YouVersion Logo
Search Icon

Marcus 13

13
1 Dh’innis Crìosd ro‑làimh sgrios an teampaill, 9 geur‐leanmhainn airson an t‑soisgeil, 10 gur èigin an soisgeul a bhith air a shearmonachadh do gach uile chinneach; 14 agus gun tig àmhgharan mòra air na h‑Iùdhaich.
1Agus nuair a bha e a’ dol a‑mach as an teampall#Mat 24:1, etc.; Lùc 21:5, etc., thubhairt neach de a dheisciobail ris, A Mhaighistir, feuch ciod a’ ghnè chlach, agus ciod a’ ghnè aitreibh seo!
2Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e ris, Am faic thu an aitreabh mhòr seo? Chan fhàgar clach air muin cloiche, nach sgarar o chèile#Lùc 19:44.
3Agus nuair a shuidh e air Sliabh nan Crann‐ola, fa chomhair an teampaill, dh’fheòraich Peadar, agus Seumas, agus Eòin, agus Anndras, ann an uaigneas dheth,
4Innis dhuinne cuin a bhios na nithean sin, agus ciod e an comharradh nuair a bhios na nithean sin gu lèir air an coileanadh?
5Agus fhreagair Iosa iad, agus thòisich e air a ràdh, Thugaibh an aire nach meall aon neach sibh#Ier 29:8; Eph 5:6; 2 Tes 2:3; Tais 20:7, 8:
6Oir thig mòran ann am ainm‐sa, ag ràdh, Is mise e: agus meallaidh iad mòran.
7Agus nuair a chluinneas sibh cogaidhean, agus tuairisgeal chogaidhean, na biodh buaireas oirbh: oir is èiginn dhaibh seo teachd; ach chan eil a’ chrìoch ann fhathast.
8Oir èiridh cinneach an aghaidh cinnich, agus rìoghachd an aghaidh rìoghachd: agus bidh crithean‐talmhainn ann an iomadh àit, agus bidh gortan agus trioblaidean ann#Gnìo 11:28: is iad sin toiseach dhòrainnean.
9Ach thugaibh an aire dhuibh fhèin; oir bheir iad thairis sibh do chomhairlean#Mat 10:17, etc.; Tais 2:10: agus anns na sionagogan sgiùrsar sibh, agus cuirear sibh an làthair uachdaran agus rìghrean air mo shon‐sa, mar fhianais dhaibhsan.
10Agus is èiginn air tùs an soisgeul a bhith air a shearmonachadh do na h‑uile chinnich#Mat 28:19; Tais 14:6.
11Ach nuair a bheir iad leo sibh, gu ur tabhairt thairis, na biodh e na ro‑chùram oirbh ciod e a labhras sibh, agus na smaoinichibh ro‑làimh air: ach ge bè nì a bheirear dhuibh anns an uair sin fhèin, abraibh e: oir cha sibhse a tha a’ labhairt, ach an Spiorad Naomh#Gnìo 2:4; 4:8, 31.
12Agus bheir am bràthair a bhràthair thairis a‑chum bàis#Marc 13:33, 35, agus an t‑athair a mhac: agus èiridh a’ chlann suas an aghaidh am pàrantan, agus bheir iad fa‑near an cur gu bàs.
13Agus bidh sibh air ur fuathachadh leis na h‑uile dhaoine air sgàth m’ainme‐sa#Lùc 6:22; Eòin 17:14: ach an tì a bhuanaicheas a‑chum na crìche, is e seo a shaorar#Tais 2:10.
14Ach nuair a chì sibh gràinealachd an lèirsgrios, air an do labhair Daniel am fàidh#Daniel 9:27, na seasamh anns an ionad anns nach bu chòir dhi (tuigeadh an tì a leughas), an sin teicheadh iadsan a tha ann an tìr Iudèa a‑chum nam beann:
15Agus na tigeadh esan a tha air mullach an taighe a‑nuas don taigh, agus na rachadh e a‑steach a thoirt nì air bith as a thaigh:
16Agus an tì a tha anns a’ mhachair, na tilleadh e air ais a thogail a fhallaing leis.
