Marcus 11
11
1 Mharcaich Iosa gu buadhach do Ierusalem; 12 mhallaich e a’ chraobh air an robh duilleach gun mheas; 15 ghlan e an teampall; 20 dh’earalaich e a dheisciobail a‑chum iad a bhith seasmhach anns a’ chreidimh, etc.
1Agus nuair a thàinig iad am fagas do Ierusalem#Mat 21:1, etc.; Lùc 19:29, etc.; Eòin 12:14, etc., gu Betphage agus Betani, aig Sliabh nan Crann‐ola, chuir e uaithe dithis de a dheisciobail.
2Agus thubhairt e riu, Rachaibh don bhaile ud thall far comhair; agus air ball nuair a thèid sibh a‑steach ann, gheibh sibh searrach ceangailte, air nach do shuidh aon duine riamh; fuasglaibh e, agus thugaibh leibh e.
3Agus ma their neach air bith ribh, Carson a tha sibh a’ dèanamh seo? Abraibh gu bheil feum aig an Tighearna air; agus air ball cuiridh e an seo e.
4Agus dh’imich iad, agus fhuair iad an searrach ceangailte a‑muigh aig an doras, aig coinneachadh dà shlighe; agus dh’fhuasgail iad e.
5Agus thubhairt cuid dhiubhsan, a bha nan seasamh an sin, riu, Carson a tha sibh a’ fuasgladh an t‑searraich?
6Agus thubhairt iadsan riu mar a dh’àithn Iosa dhaibh: agus leig iad uapa iad.
7Agus thug iad an searrach a‑chum Iosa, agus chuir iad am fallaingean air; agus shuidh esan air#Sech 9:9.
8Agus sgaoil mòran am fallaingean fhèin air an t‑slighe: agus gheàrr cuid eile geugan de na craobhan, agus sgaoil iad air an t‑slighe iad.
9Agus ghlaodh iadsan a bha ag imeachd roimhe, agus iadsan a bha ga leantainn, ag ràdh, Hosanna, is beannaichte an tì a tha a’ teachd ann an ainm an Tighearna#Salm 118:26!
10Is beannaichte rìoghachd ar n‑athar Daibhidh, a tha a’ teachd ann an ainm an Tighearna; Hosanna anns na h‑àrdan#Salm 148:1!
11Agus chaidh Iosa a‑steach do Ierusalem, agus don teampall; agus nuair a dh’amhairc e air gach nì mun cuairt#Seph 1:12; Esec 8:9, agus a bha am feasgar a‑nis air teachd, chaidh e a‑mach gu Betani maille ris an dà‑fhear‐dheug.
12Agus air an là màireach, nuair a chaidh iad a‑mach à Betani#Mat 21:18, etc., dh’fhàs e acrach.
13Agus air faicinn craoibh‐fhìge fada uaithe air an robh duilleach, thàinig e a dh’fheuchainn am faigheadh e nì sam bith oirre: agus air dha teachd da h‑ionnsaigh, cha d’fhuair e nì sam bith ach duilleach#Isa 5:7; oir cha robh àm tional nam fìgean fhathast ann.
14Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e rithe, Nar itheadh neach sam bith toradh dhìotsa o seo suas a‑chaoidh. Agus chuala a dheisciobail e.
15Agus thàinig iad gu Ierusalem#Mat 21:12, etc.; Lùc 19:45, etc.; Eòin 2:14, etc.: agus chaidh Iosa a‑steach don teampall, agus thòisich e air an dream a bha a’ reic agus a’ ceannach anns an teampall a chur a‑mach, agus thilg e thairis bùird luchd‐malairt an airgid#Deut 14:25, 26, agus cathraichean na muinntir a bha a’ reic chalaman;
16Agus chan fhulaingeadh e gun giùlaineadh neach sam bith soitheach tron teampall.
17Agus theagaisg e, ag ràdh riu, Nach eil e sgrìobhte, Goirear taigh ùrnaigh dem thaigh‐sa leis na h‑uile chinnich#Isa 7? Ach rinn sibhse na gharaidh luchd‐reubainn e#Ier 7:11.
18Agus chuala na sgrìobhaichean agus na h‑àrd‐shagartan seo, agus dh’iarr iad cionnas a dh’fhaodadh iad esan a mhilleadh: oir bha a eagal‐san orra, do bhrìgh gu robh an sluagh uile fo iongantas mòr ra theagasg#Marc 1:22; Mat 7:28; Lùc 4:32.
19Agus nuair a bha am feasgar air teachd, chaidh e a‑mach as a’ bhaile.
20Agus anns a’ mhadainn, a’ gabhail seachad dhaibh, chunnaic iad an crann‐fìge air crìonadh o a fhreumhan.
21Agus air cuimhneachadh do Pheadar, thubhairt e ris, A Mhaighistir, feuch, tha a’ chraobh‐fhìge, a mhallaich thu, air crìonadh.
22Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e riu, Biodh creideamh Dhè agaibh.
23Oir gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge bè neach a their ris a’ bheinn seo, Togar thu, agus tilgear anns an fhairge thu#Mat 17:20; Lùc 17:6, agus nach bi fo amharas na chridhe, ach a chreideas gun tachair na nithean a their e, thig gach nì a their e gu crìch dha.
24Air an adhbhar sin tha mi ag ràdh ribh, Ge bè nithean air bith a dh’iarras sibh ann an ùrnaigh#Mat 7:7; Eòin 14:13; 15:7; Seum 1:5, 6, creidibh gum faigh sibh, agus gheibh sibh iad.
25Agus nuair a sheasas sibh a’ dèanamh ùrnaigh, maithibh#Mat 6:14; Col 3:13, ma tha nì air bith agaibh an aghaidh aon duine; a‑chum gum maith ur n‑Athair a tha air nèamh ur peacaidhean fhèin dhuibhse.
26Ach mura maith sibhse#Mat 18:35, cha mhò a mhaitheas ur n‑Athair a tha air nèamh ur peacaidhean fhèin dhuibhse.
27Agus thàinig iad a‑rìs gu Ierusalem: agus air dhàsan a bhith a’ spaisdearachd#11:27 sràid‐imeachd. anns an teampall#Mat 21:23, etc.; Lùc 20:1, etc., thàinig da ionnsaigh na h‑àrd‐shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus na seanairean,
28Agus thubhairt iad ris, Ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil thu a’ dèanamh nan nithean seo? Agus cò a thug dhut an t‑ùghdarras seo a‑chum na nithean seo a dhèanamh?
29Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Feòraichidh mise mar an ceudna aon nì dhibhse, agus freagraibh mi, agus innsidh mise dhuibhse ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil mi a’ dèanamh nan nithean seo.
30An ann o nèamh no o dhaoine a thàinig baisteadh Eòin? Freagraibh mi.
31Agus bha iad a’ reusonachadh eatorra fhèin, ag ràdh, Ma their sinn, O nèamh; their esan rinn, Carson mas eadh nach do chreid sibh e?
32Ach ma their sinn, O dhaoine; bha eagal an t‑sluaigh orra; oir b’e meas nan uile air Eòin gum b’fhàidh e gu fìrinneach#Marc 6:20; Mat 3:5, 6.
33Agus air freagairt dhaibh, thubhairt iad ri Iosa, Chan eil fhios againn. Agus fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Cha mhò a dh’innseas mise dhuibhse ciod e an t‑ùghdarras leis a bheil mi a’ dèanamh nan nithean seo#Lùc 10:21, 22.
Currently Selected:
Marcus 11: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017