Marcus 9
9
1 Dh’atharraicheadh cruth Iosa. 11 Theagaisg e a dheisciobail mu thimcheall teachd Eliais: 14 thilg e a‑mach spiorad balbh agus bodhar: 30 ro‑innis e a bhàs agus aiseirigh.
1Agus thubhairt e riu, Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh#Mat 16:28; Lùc 9:27 gu bheil cuid dhiubhsan a tha nan seasamh an seo nach blais bàs gus am faic iad rìoghachd Dhè a’ teachd le cumhachd#Mat 24:30; Lùc 21:27.
2Agus an ceann sia làithean#Mat 17:1, etc.; Lùc 9:28, etc., thug Iosa Peadar, agus Seumas, agus Eòin leis, agus threòraich e iad leo fhèin air leth gu beinn àird: agus dh’atharraicheadh a chruth nam fianais.
3Agus rinneadh a aodach dealrach, ro‑gheal mar an sneachd#Daniel 7:9; Mat 28:3: air mhodh nach robh e an comas do ghlanadair‐aodaich sam bith air talamh a ghealachadh.
4Agus dh’fhoillsicheadh dhaibh Elias maille ri Maois: agus bha iad a’ còmhradh ri Iosa.
5Agus fhreagair Peadar, agus thubhairt e ri Iosa, A Mhaighistir, is math dhuinne a bhith an seo#Salm 63:2; 84:10: air an adhbhar sin dèanamaid trì pàilleanan; aon dhutsa, agus aon do Mhaois, agus aon de Elias.
6Oir cha robh fhios aige ciod a theireadh e#Daniel 10:15; Tais 1:17: oir bha iad fo eagal ro‑mhòr.
7Agus thàinig neul a chuir sgàil orra#Ecs 13:21, agus thàinig guth as an neul, ag ràdh, Is e seo mo Mhac gràdhach‐sa#Salm 2:7; Mat 3:17; 2 Pead 1:17, èisdibh ris#Deut 18:15.
8Agus air ball, nuair a dh’amhairc iad mun timcheall, chan fhaca iad neach air bith à sin suas, ach Iosa na aonar maille riu.
9Agus aig teachd dhaibh a‑nuas on bheinn, dh’àithn e dhaibh gun na nithean a chunnaic iad innse do neach sam bith gus an èireadh Mac an Duine a‑rìs o na mairbh.
10Agus ghlèidh iad a’ chainnt seo aca fhèin, a’ fiosrachadh de chèile ciod a bu chiall don aiseirigh o na mairbh#Gnìo 17:18.
11Agus dh’fheòraich iad dheth, ag ràdh, Carson a tha na sgrìobhaichean ag ràdh gur èiginn gun tig Elias air tùs#Mal 4:5?
12Agus fhreagair esan agus thubhairt e riu, Thig Elias gu deimhinn air tùs, agus aisigidh e na h‑uile nithean, agus mar a tha e sgrìobhte mu Mhac an Duine#Salm 22:1, etc.; Isa 53:3, etc.; Daniel 9:26; Sech 13:7, gu bheil e gu mòran de nithean fhulang, agus a bhith air a chur an dìmeas#Salm 74:22; Lùc 23:11.
13Ach tha mi ag ràdh ribh gu bheil Elias da‑rìribh air teachd#Mat 11:14; Lùc 1:17, agus rinn iad ris gach nì a thogair iad, a rèir mar a tha e sgrìobhte uime.
14Agus nuair thàinig e a‑chum a dheisciobal, chunnaic e sluagh mòr mun timcheall, agus na sgrìobhaichean a’ deasbaireachd riu.
15Agus air ball bha an sluagh uile, nuair a chunnaic iad e, fo uamhas mòr, agus air dhaibh ruith da ionnsaigh, chuir iad fàilte air.
16Agus dh’fheòraich e de na sgrìobhaichean, Ciod e mum bheil sibh a’ deasbaireachd riu?
