Marcus 4
4
1 Cosamhlachd fir‐chuir an t‑sìl, agus a bhrìgh. 21 Is còir dhuinn solas ar n‑eòlais a phàirteachadh ri muinntir eile. 26 Cosamhlachd an t‑sìl a tha a’ fàs ann an uaignidheas, 30 agus a’ ghràinne mhustaird. 39 Chiùinich Crìosd onfhadh na fairge.
1Agus thòisich e air teagasg a‑rìs làimh ris a’ mhuir#Mat 13:1, etc.; Lùc 8:4, etc.; agus chruinnicheadh sluagh mòr da ionnsaigh, ionnas gun deachaidh e a‑steach do luing, agus gun do shuidh e air a’ mhuir; agus bha an sluagh uile ri taobh na mara air tìr.
2Agus theagaisg e dhaibh mòran de nithean ann an cosamhlachdan, agus thubhairt e riu na theagasg,
3Eisdibh#Marc 7:16: Feuch chaidh fear‐cuir a‑mach a chur sìl:
4Agus thàrladh, nuair a chuir e an sìol, gun do thuit cuid dheth ri taobh an rathaid, agus thàinig eunlaith an adhair, agus dh’ith iad suas e.
5Agus thuit cuid eile dheth air fearann creagach, far nach robh mòr‐thalamh aige: agus air ball dh’fhàs e suas, do bhrìgh nach robh doimhne talmhainn aige:
6Ach air don ghrèin èirigh, loisgeadh e, agus a chionn nach robh freumh aige, shearg e as.
7Agus thuit cuid eile am measg droighinn, agus dh’fhàs an droigheann suas, agus thachd e e, agus cha tug e toradh uaithe.
8Agus thuit cuid eile air talamh math, agus thug e toradh uaithe a’ fàs suas agus a’ meudachadh; agus thug e a‑mach, cuid a dheich‐ar‑fhichead uiread, agus cuid a thrì‐fichead uiread, agus cuid a cheud uiread is a chuireadh.
9Agus thubhairt e riu, An tì aig a bheil cluasan a‑chum èisdeachd, èisdeadh e.
10Agus nuair a bha e na aonar#Mat 13:10, etc., dh’fheòraich iadsan a bha mun cuairt dha, maille ris an dà‑fhear‐dheug, an cosamhlachd dheth.
11Agus thubhairt e riu, Dhuibhse thugadh eòlas a ghabhail air nithean diamhair rìoghachd Dhè#Eph 1:9: ach dhaibh‐san a tha an leth a‑muigh#Col 4:5; 1 Tes 4:12; 1 Tim 3:7 nìthear gach nì ann an cosamhlachdan:
12A‑chum is a’ faicinn dhaibh gum faic iad, agus nach aithnich iad#Isa 6:9, 10; Eòin 12:40, agus a’ cluinntinn dhaibh gun cluinn iad, agus nach tuig iad; air eagal àm air bith gun tilleadh iad, agus gum biodh am peacaidhean air am maitheadh dhaibh.
13Agus thubhairt e riu, Nach aithne dhuibh an cosamhlachd seo? Agus cionnas, matà, a thuigeas sibh gach uile chosamhlachd?
14Tha am fear‐cuir a’ cur an fhacail.
15Agus is iad seo iadsan ri taobh an rathaid, anns an cuirear am facal; an dèidh dhaibh a chluinntinn, air ball tha Sàtan a’ teachd#1 Pead 5:8; Tais 12:9, agus a’ togail leis an fhacail#Eabh 2:1, a shìol‐chuireadh nan cridheachan.
16Agus is iad seo iadsan mar an ceudna a chuireadh air fearann creagach; muinntir, nuair a chluinneas iad am facal, a ghabhas e air ball le gàirdeachas:
17Agus chan eil freumh aca annta fhèin, ach mairidh iad rè sealain; na dhèidh sin, nuair a dh’èireas àmhghar no geur‐leanmhainn airson an fhacail, air ball tha iad a’ gabhail oilbheim.
18Agus is iad seo iadsan a chuireadh am measg an droighinn, an dream a dh’èisdeas ris an fhacal;
19Agus tha ro‑chùram an t‑saoghail seo#Lùc 14:18‐20; 1 Tim 6:9, 17; 2 Tim 4:10, agus mealltaireachd saoibhreis#Gnà 23:5, agus ana‐miannan nithean eile a’ teachd a‑steach, agus a’ tachdadh an fhacail, agus nìthear neo‐thorrach e.