17Ach mo thruaighe iad na mnathan sin a tha torrach, agus iadsan a tha a’ toirt cìche anns na làithean sin!
18Agus guidhibh‐se gun ur teicheadh a bhith anns a’ gheamhradh.
19Oir bidh àmhghar anns na làithean sin#Daniel 12:1; Ioel 2:2, amhail nach robh a leithid ann o thoiseach na cruitheachd a chruthaich Dia gus a‑nis, agus nach mò a bhios.
20Agus mura giorraicheadh an Tighearna na làithean ud, cha rachadh feòil air bith as: ach airson an t‑sluaigh thaghte, a thagh e fhèin, ghiorraich e na làithean ud.
21Agus an sin ma their neach air bith ribh, Feuch, tha Crìosd an seo#Lùc 17:23, no, Feuch, tha e an sin, na creidibh e:
22Oir èiridh Crìosdan brèige, agus fàidhean brèige, agus nì iad comharraidhean, agus mìorbhailean a‑chum, nam bu chomasach e, na daoine taghte fhèin a mhealladh.
23Agus thugaibh‐se an aire#2 Pead 3:17: feuch, ro‑innis mi dhuibh na h‑uile nithean.
24Ach anns na làithean sin, an dèidh an àmhghair ud#Daniel 12:1; Seph 1:15‐17, bidh a’ ghrian air a dorchachadh, agus cha toir a’ ghealach a solas uaipe;
25Agus tuitidh reultan nèimh, agus bidh na cumhachdan a tha anns na nèamhan air an crathadh.
26Agus an sin chì iad Mac an Duine a’ teachd anns na neòil#Daniel 7:9‐14; Mat 16:27; Gnìo 1:11; 1 Tes 4:16; 2 Tes 1:7, 10; Tais 1:7, maille ri mòr‐chumhachd agus glòir.
27Agus an sin cuiridh e a aingil a‑mach, agus cruinnichidh e ri chèile a dhaoine taghte fhèin o na ceithir gaothan, o leth‐iomall na talmhainn gu leth‐iomall nèimh.
28A‑nis fòghlamaibh cosamhlachd on chraoibh‐fhìge. Nuair a bhios a geug a‑nis maoth, agus a chuireas i a‑mach a duilleach, tha fhios agaibh gu bheil an samhradh am fagas;
29Agus mar an ceudna sibhse, nuair a chì sibh na nithean sin a’ tachairt, biodh fhios agaibh gu bheil e am fagas, eadhon aig na dorsan.
30Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach tèid an ginealach seo thairis gus an coileanar na nithean sin uile.
31Thèid nèamh agus talamh thairis; ach cha tèid mo bhriathran‐sa thairis a‑chaoidh#Isa 40:8.
32Ach chan eil fhios an là no na h‑uaire sin aig neach air bith, chan eil aig na h‑ainglean a tha air nèamh, no aig a’ Mhac, ach aig an Athair.
33Thugaibh fa‑near#Mat 24:22; Lùc 12:40; Ròm 13:11, 12; 1 Tes 5:6; Tais 16:15, dèanaibh faire agus ùrnaigh; oir chan eil fhios agaibh cuin a thig an t‑àm.
34Oir tha Mac an Duine mar dhuine a chaidh air thuras#Mat 24:45; 25:14; Lùc 19:12, agus a dh’fhàg a thaigh fhèin, agus a thug da sheirbhisich cumhachd, agus a obair fhèin do gach neach, agus a thug àithne don dorsair faire a dhèanamh.
35Uime sin dèanaibh‐se faire, oir chan eil fhios agaibh cuin a thig maighistir an taighe; an ann air feasgar, no air mheadhon‐oidhche, no aig gairm‐choileach, no anns a’ mhadainn;
36Air eagal air teachd dha gu h‑obann, gum faigh e sibh nur cadal#Mat 25:5.
37Agus na nithean a tha mi ag ràdh ribhse, tha mi ag ràdh ris na h‑uile dhaoine, Dèanaibh faire.

Currently Selected:

Marcus 13: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

Video for Marcus 13