Marcus 8
8
1 Bheathaich Crìosd an sluagh gu miorbhaileach. 11 Dhiùlt e comharradh a thoirt do na Pharasaich: 14 dh’iarr e air a dheisciobail a bhith air am faicill an aghaidh taois ghoirt nam Pharasach agus Heroid: 22 thug e a radharc do dhuine dall.
1Anns na làithean sin#Mat 15:32, etc., air do shluagh ro‑mhòr a bhith ann, agus gun nì air bith aca ri ithe, ghairm Iosa a dheisciobail da ionnsaigh, agus thubhairt e riu,
2Tha truas mòr agam den t‑sluagh#Salm 145:8, 15; Eabh 5:2, do bhrìgh gun d’fhan iad a‑nis trì làithean maille rium, agus nach eil nì air bith aca ri ithe;
3Agus ma leigeas mi dan taighean fhèin nan trasg iad, fannaichidh iad air an t‑slighe: oir thàinig cuid aca am fad.
4Agus fhreagair a dheisciobail e, Cia as a dh’fhaodas neach iad seo a shàsachadh le aran an seo anns an fhàsach#Marc 6:36, 37, etc.?
5Agus dh’fhiosraich e dhiubh, Cia lìon buileann a tha agaibh? Agus thubhairt iadsan, Seachd.
6Agus thug e òrdagh don t‑sluagh suidhe sìos air an làr: agus ghlac e na seachd buileannan, agus air toirt buidheachais, bhris e, agus thug e iad da dheisciobail, a‑chum gun cuireadh iad nan làthair iad: agus chuir iad sìos an làthair an t‑sluaigh iad.
7Agus bha aca beagan a dh’èisg bheaga: agus bheannaich e iad#Mat 14:19, agus dh’àithn e an cur sìos nan làthair mar an ceudna.
8Agus dh’ith iad, agus shàsaicheadh iad: agus thog iad làn seachd basgaidean den bhiadh bhriste#1 Rìgh 17:14‐16; 2 Rìgh 4:2‐7, 42‐44, a bha a dh’fhuidheall aca.
9Agus bha iadsan a dh’ith mu thimcheall ceithir mìle; agus leig e air falbh iad.
10Agus air ball chaidh e a‑steach an luing maille ra dheisciobail, agus thàinig e gu crìochan Dhalmanuta#Mat 15:39.
11Agus thàinig na Pharasaich a‑mach#Mat 12:38; 16:1, etc.; Eòin 6:30: agus thòisich iad ri ceistean a chur air, ag iarraidh comharraidh uaithe o nèamh, ga dhearbhadh.
12Agus air dèanamh osna dhàsan na spiorad, thubhairt e, Carson a tha an ginealach seo ag iarraidh comharraidh? Gu deimhinn tha mise ag ràdh ribh nach toirear comharradh don ghinealach seo.
13Agus dh’fhàg e iad, agus air dha dol a‑steach don luing a‑rìs, chaidh e a‑chum an taoibh eile.
14Agus dhìochuimhnich na deisciobail aran a thoirt leo; agus cha robh aca ach aon bhuileann maille riu anns an luing.
15Agus dh’àithn e dhaibh, ag ràdh, Thugaibh an aire, bithibh air ur faicill an aghaidh taois ghoirt nam Pharasach#Gnìo 19:27; 1 Cor 5:6‐8, agus taois ghoirt Heroid.
16Agus bha iadsan a’ reusonachadh nam measg fhèin, ag ràdh, Is ann a chionn nach eil aran againn a tha e.
17Agus air aithneachadh sin do Iosa, thubhairt e riu, Carson a tha sibh a’ reusonachadh do bhrìgh nach eil aran agaibh? Nach eil fhios agaibh fhathast, agus nach eil sibh a’ tuigsinn#Marc 6:52? A bheil ur cridhe fhathast air a chruadhachadh#Marc 3:5; 16:14?
18Air dhuibh sùilean a bhith agaibh#Isa 44:18, nach faic sibh? Agus air dhuibh cluasan a bhith agaibh, nach cluinn sibh? Agus nach eil sibh a’ cuimhneachadh?