17Agus air freagairt do neach den t‑sluagh, thubhairt e, A Mhaighistir, thug mi mo mhac ad ionnsaigh, anns a bheil spiorad balbh#Mat 12:22; Lùc 11:14:
18Agus ge bè ionad sam bith anns an glac e e, tha e ga tharraing as a chèile; agus tha e a’ cur cobhair as a bheul, agus a’ gìosgarnaich le fhiaclan, agus tha e a’ seargadh as: agus thubhairt mi rid dheisciobail, iad ga chur a‑mach, agus cha b’urrainn iad.
19Ach fhreagair esan, agus thubhairt e ris, O chinnich gun chreideamh#Deut 32:20; Salm 78:8; Eabh 3:10, cia fhad a bhios mi maille ribh? Cia fhad a dh’fhuilingeas mi sibh? Thugaibh e am ionnsaigh.
20Agus thug iad da ionnsaigh e: agus nuair a chunnaic e e, reub an spiorad air ball e; agus thuit e air an talamh, agus bha e ga aoirneagan fhèin, agus a’ cur cobhair as a bheul.
21Agus dh’fheòraich e de a athair, Cia fhad an aimsir o thàinig seo air? Agus thubhairt e, O bha e na leanabh#Iob 5:7; Salm 51:5.
22Agus gu minig thilg e anns an teine e, agus anns an uisge, a‑chum gum milleadh e e: ach ma tha thusa comasach air nì sam bith a dhèanamh, gabh truas dhinn, agus cuidich leinn.
23Ach thubhairt Iosa ris, Mas urrainn thusa creidsinn#Marc 11:23; 2 Each 20:20; Mat 17:20; Lùc 17:6; Eòin 11:40; Eabh 11:6, tha gach aon nì comasach don neach a chreideas.
24Agus ghlaodh athair an leinibh a‑mach air ball, agus thubhairt e le deòir#Salm 126:5, Tha mi a’ creidsinn, a Thighearna; cuidich thusa lem mhì‐chreideamh#Eabh 12:2.
25Agus nuair a chunnaic Iosa an sluagh a’ ruith cuideachd, chronaich e an spiorad neòghlan, ag ràdh ris, A spioraid bhailbh agus bhodhair, tha mi ag òrdachadh dhut, Thig a‑mach as, agus na rach a‑steach ann nas mò.
26Agus ghlaodh an spiorad, agus reub e gu ro‑chràiteach e#Tais 12:12, agus chaidh e a‑mach as: agus bha e an riochd mairbh, ionnas gun dubhairt mòran, Tha e marbh.
27Ach air do Iosa a ghlacadh air làimh, thog e suas e, agus dh’èirich e.
28Agus nuair a chaidh e a‑steach don taigh, dh’fheòraich a dheisciobail dheth an uaigneas, Carson nach b’urrainn sinne a thilgeadh a‑mach?
29Agus thubhairt esan riu, Chan eil e comasach gun tèid a ghnè seo a‑mach le nì air bith, ach le ùrnaigh agus trasgadh.
30Agus dh’imich iad as a sin, agus chaidh iad tro Ghalile: agus cha b’àill leis a fhios seo a bhith aig aon neach.
31Oir theagaisg e a dheisciobail fhèin, agus thubhairt e riu, Tha Mac an Duine air a thabhairt thairis do làmhan dhaoine, agus cuiridh iad gu bàs e; agus an dèidh a chur gu bàs, èiridh e a‑rìs an treas là.
32Ach cha do thuig iad a’ chainnt seo, agus bha eagal orra fheòraich dheth#Eòin 16:19.
33Agus thàinig e gu Capernàum#Mat 18:1, etc.; Lùc 9:40, etc.; agus air dha a bhith anns an taigh, dh’fheòraich e dhiubh, Ciod e mun robh sibh a’ deasbaireachd eadaraibh fhèin air an t‑slighe?
