Marcus 5
5
1 Air do Chrìosd na deamhain a chur a‑mach as an duine anns an robh lègion dhiubh, 13 chaidh iad a‑staigh anns na mucan. 25 Leighis e a’ bhean air an robh dòrtadh fala, 35 agus thog e o na mairbh nighean Iàiruis.
1Agus thàinig iad gu taobh eile na mara#Mat 8:28, etc.; Lùc 8:26, etc., gu dùthaich nan Gadarèneach.
2Agus nuair a chaidh e a‑mach as an luing, air ball thachair air as na h‑àitean‐adhlaic duine anns an robh spiorad neòghlan,
3Aig an robh a chòmhnaidh anns na h‑àitean‐adhlaic#Isa 65:4; agus cha b’urrainn neach air bith a cheangal, eadhon le slabhraidhean:
4Oir chaidh a cheangal gu tric le gèimhlean agus le slabhraidhean, agus tharraing e na slabhraidhean as a chèile, agus mhion‐bhris e na gèimhlean. Agus cha b’urrainn duine sam bith a cheannsachadh.
5Agus bha e a‑ghnàth, a là agus a dh’oidhche, anns na beanntan, agus anns na h‑ionadan‐adhlaic, a’ glaodhaich agus ga ghearradh fhèin le clachan.
6Ach nuair a chunnaic e Iosa fada uaithe, ruith e agus shleuchd e dha,
7Agus ghlaodh e le guth mòr, agus thubhairt e, Ciod mo ghnothach‐sa riut, Iosa, a Mhic an Dè as ro‑àirde? Tha mi a’ cur ort à uchd Dhè, gun mo phianadh.
8(Oir thubhairt e ris, Thig a‑mach as an duine, a spioraid neòghlain.)
9Agus dh’fheòraich e dheth, Ciod as ainm dhut? Agus fhreagair esan, ag ràdh, Lègion as ainm dhomh, oir tha sinn mòran ann.
10Agus ghuidh e gu ro‑gheur air, gun e gan cur a‑mach as an dùthaich sin.
11Agus bha treud mòr mhuc an sin#Lebh 11:7, 8; Deut 14:8, ag ionaltradh am fagas don bheinn.
12Agus ghuidh na deamhain uile air, ag ràdh, Cuir sinne a dh’ionnsaigh nam muc, a‑chum gun rachamaid a‑steach annta.
13Agus air ball thug Iosa cead dhaibh; agus air dol a‑mach do na spioradan neòghlan, chaidh iad a‑steach anns na mucan, agus ruith an treud sìos gu dian le àite cas don fhairge (bha iad mu thimcheall dà mhìle), agus thachdadh iad anns an fhairge.
14Agus theich iadsan a bha ag ionaltradh nam muc, agus dh’innis iad sin, araon anns a’ bhaile, agus anns an tìr. Agus chaidh iad a‑mach a dh’fhaicinn ciod e an nì ud a thachair.
15Agus thàinig iad a‑chum Iosa, agus chunnaic iad an tì anns an robh an deamhan, agus aig an robh an lègion, na shuidhe, agus a aodach uime#Isa 49:25; Col 1:13, agus a chiall aige; agus ghabh iad eagal.
16Agus dh’innis iadsan a chunnaic e dhaibh, cionnas a thachair don tì anns an robh an deamhan, agus mu thimcheall nam muc.
17Agus thòisich iad ri guidhe air imeachd a‑mach as an crìochan#Lùc 5:8; Gnìo 16:39.
18Agus air dha dol a‑steach anns an luing, ghuidh an tì anns an robh an deamhan air gum faodadh e a bhith maille ris.
19Gidheadh cha do leig Iosa leis, ach thubhairt e ris, Imich dhachaidh a dh’ionnsaigh do mhuinntir, agus innis dhaibh meud nan nithean a rinn an Tighearna dhut#Salm 66:16; Isa 38:19, agus gun do rinn e tròcair ort.
20Agus dh’imich esan, agus thòisich e ri chur an cèill ann an Decapolis meud nan nithean a rinn Iosa dha: agus ghabh iad iongantas uile.
21Agus nuair a chaidh Iosa a‑rìs thairis anns an luing gus an taobh eile, chruinnicheadh sluagh mòr da ionnsaigh; agus bha e làimh ris a’ mhuir.
