Marcus 7
7
1 Fhuair na Pharasaich coire do na deisciobail do bhrìgh gun do dh’ith iad le làmhan gun ionnlaid. 14 Cha salaich biadh an duine. 24 Leighis Crìosd nighean aig an robh spiorad neòghlan, 31 agus duine a bha bodhar.
1Agus chruinnicheadh na Pharasaich da ionnsaigh#Mat 15:1, etc., agus dream àraidh de na sgrìobhaichean a thàinig o Ierusalem.
2Agus nuair a chunnaic iad cuid de a dheisciobail ag ithe arain le làmhan salach (sin ri ràdh, gun ionnlaid), fhuair iad cron dhaibh.
3Oir chan ith na Pharasaich agus na h‑Iùdhaich uile biadh, mura ionnlaid iad an làmhan gu minig, a’ coimhead beul‐aithris nan seanairean#Gal 1:14; Col 2:8, 22, 23.
4Agus air dhaibh teachd on mhargadh, mura tum iad iad, chan ith iad. Agus tha mòran de nithean eile a ghabh iad orra a choimhead, mar tha nighe chupan, agus phoitean, agus shoithichean umha, agus leapaichean.
5An sin dh’fheòraich na Pharasaich agus na sgrìobhaichean dheth, Carson nach eil do dheisciobail ag imeachd a rèir beul‐aithris nan seanairean, ach a tha iad ag ithe arain le làmhan gun ionnlaid?
6Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Is math a rinn Esaias fàidheadaireachd mur timcheall‐se#Isa 29:13, a chealgairean, a rèir mar tha e sgrìobhte, Tha am poball seo a’ toirt urraim dhòmhsa lem bilean, ach tha an cridhe fada uam.
7Ach is ann gu dìomhain a tha iad a’ toirt adhraidh dhòmhsa, a’ teagasg àitheantan dhaoine mar theagasg.
8Oir air dhuibh àithne Dhè a thrèigsinn#Isa 1:12, tha sibh a’ cumail òrdachadh dhaoine, mar tha nighe phoitean agus chupan: agus mòran eile den leithidean sin tha sibh a’ dèanamh.
9Agus thubhairt e riu, Is math a tha sibh a’ cur air cùl àithne Dhè, a‑chum gun coimhead sibh ur n‑òrdachadh fhèin.
10Oir thubhairt Maois, Thoir urram dod athair agus dod mhàthair#Ecs 20:12: agus, Ge bè neach a mhallaicheas athair no màthair, cuirear gu cinnteach gu bàs e#Ecs 21:17; Lebh 20:9; Gnà 20:20.
11Ach their sibhse, Ma their neach ra athair no ra mhàthair, Biodh e na Chorban#Mat 15:5; 23:18, sin ri ràdh, na thìodhlac don teampall, ge bè nì leis am faigheadh tu tairbhe uamsa:
12Nach leig sibh dha à sin suas nì sam bith a dhèanamh airson a athar, no a mhàthar;
13A’ cur facal Dhè an neo‐bhrìgh le ur beul‐aithris fhèin, a dh’aithris sibh: agus mòran den leithidean sin de nithean tha sibh a’ dèanamh.
14Agus nuair a ghairm e an sluagh uile da ionnsaigh, thubhairt e riu, Eisdibh riumsa uile, agus tuigibh:
15Chan eil nì sam bith on taobh a‑muigh den duine, a thèid a‑steach ann, dom bheil e an comas a shalachadh; ach na nithean a tha a’ teachd a‑mach as#Gnà 4:23, is iad sin a tha a’ salachadh an duine.
16Ge bè aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e#Mat 11:15.
17Agus nuair a chaidh e a‑steach don taigh on t‑sluagh#Mat 15:15, etc., chuir a dheisciobail ceist air mu thimcheall a’ chosamhlachd.
18Agus thubhairt e riu, A bheil sibhse mar seo fhathast gun tuigse? Nach eil fhios agaibh, ge bè nì air bith a thèid a‑steach anns an duine on leth a‑muigh, nach eil e an comas dha esan a shalachadh?