20Agus is iad seo iadsan a chuireadh ann an talamh math; an dream a chluinneas am facal, agus a ghabhas e, agus a bheir a‑mach toradh#Col 1:10; 2 Pead 1:8, cuid a dheich‐ar‑fhichead uiread, cuid a thrì‐fichead uiread, agus cuid a cheud uiread is a chuireadh.
21Agus thubhairt e riu, An toirear coinneal a‑chum gun cuirear i fo bheul soithich, no fo leabaidh? Nach ann a‑chum a cur ann an coinnleir?
22Oir chan eil nì air bith falaichte nach foillsichear#Ecl 12:14; Mat 10:26; Lùc 12:2; 1 Cor 4:5; agus cha robh nì air bith an cleith nach tig am follais.
23Ma tha cluasan a‑chum èisdeachd aig neach air bith, èisdeadh e.
24Agus thubhairt e riu, Thugaibh fa‑near ciod a chluinneas sibh#1 Pead 2:2: leis an tomhas a thomhaiseas sibh#Mat 7:2, tomhaisear dhuibh fhèin; agus bheirear tuilleadh dhuibhse tha ag èisdeachd.
25Oir ge bè neach aig a bheil, bheirear dha#Mat 25:29; Lùc 8:18: agus ge bè neach aig nach eil bheirear uaithe an nì sin fhèin a tha aige.
26Agus thubhairt e, Is amhail rìoghachd Dhè, mar gun cuireadh duine sìol anns an talamh.
27Agus gun caidleadh e, agus gun èireadh e a dh’oidhche agus a là, agus gun gineadh an sìol, agus gum fàsadh e suas, air dòigh nach fhios dha.
28Oir bheir an talamh a‑mach toradh uaithe fhèin, air tùs am fochann, a‑rìs an dias, an dèidh sin an làn arbhar anns an dèis.
29Ach nuair a tha an toradh abaich, air ball cuiridh e an corran ann#Tais 14:15, a chionn gu bheil am fogharadh air teachd.
30Agus thubhairt e, Ciod an nì ri an samhlaich sinn rìoghachd Dhè? No ciod e an cosamhlachd leis an coimeas sinn i?
31Is cosmhail i ri gràinne mustaird#Mat 13:31, 32; Lùc 13:18, 19, nì, nuair a chuirear anns an talamh e, as lugha de na h‑uile phòran a tha air thalamh.
32Ach an dèidh a chur, fàsaidh e suas, agus cinnidh e nas mò na luibh sam bith eile#Gnà 4:18; Isa 11:9; Daniel 2:44, agus fàsaidh geugan mòra air; ionnas gum faod eunlaith an adhair neadan a dhèanamh fo a sgàil.
33Agus le iomadh de a leithidean sin de chosamhlachdan labhair e am facal riu, a rèir mar a b’urrainn iad a chluinntinn.
34Ach gun chosamhlachd cha do labhair e riu. Agus mhìnich e na h‑uile nithean da dheisciobail fhèin air leth.
35Agus thubhairt e riu air an là sin fhèin, air teachd don fheasgar, Rachamaid thairis gus an taobh eile.
36Agus nuair a sgaoil iad an coitheanal, thug iad leo esan anns an luing mar a bha e; agus bha longan beaga eile maille ris mar an ceudna.
37Agus dh’èirich doineann mhòr ghaoithe#Mat 8:24; Lùc 8:23, agus leum na tonnan a‑steach don luing, air chor is gu robh i a‑nis làn.
38Agus bha esan ann an deireadh na luinge, na chadal air cluasaig: agus dhùisg iad e, agus thubhairt iad ris, A Mhaighistir, nach eil suim agad gun caillear sinn#Salm 10:1; Isa 40:27; Tuir 3:8?
39Agus dh’èirich e, agus chronaich e a’ ghaoth, agus thubhairt e ris an fhairge, Tosd, bi sàmhach. An sin laigh a’ ghaoth, agus bha fiath mòr ann#Salm 89:9.
40Agus thubhairt e riu, Carson a tha sibh cho eagalach? Cionnas nach eil creideamh agaibh#Salm 46:1, 2; Isa 43:2?
41Agus ghabh iad eagal ro‑mhòr#Ion 1:10, 16, agus thubhairt iad ri chèile, Ciod e an duine seo, gu bheil a’ ghaoth agus an fhairge fhèin umhail dha?
Currently Selected:
Marcus 4: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017