22Agus, feuch, thàinig aon de uachdarain nan sionagog#Mat 9:18, etc.; Lùc 8:41, etc., dom b’ainm Iàirus; agus nuair a chunnaic e esan, leig e e fhèin sìos aig a chasan,
23Agus ghuidh e gu dùrachdach air, ag ràdh, Tha mo nighean bheag ann an cunnart grad‐bhàis; thig, tha mi a’ guidhe ort, agus leag do làmhan oirre a‑chum gun slànaichear i, agus mairidh i beò.
24Agus dh’imich Iosa maille ris; agus lean sluagh mòr e, agus dhòmhlaich iad e.
25Agus bha bean àraidh an sin, air an robh dòrtadh fala#Lebh 15:19, etc. rè dà‑bhliadhna‐dheug.
26Agus dh’fhulaing i mòran o iomadh lèigh, agus chaith i na bha aice, agus cha b’fheàirrd i a’ bheag e, ach gum bu mhisde;
27Nuair a chuala i iomradh air Iosa, thàinig i am measg an t‑sluaigh o chùlaibh, agus bhean#2 Rìgh 13:21; Mat 14:36; Gnìo 5:15; 19:12 i ra aodach:
28Oir thubhairt i, Ma dh’fhaodas mi beantainn ach ra aodach, slànaichear mi.
29Agus air ball thiormaicheadh tobar a fala; agus dh’aithnich i air a corp fhèin gun do lèighseadh i on phlàigh sin.
30Agus dh’aithnich Iosa air ball ann fhèin gun deachaidh cumhachd a‑mach as#Lùc 6:19, agus air dha tionndadh anns an t‑sluagh, thubhairt e, Cò a bhean rim aodach?
31Agus thubhairt a dheisciobail ris, Tha thu a’ faicinn gu bheil an sluagh gad dhòmhlachadh, agus an abair thu, Cò a bhean rium?
32Agus dh’amhairc e mun cuairt ga faicinn‐se a rinn seo.
33Ach air don mhnaoi a bhith fo eagal agus air chrith, air aithneachadh an nì a rinneadh innte, thàinig i, agus leig i i fhèin sìos na làthair, agus dh’innis i an fhìrinn uile dha.
34Agus thubhairt e rithe, A nighean, shlànaich do chreideamh thu#Marc 10:52; Gnìo 14:9; imich ann an sìth#1 Sam 1:17; 20:42; 2 Rìgh 5:19, agus bi slàn od phlàigh.
35Am feadh a bha e fhathast a’ labhairt, thàinig dream o thaigh uachdaran an t‑sionagoig, ag ràdh, Fhuair do nighean bàs; carson a chuireadh tu tuilleadh dragh air a’ Mhaighistir?
36Cho luath is a chuala Iosa an còmhradh seo a labhradh, thubhairt e ri uachdaran an t‑sionagoig, Na biodh eagal ort, a‑mhàin creid#2 Each 20:20; Eòin 11:40.
37Agus cha d’fhuiling e do neach air bith a leantainn, ach Peadar#Marc 9:2; 14:33, agus Seumas, agus Eòin bràthair Sheumais.
38Agus thàinig e gu taigh uachdaran an t‑sionagoig, agus chunnaic e an iomairt agus iadsan a bha a’ gul, agus a’ caoineadh gu mòr.
39Agus nuair a thàinig e a‑steach, thubhairt e riu, Carson a tha sibh ris an iomairt seo, agus ri bròn? Chan eil an nìonag marbh, ach na cadal#Eòin 11:11‐13.
40Agus rinn iadsan gàire fanaid ris: ach air dhàsan an cur uile a‑mach, thug e leis athair agus màthair na nighinn, agus iadsan a bha maille ris, agus chaidh e a‑steach far an robh an nìonag na laighe.
41Agus rug e air an nìonaig air làimh, agus thubhairt e rithe, Talitha‐cumi; is e sin, air eadar‐mhìneachadh, A chailinn (tha mise ag ràdh riut), èirich#Gnìo 9:40.
42Agus air ball dh’èirich an nìonag agus dh’imich i; oir bha i dà‑bhliadhna‐dheug a dh’aois: agus ghabh iad iongantas anabarrach.
43Agus thug e òrdagh teann dhaibh nach faigheadh duine air bith fios air a seo#Marc 3:12; Mat 8:4; 12:16‐18; Lùc 5:14; agus dh’àithn e càil‐eigin a thoirt dhi ri ithe.
Currently Selected:
Marcus 5: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017