1
Marcus 8:35
Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992
Oir ge bè neach leis an àill a anam fhèin a choimhead, caillidh e e; ach ge bè neach a chailleas a anam air mo shon‐sa, agus airson an t‑soisgeil, coimheadaidh esan e.
Compare
Explore Marcus 8:35
2
Marcus 8:36
Oir ciod e an tairbhe do dhuine, ged a chosnadh e an saoghal gu h‑iomlan, agus a anam a chall?
Explore Marcus 8:36
3
Marcus 8:34
Agus air gairm an t‑sluaigh agus a dheisciobal da ionnsaigh, thubhairt e riu, Ge bè neach leis an àill teachd am dhèidh‐sa, àicheadh e e fhèin, agus togadh e a chrann‐ceusaidh, agus leanadh e mise.
Explore Marcus 8:34
4
Marcus 8:37-38
No ciod a bheir duine ann an èirig a anama? Oir ge bè neach a ghabhas nàire dhìomsa agus dem bhriathran anns a’ ghinealach adhaltranach agus olc seo, dhethsan gabhaidh Mac an Duine nàire, nuair a thig e ann an glòir a Athar, maille ris na h‑ainglean naomha.
Explore Marcus 8:37-38
5
Marcus 8:29
Agus thubhairt esan riu, Ach cò a tha sibhse ag ràdh as mi? Fhreagair Peadar agus thubhairt e ris, Is tu Crìosd.
Explore Marcus 8:29
Home
Bible
Plans
Videos