YouVersion Logo
Search Icon

Marcus 6

6
1 Rinneadh tàir air Crìosd le muinntir a dhùthcha. 7 Thug e cumhachd don dà‑fhear‐dheug os cionn spioradan neòghlan. 14 Iomadh barail mu Chrìosd. 16 Chuireadh an ceann o Eòin Baistidh.
1Agus chaidh e a‑mach as a sin#Mat 13:54, etc.; Lùc 4:16, etc., agus thàinig e da dhùthaich fhèin; agus lean a dheisciobail e.
2Agus nuair a thàinig an t‑sàbaid, thòisich e air teagasg anns an t‑sionagog: agus air do mhòran a chluinntinn, ghabh iad iongantas, ag ràdh, Cia as a tha na nithean seo aig an fhear seo#Eòin 6:42? Agus ciod e an gliocas seo a thugadh dha, gu bheil a leithid seo de fheartan air an dèanamh le a làmhan?
3Nach e seo an saor, mac Mhuire, bràthair Sheumais#Gal 1:19, agus Iòseis, agus Iùdais, agus Shìmoin, agus nach eil a pheathraichean an seo maille rinn? Agus fhuair iad oilbheum ann#Mat 11:6.
4Ach thubhairt Iosa riu, Chan eil fàidh gun urram ach na dhùthaich fhèin#Mat 13:57; Eòin 4:44, agus am measg a chàirdean, agus na thaigh fhèin.
5Agus cha robh e an comas dha mìorbhail air bith a dhèanamh an sin#Marc 9:23; Gen 19:22, saor o gun do chuir e a làmhan air beagan de mhuinntir a bha tinn, agus gun do leighis e iad.
6Agus bha iongantas air airson am mì‑chreidimh#Isa 59:16; Ier 2:12. Agus chaidh e timcheall nam bailtean, a’ teagasg#Mat 9:35; Lùc 13:22; Gnìo 10:38.
7Agus ghairm e da ionnsaigh an dà‑fhear‐dheug#Marc 3:13, etc.; Mat 10:1, etc.; Lùc 9:1, etc., agus thòisich e air an cur a‑mach dithis agus dithis, agus thug e dhaibh cumhachd air spioradan neòghlan;
8Agus dh’àithn e dhaibh gun nì air bith a thoirt leo airson na slighe, ach lorg a‑mhàin; gun mhàla, gun aran, gun airgead nan sporan:
9Ach bonn‐bhrògan a bhith air an casan#Gnìo 12:8, agus gun dà chòta a bhith umpa.
10Agus thubhairt e riu, Ge bè ionad air bith anns an tèid sibh a‑steach do thaigh, an sin fanaibh gus am falbh sibh as an àite sin.
11Agus cò air bith iad nach gabh ribh, agus nach èisd ribh, air dhuibh imeachd as an àite sin, crathaibh an duslach a bhios fo ur casan#Neh 5:13; Gnìo 13:51 mar fhianais nan aghaidh. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gur so‑iomchaire a bhios e do Shòdom agus do Ghomorrah ann an là a’ bhreitheanais na don bhaile sin.
12Agus chaidh iad a‑mach, agus shearmonaich iad gun dèanadh daoine aithreachas#Lùc 24:47; Gnìo 2:38; 3:19.
13Agus thilg iad a‑mach mòran dheamhan#Lùc 10:17, agus dh’ung iad le ola mòran a bha tinn#Seum 5:14, agus leighis iad iad.
14Agus chuala Herod an rìgh#Mat 14:1, etc.; Lùc 9:7, etc. uime, oir chaidh ainm am follais; agus thubhairt e, Tha Eòin Baistidh air èirigh o na mairbh, agus uime sin tha feartan air an obrachadh leis.
15Thubhairt cuid eile, Gur e Elias a tha ann#Marc 8:28; Mat 16:14. Agus thubhairt cuid eile, Gur fàidh a tha ann, no mar aon de na fàidhean.
16Ach nuair a chuala Herod seo, thubhairt e, Is e Eòin, den do chuir mise an ceann, a tha ann; dh’èirich e o na mairbh.