19Nuair a bhris mi na còig buileannan am measg nan còig mìle#Mat 14:17‐21; Lùc 9:12‐17; Eòin 6:5‐13, cia lìon cliabh làn de bhiadh briste a thog sibh? Thubhairt iadsan ris, A dhà‐dheug.
20Agus nuair a bhris mi na seachd am measg nan ceithir mìle, cia lìon basgaid làn de bhiadh briste a thog sibh? Agus thubhairt iadsan. Seachd.
21Agus thubhairt e riu, Cionnas nach eil sibh a’ tuigsinn?
22Agus thàinig e gu Betsaida; agus thug iad da ionnsaigh duine dall, agus ghuidh iad air gum beanadh e ris.
23Agus rug e air làimh an doill agus threòraich e a‑mach as a’ bhaile e; agus air dha a sheile a chur air a shùilean#Marc 7:33 agus a làmhan a chur air, dh’fheòraich e dheth an robh e a’ faicinn nì air bith.
24Agus dh’amhairc esan suas, agus thubhairt e, Tha mi a’ faicinn dhaoine mar chraobhan ag imeachd.
25Na dhèidh sin, chuir e a làmhan a‑rìs air a shùilean, agus thug e air amharc suas: agus dh’aisigeadh a fhradharc dha, agus chunnaic e gach uile dhuine gu soilleir#Gnà 4:18; Isa 32:3.
26Agus chuir e a dh’ionnsaigh a thaighe fhèin e, ag ràdh, Na rach a‑steach don bhaile, agus na innis do neach air bith anns a’ bhaile e.
27Agus chaidh Iosa agus a dheisciobail a‑mach gu bailtean Chesarèa Philipi#Mat 16:13, etc.; Lùc 9:13, etc.: agus air an t‑slighe chuir e ceist air a dheisciobail, ag ràdh riu, Cò tha daoine ag ràdh as mise?
28Agus fhreagair iadsan, Eòin Baistidh#Mat 14:2; agus cuid eile, Elias; agus cuid eile, Aon de na fàidhean.
29Agus thubhairt esan riu, Ach cò a tha sibhse ag ràdh as mi? Fhreagair Peadar agus thubhairt e ris, Is tu Crìosd#Eòin 1:41‐49; 6:69; 11:27; Gnìo 8:37; 1 Eòin 5:1.
30Agus thug e sparradh dhaibh gun iad a dh’innse seo uime do neach sam bith.
31Agus thòisich e rin teagasg, gur èiginn do Mhac an duine mòran de nithean fhulang, agus a bhith air a dhiùltadh leis na seanairean, agus na h‑àrd‐shagartan, agus na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus èirigh a‑rìs an dèidh trì làithean.
32Agus labhair e a’ chainnt seo gu follaiseach. Agus rug Peadar air, agus thòisich e ra chronachadh.
33Ach air dhàsan tionndadh mun cuairt agus amharc air a dheisciobail, chronaich e Peadar#Tais 3:19, ag ràdh, Imich air mo chùlaibh, a Shàtain: oir chan eil spèis agad de nithean Dhè, ach de nithean dhaoine.
34Agus air gairm an t‑sluaigh agus a dheisciobal da ionnsaigh, thubhairt e riu, Ge bè neach leis an àill teachd am dhèidh‐sa, àicheadh e e fhèin#Mat 10:38; 16:24; Lùc 9:23; 14:27; Tìt 2:12, agus togadh e a chrann‐ceusaidh, agus leanadh e mise.
35Oir ge bè neach leis an àill a anam fhèin a choimhead, caillidh e e#Eòin 12:25; 2 Tim 2:11; Tais 2:10; 7:14‐17; ach ge bè neach a chailleas a anam air mo shon‐sa, agus airson an t‑soisgeil, coimheadaidh esan e.
36Oir ciod e an tairbhe do dhuine, ged a chosnadh e an saoghal gu h‑iomlan, agus a anam a chall?
37No ciod a bheir duine ann an èirig a anama?
38Oir ge bè neach a ghabhas nàire dhìomsa#Lùc 12:9; 2 Tim 1:8 agus dem bhriathran anns a’ ghinealach adhaltranach agus olc seo, dhethsan gabhaidh Mac an Duine nàire, nuair a thig e ann an glòir a Athar, maille ris na h‑ainglean naomha.
Currently Selected:
Marcus 8: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017