34Ach dh’fhan iadsan nan tosd; oir air an t‑slighe bha iad a’ reusonachadh eatorra fhèin cò aca a bu mhò a bhiodh.
35Agus air suidhe dha, ghairm e an dà‑fhear‐dheug da ionnsaigh, agus thubhairt e riu, Ge bè neach leis am miann a bhith air thoiseach#Marc 10:43; Mat 20:26, 27, bidh esan air dheireadh air càch uile, agus na sheirbhiseach do na h‑uile.
36Agus ghabh e leanabh#Marc 10:16, agus chuir e nam meadhon e: agus nuair a thog e suas na uchd e, thubhairt e riu.
37Ge bè neach a ghabhas ri aon den leithidean seo#Lùc 9:48 de leanaban ann am ainm‐sa, tha e a’ gabhail riumsa; agus ge bè neach a ghabhas riumsa, cha mhise ris a bheil e a’ gabhail, ach ris an Tì a chuir uaithe mi.
38Agus fhreagair Eòin e, ag ràdh, A Mhaighistir, chunnaic sinne neach nach eil gar leantainn‐ne a’ tilgeadh a‑mach dheamhan ad ainm‐sa#Àir 11:26‐28; agus bhac sinn e, a chionn nach eil e gar leantainn fhèin.
39Ach thubhairt Iosa, Na bacaibh e; oir chan eil neach sam bith a nì mìorbhail am ainm‐sa dom bheil e an comas olc a labhairt gu h‑ealamh umam#1 Cor 12:3.
40Oir ge bè neach nach eil nar n‑aghaidh, tha e leinn#Mat 12:30.
41Oir ge bè neach a bheir cupan uisge dhuibhse ra òl ann am ainm‐sa#Mat 10:42; 25:40, a chionn gur le Crìosd sibh, gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh nach caill e a dhuais.
42Agus ge bè a bheir adhbhar oilbheim#Mat 18:6; Lùc 17:1, 2 do aon neach den mhuinntir bhig seo, a tha a’ creidsinn annamsa, b’fheàrr dha gum biodh clach‐mhuilinn air a crochadh ma mhuineal, agus gum biodh e air a thilgeadh anns an fhairge.
43Agus ma bheir do làmh adhbhar oilbheim dhut#Deut 13:6; Mat 5:29, geàrr dhìot i: is fheàrr dhut dol a‑steach don bheatha air leth‐làimh, na dà làimh a bhith agad, agus dol gu ifrinn, don teine nach mùchar a‑chaoidh;
44Far nach bàsaich an cnuimh#Isa 66:24; Tais 14:11, agus nach tèid an teine as.
45Agus ma bheir do chas adhbhar oilbheim dhut, geàrr dhìot i: is fheàrr dhut dol a‑steach don bheatha air leth‐chois, na dà chois a bhith agad, agus a bhith air do thilgeadh ann an ifrinn, don teine nach mùchar a‑chaoidh;
46Far nach bàsaich a’ chnuimh, agus nach tèid an teine as.
47Agus ma bheir do shùil adhbhar oilbheim dhut, spìon asad i: is fheàrr dhut dol a‑steach do rìoghachd Dhè air aon sùil, na dà shùil a bhith agad, agus a bhith air do thilgeadh ann an teine ifrinn;
48Far nach bàsaich a’ chnuimh, agus nach tèid an teine as#Marc 9:44, 46; Lùc 16:24.
49Oir saillear gach aon neach le teine, agus saillear gach aon ìobairt le salann#Lebh 2:13; Esec 43:24.
50Is math an salann#Mat 5:13; Lùc 14:34: ach ma chailleas an salann a shaillteachd, ciod e leis an dèan sibh deagh‐bhlasda e? Biodh agaibh salann annaibh fhèin#Col 4:6, agus bithibh sìochail ri chèile#Salm 34:14; 2 Cor 13:11; Eabh 12:14.
Currently Selected:
Marcus 9: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017