1
Marcus 14:36
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
Agus thubhairt e, Abba, Athair, tha gach nì so‑dhèanamh dhutsa; cuir an cupan seo seachad orm: gidheadh, na b’e an nì a b’àill leamsa, ach an nì as toil leatsa.
Compare
Explore Marcus 14:36
2
Marcus 14:38
Dèanaibh faire agus ùrnaigh, a‑chum nach tuit sibh ann am buaireadh: tha an spiorad gu deimhinn togarrach, ach tha an fheòil anfhann.
Explore Marcus 14:38
3
Marcus 14:9
Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Ge bè earrann air bith, air feadh an domhain uile, anns am bi an soisgeul seo air a shearmonachadh, bidh mar an ceudna an nì seo a rinn i air innse mar chuimhne oirre.
Explore Marcus 14:9
4
Marcus 14:34
Agus thubhairt e riu, Tha m’anam ro‑bhrònach, eadhon gu bàs: fanaibh‐se an seo, agus dèanaibh faire.
Explore Marcus 14:34
5
Marcus 14:22
Agus ag ithe dhaibh, ghlac Iosa aran, agus an dèidh a bheannachadh, bhris e, agus thug e dhaibhsan e, agus thubhairt e, Gabhaibh, ithibh: is e seo mo chorp‐sa.
Explore Marcus 14:22
6
Marcus 14:23-24
Agus air glacadh a’ chupain, agus air tabhairt buidheachais, thug e dhaibhsan e: agus dh’òl iad uile as. Agus thubhairt e riu, Is i seo m’fhuil‐sa an tiomnaidh nuaidh, a dhòirtear airson mhòran.
Explore Marcus 14:23-24
7
Marcus 14:27
Agus thubhairt Iosa riu, Gheibh sibh uile oilbheum annamsa a‑nochd: oir tha e sgrìobhte, Buailidh mi am buachaille, agus sgapar na caoraich.
Explore Marcus 14:27
8
Marcus 14:42
Eiribh, imicheamaid; feuch, tha an tì a bhrathas mise am fagas.
Explore Marcus 14:42
9
Marcus 14:30
Agus thubhairt Iosa ris, Gu deimhinn tha mi ag ràdh riut, An‑diugh, air an oidhche seo fhèin, mun goir an coileach dà uair, gun àich thusa mi trì uairean.
Explore Marcus 14:30
Home
Bible
Plans
Videos