YouVersion Logo
Search Icon

Marcus 14

14
1 Comhairle an aghaidh Chrìosd. 3 Dhòirteadh oladh phrìseil air a cheann. 10 Reic Iùdas a Mhaighstir airson airgid. 12 Tha Crìosd fhèin ag innse ro‑làimh cionnas a bha e gu bhith air a bhrath le aon da dheisciobail.
1Agus bha a’ chàisg agus fèill an arain neo‐ghortaichte an dèidh dà là: agus dh’iarr na h‑àrd‐shagartan agus na sgrìobhaichean cionnas a ghlacadh iad esan le foill, agus a chuireadh iad gu bàs e.
2Ach thubhairt iad, Chan ann air an fhèill, air eagal gun èirich buaireas am measg an t‑sluaigh.
3Agus air bhith dha ann am Betani#Mat 26:6, etc.; Lùc 7:37; Eòin 12:1, etc., ann an taigh Shìmoin an lobhar, nuair a bha e na shuidhe aig bòrd, thàinig bean, aig an robh bocsa alabastair de ola spicnaird ro‑luachmhor; agus bhris i am bocsa, agus dhòirt i air a cheann e.
4Agus bha cuid dhiubh diombach annta fhèin, agus ag ràdh, Carson a rinneadh an t‑ana‐caitheamh seo air an ola?
5Oir dh’fhaodadh i a bhith air a reic airson tuilleadh na trì cheud pèighinn, agus air a toirt do na bochdan. Agus rinn iad gearan na h‑aghaidh.
6Ach thubhairt Iosa, Leigibh leatha; carson a tha sibh a’ cur dragh oirre? Rinn i obair mhath ormsa.
7Oir tha na bochdan a‑ghnàth maille ribh#Deut 15:11, agus ge bè uair as àill leibh, faodaidh sibh math a dhèanamh dhaibh: ach chan eil mise a‑ghnàth agaibh.
8Rinn i na dh’fhaodadh i; thàinig i ro‑làimh a dh’ungadh mo chuirp a‑chum adhlaic.
9Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Ge bè earrann air bith, air feadh an domhain uile, anns am bi an soisgeul seo air a shearmonachadh, bidh mar an ceudna an nì seo a rinn i air innse mar chuimhne oirre.
10Agus dh’imich Iùdas Iscariot#Mat 26:14, etc.; Lùc 22:3, etc., aon den dà‑fhear‐dheug, a‑chum nan àrd‐shagart, gu esan a bhrath dhaibh.
11Agus nuair a chuala iadsan seo, bha iad aoibhneach, agus gheall iad airgead a thoirt dha#1 Rìgh 21:20. Agus dh’iarr e cionnas a dh’fhaodadh e gu h‑iomchaidh esan a bhrath.
12Agus air a’ chiad là de fhèill an arain neo‐ghortaichte#Ecs 12:8, etc., nuair a bu ghnàth leo an t‑uan‐càisge a mharbhadh, thubhairt a dheisciobail ris, Càit an toil leat sinne a dhol a dh’ullachadh, a‑chum gun itheadh tu a’ chàisg?
13Agus chuir e dithis de a dheisciobail, agus thubhairt e riu, Rachaibh a‑steach don bhaile, agus coinnichidh duine sibh a’ giùlan soitheach uisge: leanaibh e.
14Agus ge bè àit an tèid e a‑steach, abraibh‐se ri fear‐an‑taighe, Tha am Maighistir ag ràdh, Càit a bheil an seòmar‐aoigheachd, anns an ith mi a’ chàisg maille rim dheisciobail?
15Agus nochdaidh esan dhuibh seòmar àrd, farsaing, na làn uidheam agus deasaichte: an sin ullaichibh dhuinn.
16Agus chaidh a dheisciobail a‑mach, agus thàinig iad don bhaile, agus fhuair iad mar a thubhairt e riu; agus dh’ullaich iad a’ chàisg.
17Agus air teachd don fheasgar#Mat 26:20‐25; Lùc 22:14, 21‐23; Eòin 13:21‐26, thàinig esan maille ris an dà‑fhear‐dheug.
18Agus nuair a bha iad nan suidhe, agus ag ithe, thubhairt Iosa, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum brath aon agaibhse, a tha ag ithe maille rium, mise#Salm 41:9; 55:13, 14.
19Agus thòisich iad air a bhith dubhach, agus a ràdh ris, an dèidh a chèile, Am mise e? Agus fear eile, Am mise e?
20Agus air freagairt dhàsan thubhairt e riu, Is fear den dà‑fhear‐dheug e, a tha a’ tumadh maille riumsa anns a’ mhèis.
21Tha Mac an Duine gu deimhinn ag imeachd, mar a tha e sgrìobhte uime, ach is an‑aoibhinn don fhear sin lem bràthar Mac an Duine: bu mhath don duine sin mura beirte riamh e#Mat 18:6, 7.