19Do bhrìgh nach tèid e a‑steach da chridhe, ach don bhroinn#1 Cor 6:13, agus thèid e a‑mach don t‑sloc shalchair, a’ glanadh gach uile bhìdh.
20Agus thubhairt e, Is e an nì a thig a‑mach as an duine a shalaicheas an duine.
21Oir is ann on taobh a‑staigh, à cridhe dhaoine#Gen 6:5; Salm 14:1, 3; Ier 17:9, a thig a‑mach droch smuaintean, adhaltranas, strìopachas, mortadh,
22Goid, sannt, aingidheachd, mealltaireachd, macnas, droch shùil, toibheum, uabhar, amaideachd:
23Tha na h‑uilc seo uile a’ teachd a‑mach on taobh a‑staigh, agus a’ salachadh an duine.
24Agus air dha èirigh as a sin, chaidh e gu crìochan Thìruis agus Shìdoin#Mat 15:21, etc.: agus nuair a chaidh e a‑steach do thaigh, cha b’àill leis fios a bhith aig neach sam bith air: gidheadh chan fhaodadh e a bhith am falach.
25Oir chuala bean uime, aig an robh nighean bheag anns an robh spiorad neòghlan, agus thàinig i agus thuit i aig a chasan;
26(Agus bu bhana‐Ghreugach a’ bhean, ban‐Shirophenìseach a‑thaobh cinnich); agus ghuidh i air gun tilgeadh e an deamhan a‑mach as a nighinn.
27Agus thubhairt Iosa rithe, Fuiling don chloinn air tùs a bhith air an sàsachadh: oir chan eil e iomchaidh aran na cloinne a ghabhail#Mat 7:6; 10:5, 6, agus a thilgeadh a‑chum nan con.
28Agus fhreagair ise agus thubhairt i ris, Is fìor sin, a Thighearna: gidheadh, ithidh na coin fon bhòrd de spruilleach na cloinne#Ròm 15:8, 9.
29Agus thubhairt esan rithe, Airson na cainnte seo fhèin#Isa 66:2, imich romhad; tha an deamhan air dol a‑mach as do nighinn.
30Agus nuair a bha ise air teachd a dh’ionnsaigh a taighe, fhuair i an deamhan air dol a‑mach#1 Eòin 3:8, agus a nighean air a cur na laighe air an leabaidh.
31Agus a‑rìs, nuair a dh’imich e o chrìochan Thìruis agus Shìdoin#Mat 15:29, etc., thàinig e gu muir Ghalile, tro mheadhon crìochan Dhecapolis.
32Agus thug iad da ionnsaigh duine bodhar, aig an robh stadaich na chainnt: agus ghuidh iad air gun cuireadh e làmh air.
33Agus thug e air leth on t‑sluagh e, agus chuir e a mheòir na chluasan, agus chuir e sileadh air#Marc 8:23; Eòin 9:6, agus bhean e ra theangaidh.
34Agus air dha amharc suas gu nèamh#Eòin 11:41; 17:1, rinn e osna#Eòin 11:33, 38, agus thubhairt e ris, Ephphata, is e sin ri ràdh, Bi air d’fhosgladh.
35Agus air ball dh’fhosgladh a chluasan#Mat 8:3, 15, agus dh’fhuasgladh ceangal a theangaidh, agus labhair e gu ceart.
36Agus dh’àithn e dhaibh gun iad a dh’innse sin do neach air bith: ach mar as mò a thoirmisg esan dhaibh, bu mhò gu ro‑mhòr a chuir iadsan an gnìomh am follais;
37Agus bha iad gu ro‑mhòr air an lìonadh le iongantas, ag ràdh, Rinn e na h‑uile nithean gu math#Salm 139:14; Gnìo 14:11: tha e araon a’ tabhairt air na bodhair gun cluinn iad#Ecs 4:10, 11, agus air na bailbh gun labhair iad.
Currently Selected:
Marcus 7: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017