17Oir chuir Herod fhèin a‑mach agus ghlac e Eòin, agus cheangail e ann am prìosan e airson Heròdiais, bean‐phòsda Philip, a bhràthair fhèin, do bhrìgh gun do phòs e i.
18Oir thubhairt Eòin ri Herod, Chan eil e ceadaichte dhut bean do bhràthar a bhith agad#Lebh 18:16.
19Uime sin bha diomb mòr aig Heròdias ris, agus bu mhiann leatha a chur gu bàs; ach cha b’urrainn i.
20Oir bha eagal Eòin air Herod#Gnìo 9:40, air dha fios a bhith aige gum bu duine ceart agus naomh e, agus thug e fa‑near e; agus nuair a chuala e e, rinn e mòran de nithean air a chomhairle, agus dh’èisd e ris gu toileach.
21Agus air teachd do là iomchaidh, rinn Herod, air co‑ainm an là anns an do rugadh e#Gen 40:20, suipear da uaislean agus da àrd‐cheannardan, agus do mhaithean Ghalile:
22Agus nuair a chaidh nighean Heròdiais seo a‑steach, agus a rinn i dannsa#Isa 3:16, thaitinn i ri Herod agus riùsan a shuidh maille ris, agus thubhairt an rìgh ris a’ chailinn, Iarr ormsa ge bè nì as àill leat, agus bheir mi dhut e.
23Agus thug e mionnan dhi, Ge bè nì a dh’iarras tu orm#Est 5:3, 6, bheir mi dhut e, gu leth mo rìoghachd.
24Agus nuair a chaidh i a‑mach thubhairt i ra màthair, Ciod a dh’iarras mi? Agus thubhairt ise, Ceann Eòin Baistidh.
25Agus chaidh i air ball le cabhaig a‑steach a dh’ionnsaigh an rìgh, agus dh’iarr i, ag ràdh, Is àill leam gun tugadh tu dhomh gun dàil ceann Eòin Baistidh air mèis#Salm 37:12, 14.
26Agus bha an rìgh ro‑dhuilich; gidheadh airson a mhionnan, agus an dream a bha nan suidhe maille ris, cha robh toil aige a diùltadh.
27Agus air ball, chuir an rìgh a‑mach fear‐millidh, agus dh’àithn e a cheann a thoirt a‑steach: agus dh’imich esan agus thug e an ceann dheth anns a’ phrìosan;
28Agus thug e a cheann leis air mèis, agus thug e don chailinn e: agus thug a’ chailinn da màthair e.
29Agus nuair a chuala a dheisciobail sin, thàinig iad agus thog iad a chorp#Gnìo 8:2, agus chuir iad ann an uaigh e.
30Agus chruinnicheadh na h‑abstoil a‑chum Iosa#Lùc 9:10, agus dh’innis iad dha na h‑uile nithean, araon gach nì a rinn iad, agus gach nì a theagaisg iad.
31Agus thubhairt e riu, Thigibh‐se air leth do àit uaigneach, agus gabhaibh fois car tamaill bhig. Oir bha mòran a’ teachd agus a’ dol, agus cha robh ùine aca uiread is biadh ithe.
32Agus chaidh iad gu àite fàsail ann an luing air leth.
33Agus chunnaic an sluagh iadsan a’ falbh, agus dh’aithnich mòran e, agus ruith iad dan cois as na bailtean uile an sin, agus bha iad romhpa, agus chruinnicheadh iad da ionnsaigh.
34Agus nuair a chaidh Iosa a‑mach, chunnaic e sluagh mòr, agus ghabh e truas mòr dhiubh, a chionn gu robh iad mar chaoraich gun bhuachaille aca#1 Rìgh 22:17: agus thòisich e air mòran de nithean a theagasg dhaibh.
35Agus nuair a bha a‑nis mòran den là air dol seachad#Mat 14:15, etc.; Lùc 9:12, etc.; Eòin 6:5, etc., thàinig a dheisciobail da ionnsaigh, ag ràdh, Tha an t‑àite seo fàs, agus tha a‑nis mòran den là air dol thairis:
36Leig air falbh iad, a‑chum gun tèid iad don tìr mun cuairt agus do na bailtean, agus gun ceannaich iad biadh dhaibh fhèin: oir chan eil nì air bith aca ra ithe.