22Agus ag ithe dhaibh, ghlac Iosa aran#Mat 26:26, etc.; Lùc 22:19; 1 Cor 11:23, etc., agus an dèidh a bheannachadh, bhris e, agus thug e dhaibhsan e, agus thubhairt e, Gabhaibh, ithibh: is e seo mo chorp‐sa.
23Agus air glacadh a’ chupain, agus air tabhairt buidheachais, thug e dhaibhsan e: agus dh’òl iad uile as.
24Agus thubhairt e riu, Is i seo m’fhuil‐sa an tiomnaidh nuaidh#1 Cor 10:16; Eabh 9:14‐22; 10:4‐14, a dhòirtear airson mhòran#1 Eòin 2:2.
25Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach òl mi nas mò de thoradh na fìonain gus an là sin anns an òl mi nuadh e ann an rìoghachd Dhè.
26Agus air dhaibh laoidh a sheinn, chaidh iad a‑mach gu Sliabh nan Crann‐ola.
27Agus thubhairt Iosa riu, Gheibh sibh uile oilbheum annamsa a‑nochd: oir tha e sgrìobhte, Buailidh mi am buachaille#Sech 13:7, agus sgapar na caoraich.
28Ach an dèidh dhomh èirigh, thèid mi romhaibh do Ghalile#Marc 16:7.
29Ach thubhairt Peadar ris, Ged fhaigh iadsan uile oilbheum annad, gidheadh chan fhaigh mise e#Mat 26:33, 34; Lùc 22:33, 34; Eòin 13:37, 38.
30Agus thubhairt Iosa ris, Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut, An‑diugh, air an oidhche seo fhèin, mun goir an coileach dà uair, gun àich thusa mi trì uairean.
31Ach is ro‑mhò a thubhairt esan, Ged is èiginn dhomh am bàs fhulang maille riut, chan àich mi a‑chaoidh thu. Agus mar sin thubhairt càch uile mar an ceudna.
32Agus thàinig iad gu ionad dom b’ainm Getsemane#Mat 26:36, etc.; Lùc 22:39, etc.; Eòin 18:1, etc.; agus thubhairt e ra dheisciobail, Suidhibh‐se an seo, gus an dèan mise ùrnaigh.
33Agus thug e leis Peadar, agus Seumas, agus Eòin, agus thòisich e air a bhith fo uamh‐chrith, agus fo anabarr bròin;
34Agus thubhairt e riu, Tha m’anam ro‑bhrònach#Eòin 12:27, eadhon gu bàs: fanaibh‐se an seo, agus dèanaibh faire.
35Agus chaidh e beagan air aghaidh, agus thuit e air an talamh, agus rinn e ùrnaigh, nam bu chomasach e gun rachadh an uair thairis air#Eabh 5:7.
36Agus thubhairt e, Abba#Ròm 8:15; Gal 4:6, Athair, tha gach nì so‑dhèanamh dhutsa; cuir an cupan seo seachad orm: gidheadh, na b’e an nì a b’àill leamsa, ach an nì as toil leatsa#Eòin 5:30; 6:38, 39.
37Agus thàinig e, agus fhuair e iadsan nan cadal, agus thubhairt e ri Peadar, A Shìmoin, a bheil thu ad chadal? Nach b’urrainn thu faire a dhèanamh aon uair?
38Dèanaibh faire agus ùrnaigh, a‑chum nach tuit sibh ann am buaireadh: tha an spiorad gu deimhinn togarrach#Ròm 7:18‐25; Gal 5:17, ach tha an fheòil anfhann.
39Agus air dha imeachd a‑rìs, rinn e ùrnaigh, ag ràdh nam briathran ceudna.
40Agus nuair a thill e, fhuair e iad a‑rìs nan cadal, oir bha an sùilean trom, agus cha robh fhios aca cionnas a bheireadh iad freagradh air.
41Agus thàinig e an treas uair, agus thubhairt e riu, Caidlibh romhaibh a‑nis, agus gabhaibh fois: is leòr e, thàinig an uair#Eòin 7:30; feuch, tha Mac an Duine air a bhrath thairis do làmhan nam peacach.
42Eiribh, imicheamaid; feuch, tha an tì a bhrathas mise am fagas.
43Agus air ball#Mat 26:47; Lùc 22:47, etc.; Eòin 18:3, etc., air dha a bhith fhathast a’ labhairt, thàinig Iùdas, aon den dà‑fhear‐dheug, agus sluagh mòr maille ris le claidheamhan agus bataichean, o na h‑àrd‐shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus na seanairean.
44Agus bha an tì a bhrath esan air toirt comharraidh dhaibh, ag ràdh, Ge bè neach don toir mise pòg#2 Sam 20:9; Salm 55:21; Gnà 27:6, is e sin e; glacaibh e, agus thugaibh leibh e gu tèarainte.
45Agus air teachd dha, chaidh e air ball da ionnsaigh‐san, agus thubhairt e, Fàilte dhut, a Mhaighistir; agus phòg e e.
46Agus chuir iadsan làmh ann, agus ghlac iad e.
47Agus air tarraing claidheimh do fhear de na bha an làthair, bhuail e òglach an àrd‐shagairt, agus gheàrr e a chluas dheth.
48Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, An tàinig sibh a‑mach gam ghlacadh‐sa, mar gum b’ann an aghaidh fir‐reubainn le claidheamhan agus le bataichean?
49Bha mi gach là maille ribh anns an teampall, a’ teagasg, agus cha do ghlac sibh mi: ach tha seo a‑chum gum biodh na sgriobtairean air an coileanadh#Salm 22:1, etc.; Isa 53:3, etc.; Lùc 24:44.
50Agus air do na h‑uile a thrèigsinn#Isa 63:3, theich iad.
51Agus lean òganach àraidh e, aig an robh lìon‐aodach air a chur ma chorp lomnochd: agus rug na h‑òganaich air.
52Ach air dhàsan an lìon‐aodach fhàgail#Marc 13:16, theich e lomnochd uapa.
53Agus thug iad leo Iosa a‑chum an àrd‐shagairt: agus chruinnicheadh maille ris na h‑àrd‐shagartan uile, agus na seanairean, agus na sgrìobhaichean.
54Agus lean Peadar e fada uapa, gus an deachaidh e a‑steach do thalla an àrd‐shagairt: agus bha e na shuidhe maille ris na seirbhisich, agus ga gharadh ris an teine.
55Agus dh’iarr na h‑àrd‐shagartan agus a’ chomhairle uile fianais an aghaidh Iosa, a‑chum a chur gu bàs; agus cha d’fhuair iad.
56Oir rinn mòran dhaoine fianais bhrèige na aghaidh#Salm 35:11, ach cha do chòrd am fianais ri chèile.
57Agus dh’èirich dream àraidh, agus thug iad fianais bhrèige na aghaidh, ag ràdh,
58Chuala sinne e ag ràdh, Leagaidh mi sìos an teampall seo, a rinneadh le làmhan#Marc 15:29; Eòin 2:19, agus ann an trì làithean togaidh mi teampall eile, nach do rinneadh le làmhan.
59Agus mar sin fhèin cha robh am fianais a’ teachd ri chèile.
60Agus air èirigh suas don àrd‐shagart anns a’ mheadhon, chuir e ceist air Iosa, ag ràdh, Nach toir thu freagradh air bith uat? Ciod sin mu bheil iad seo a’ toirt fianais ad aghaidh?
61Ach dh’fhan esan na thosd#Isa 53:7; 1 Pead 2:23, agus cha do fhreagair e nì sam bith. A‑rìs dh’fheòraich an t‑àrd‐shagart dheth, agus thubhairt e ris, An tu Crìosd, mac an tì bheannaichte?
62Agus thubhairt Iosa, Is mi: agus chì sibh Mac an Duine na shuidhe air deaslàimh cumhachd Dhè#Daniel 7:13; Mat 24:30; Tais 1:7, agus a’ teachd le neòil nèimh.
63An sin reub an t‑àrd‐shagart a aodach, agus thubhairt e, Ciod am feum a tha againn tuilleadh air fianaisean?
64Chuala sibh an toibheum: ciod i ur barail‐se? Agus thug iad uile breith na aghaidh gun do thoill e am bàs.
65Agus thòisich cuid dhiubh air smugaid a thilgeadh air#Isa 50:6, agus a aghaidh fhalach, agus a bhualadh lem basan, agus a ràdh ris, Dèan fàidheadaireachd: agus ghabh na seirbhisich air le slatan.
66Agus air do Pheadar a bhith shìos anns an talla#Mat 26:69, etc.; Lùc 22:55, etc.; Eòin 18:16, etc., thàinig aon de bhanoglaich an àrd‐shagairt:
67Agus nuair a chunnaic i Peadar ga gharadh, agus air dhi beachdachadh air, thubhairt i ris, Bha thusa cuideachd maille ri Iosa o Nàsaret.
68Ach dh’àich esan, ag ràdh, Chan aithne dhomh, agus chan eil mi a’ tuigsinn ciod a tha thu ag ràdh. Agus chaidh esan a‑mach don fhor‐dhoras; agus ghoir an coileach.
69Agus air do bhanoglaich fhaicinn a‑rìs, thòisich i air a ràdh riùsan a bha nan seasamh an làthair, Is ann dhiubh a tha am fear seo.
70Agus dh’àich e a‑rìs. Agus an ceann beagan na dhèidh sin, thubhairt iadsan a bha nan seasamh an làthair a‑rìs ri Peadar, Gu fìrinneach is ann dhiubh siud thu: oir is Galilèach thu#Gnà 2:7, agus tha do chainnt cosmhail riu.
71Ach thòisich esan air mallachadh agus air mionnachadh, ag ràdh, Chan aithne dhomh an duine seo mum bheil sibh a’ labhairt.
72Agus ghoir an coileach an dara uair. Agus chuimhnich Peadar am facal a thubhairt Iosa ris, Mun goir an coileach dà uair, àichidh tu mi trì uairean. Agus nuair a smaoinich e air, ghuil e.

Currently Selected:

Marcus 14: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in