn gu bheil thusa fìrinneach, agus nach eil suim agad de neach air bith: oir chan eil thu ag amharc air gnùis dhaoine, ach a’ teagasg slighe Dhè ann am fìrinn. A bheil e ceadaichte cìs a thoirt do Chèasar no nach eil? An tabhair no nach tabhair sinn i?
15Ach air dhàsan an cealg a thuigsinn, thubhairt e riu, Carson a tha sibh gam bhuaireadh? Thugaibh pèighinn am ionnsaigh, a‑chum gum faic mi i.
16Agus thug iad da ionnsaigh i. Agus thubhairt e riu, Cò dom buin an ìomhaigh seo, agus an sgrìobhadh seo? Agus thubhairt iadsan ris, Do Chèasar.
17Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Thugaibh do Chèasar na nithean as le Cèasar#Mat 17:25‐27; Ròm 13:7; 1 Pead 2:17, agus do Dhia na nithean as le Dia#Ecl 5:4, 5; Mal 1:6. Agus ghabh iad iongantas ris.
18An sin thàinig na Sadusaich da ionnsaigh#Mat 22:23; Lùc 20:27, a tha ag ràdh nach eil aiseirigh ann#Gnìo 23:8; agus dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh,
19A Mhaighistir, sgrìobh Maois dhuinne#Deut 25:5, Nam faigheadh bràthair duine air bith bàs, agus gum fàgadh e bean, agus nach fàgadh e clann, gun gabhadh a bhràthair a bhean da ionnsaigh, agus gun togadh e sliochd da bhràthair.
20A‑nis bha seachdnar bhràithrean ann: agus ghabh an ciad fhear dhiubh bean, agus nuair a dh’eug e, cha d’fhàg e sliochd.
21Agus ghabh an dara fear i, agus fhuair esan bàs, agus cha mhò a dh’fhàg esan sliochd: agus an treas fear mar an ceudna.
22Agus ghabh an t‑seachdnar i, agus cha d’fhàg iad sliochd: nan dèidh uile, chaochail a’ bhean mar an ceudna.
23Anns an aiseirigh uime sin, nuair a dh’èireas iad, cò dhiubh dom bean i? Oir bha i aig an t‑seachdnar na mnaoi.
24Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Nach eil sibh uime sin ann am mearachd, do bhrìgh nach eil eòlas agaibh air na sgriobtairean no air cumhachd Dhè?
25Oir nuair a dh’èireas iad o na mairbh, cha phòs iad, cha mhò a bheirear ann am pòsadh iad; ach tha iad mar na h‑ainglean a tha air nèamh#1 Cor 15:42‐53.
26Ach mu thimcheall nam marbh, gun èirich iad, nach do leugh sibh ann an leabhar Mhaois, cionnas a labhair Dia ris anns a’ phreas, ag ràdh, Is mise Dia Abrahàim#Ecs 3:6, agus Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib?
27Chan e Dia nam marbh e, ach Dia nam beò: tha sibhse uime sin ann am mearachd mòr.
28Agus thàinig neach de na sgrìobhaichean#Mat 22:35, agus nuair a chuala e iadsan a’ deasbaireachd ri chèile, agus a thuig e gun do fhreagair e gu math iad, chuir e ceist air, Cia i a’ chiad àithne de na h‑àitheantan uile?
29Agus fhreagair Iosa e, Is i seo a’ chiad àithne de na h‑àitheantan uile. Èisd, O Israeil, an Tighearna ar Dia‐ne is aon Tighearna e#Deut 6:4, 5; Lùc 10:27;
30Agus gràdhaichidh tu an Tighearna do Dhia led uile chridhe, agus led uile anam, agus led uile inntinn, agus led uile neart: is i seo a’ chiad àithne:
31Agus is cosmhail an dara àithne rithe seo, Gràdhaichidh tu do choimhearsnach mar thu fhèin#Lebh 19:18; Mat 22:39; Ròm 13:9: chan eil àithne eile ann as mò na iad seo.
32Agus thubhairt an sgrìobhaiche ris, Is math gu fìrinneach, a Mhaighistir, a thubhairt thu: oir tha aon Dia ann, agus chan eil atharrach ann ach e fhèin.
33Agus esan a ghràdhachadh leis an uile chridhe, agus leis an uile thuigse, agus leis an uile anam, agus leis an uile neart, agus neach a ghràdhachadh a choimhearsnaich mar e fhèin, is mò sin na na h‑uile làn ìobairtean‐loisgte agus thabhartas#1 Sam 15:22; Hos 6:6; Mic 6:6‐8.
34Agus nuair a chunnaic Iosa gun do fhreagair e gu tuigseach, thubhairt e ris, Chan eil thu fada o rìoghachd Dhè. Agus cha robh de mhisnich aig neach air bith o sin suas ceist a chur air.
35Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e, a’ teagasg anns an teampall, Cionnas a tha na sgrìobhaichean ag ràdh gur e Crìosd mac Dhaibhidh#Mat 22:41; Lùc 20:41, etc.?
36Oir thubhairt Daibhidh fhèin tron Spiorad Naomh, Thubhairt an Tighearna rim Thighearna‐sa, Suidh air mo làimh dheis, gus an cuir mi do naimhdean nan stòl fod chasan#Salm 110:1.
37Air an adhbhar sin, tha Daibhidh fhèin a’ gairm a Thighearna dheth; cionnas mas eadh is e a mhac e? Agus dh’èisd am mòr‐shluagh ris gu taitneach.
38Agus thubhairt e riu na theagasg, Bithibh air ur faicill o na sgrìobhaichean#Marc 4:2, leis an ionmhainn imeachd ann an culaidhean fada agus fàilte fhaotainn air na margaidhean#Mat 23:1; Lùc 20:46, etc.;
39Agus na ciad chathraichean anns na sionagogan, agus na ciad àiteachan‐suidhe aig na fèillean;
40A dh’itheas suas taighean bhantrach#2 Tim 3:6, agus air sgàth deagh choslais a nì ùrnaighean fada: gheibh iad sin an dìteadh as mò.
41Agus air do Iosa suidhe fa chomhair àite‐coimhead an ionmhais#Lùc 21:1, etc., thug e fa‑near cionnas a bha am poball a’ cur an airgid anns an ionmhas: agus chuir mòran de dhaoine saoibhir mòran ann.
42Agus air teachd do bhantraich bhochd, thilg i dà bhonn bheag ann, a nì feòirling.
43Agus air dha a dheisciobail a ghairm da ionnsaigh, thubhairt e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun do chuir a’ bhantrach bhochd seo tuilleadh anns an ionmhas na iadsan uile a thilg ann#2 Cor 8:2, 13.
44Oir thilg iadsan uile ann dem mòr‐phailteas; ach thilg ise as a gainne na bha aice uile, eadhon a beathachadh gu h‑iomlan.
Currently Selected:
Marcus 12: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017