37Ach fhreagair esan agus thubhairt e riu, Thugaibh‐se dhaibh ra ithe. Agus thubhairt iadsan ris#Àir 11:13, 22; 2 Rìgh 4:43, An tèid sinn agus an ceannaich sinn luach dà cheud pèighinn de aran, a‑chum gun tugamaid dhaibh nì ra ithe?
38Ach thubhairt esan riu, Cia lìon buileann a tha agaibh? Rachaibh agus faicibh. Agus air faotainn fios dhaibh, thubhairt iad, Còig, agus dà iasg.
39Agus dh’àithn e dhaibh a thoirt orra uile suidhe sìos nan cuideachdan air an fheur uaine#Marc 8:6; Mat 15:35.
40Agus shuidh iad sìos nam buidhnean fa leth, nan ceudan agus nan leth‐cheudan.
41Agus air dha na còig buileannan agus an dà iasg a ghabhail, agus amharc suas gu nèamh, bheannaich#1 Sam 9:13; Mat 26:26; Lùc 24:30 agus bhris e na buileannan, agus thug e da dheisciobail iad, a‑chum gun cuireadh iad romhpa iad; agus roinn e an dà iasg orra uile.
42Agus dh’ith iad uile, agus shàsaicheadh iad#Deut 8:3.
43Agus thog iad dà‑chliabh‐dheug làn den bhiadh bhriste, agus de na h‑èisg.
44Agus b’iad an dream a dh’ith de na buileannan còig mìle fear.
45Agus air ball cho‐èignich e a dheisciobail gu dol anns an luing#Mat 14:22, etc.; Eòin 6:17, etc., agus dol roimhe a dh’ionnsaigh an taoibh thall gu Betsaida, gus an cuireadh e an sluagh air falbh.
46Agus nuair a chuir e air falbh iad, chaidh e gu beinn a dhèanamh ùrnaigh.
47Agus nuair a bha an t‑anmoch ann, bha an long ann am meadhon na mara, agus esan na aonar air tìr.
48Agus chunnaic e iadsan air am pianadh ag iomramh#Ion 1:13; oir bha a’ ghaoth nan aghaidh; agus thàinig e dan ionnsaigh mu thimcheall na ceathramh faire den oidhche, ag imeachd air a’ mhuir, agus b’àill leis dol seachad orra#Lùc 24:28.
49Ach nuair a chunnaic iadsan e ag imeachd air a’ mhuir, shaoil iad gum bu tannasg a bha ann#Lùc 24:37; agus ghlaodh iad.
50(Oir chunnaic iad uile e, agus bha iad fo bhuaireas.) Agus air ball labhair e riu, agus thubhairt e riu, Biodh misneach mhath agaibh#Isa 43:2; is mise a tha ann, na biodh eagal oirbh.
51Agus chaidh e suas dan ionnsaigh don luing; agus laigh a’ ghaoth#Salm 93:3, 4: agus bha uamhas mòr thar tomhas orra, agus ghabh iad iongantas.
52Oir cha tug iad fa‑near mìorbhail nam buileannan; oir bha an cridhe air a chruadhachadh#Isa 63:17.
53Agus nuair a chaidh iad thairis#Mat 14:34, thàinig iad gu talamh Ghenesaret, agus tharraing iad gu tìr.
54Agus nuair a thàinig iad a‑mach as an luing, air ball dh’aithnich iad e.
55Agus ruith iad air feadh na tìre sin uile mun cuairt#Marc 2:1‐3; Mat 4:24, agus thòisich iad air an dream a bha tinn a ghiùlan mun cuairt air leapaichean, ge bè àite anns an cuala iad esan a bhith.
56Agus ge bè air bith bailtean, no cathraichean, no dùthaich don deachaidh e a‑steach, chuir iad na daoine tinn air na sràidean, agus ghuidh iad air gum faodadh iad beantainn a‑mhàin ri iomall a aodaich#Marc 5:27, 28; Mat 9:20; Gnìo 19:12: agus a mheud is a bhean ris, lèighseadh iad.

Currently Selected:

Marcus 6: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in