YouVersion Logo
Search Icon

Marcus 3

3
1 Leighis Crìosd an duine aig an robh an làmh sheargta. 11 Chronaich e na spioradan neòghlan; 13 agus thagh e dà‑abstol‐dheug. 22 Dhearbh e aingidheachd an t‑sluaigh a bha ag ràdh gu robh e a’ tilgeadh dheamhan a‑mach le Beelsebub.
1Agus chaidh e a‑rìs a‑steach don t‑sionagog#Mat 12:9, etc.; Lùc 6:6, etc.; agus bha an sin duine aig an robh làmh sheargte.
2Agus rinn iad faire air#Lùc 14:1, a dh’fheuchainn an lèighseadh e e air là na sàbaid, a‑chum gum biodh cùis‐dhìtidh aca na aghaidh.
3Agus thubhairt e ris an duine aig an robh an làmh sheargte, Eirich anns a’ mheadhon.
4Agus thubhairt e riu, A bheil e ceadaichte math a dhèanamh air làithean na sàbaid, no olc; anam a thèarnadh#Hos 6:6, no a sgrios? Ach dh’fhan iadsan nan tosd.
5Agus nuair a dh’amhairc e mun cuairt orra le feirg, air dha a bhith duilich airson cruas an cridhe, thubhairt e ris an duine, Sìn a‑mach do làmh. Agus shìn e a‑mach i; agus rinneadh slàn i mar an làmh eile.
6Agus chaidh na Pharasaich a‑mach, agus ghabh iad comhairle air ball maille ri luchd‐leanmhainn Heroid#Mat 22:16 na aghaidh‐san, cionnas a dh’fhaodadh iad a sgrios.
7Ach chaidh Iosa maille ra dheisciobail air leth a‑chum na mara: agus lean sluagh mòr e o Ghalile#Lùc 6:17, agus o Iudèa.
8Agus o Ierusalem, agus o Idumèa, agus o thaobh thall Iòrdain, agus iadsan a bha timcheall Thìruis agus Shìdoin, thàinig cuideachd mhòr dhiubh da ionnsaigh, nuair a chuala iad cho mòr is a bha na nithean a rinn e.
9Agus thubhairt e ra dheisciobail long bheag a bhith a’ feitheamh air, airson an t‑sluaigh, a‑chum nach dòmhlaicheadh iad e:
10Oir leighis e mòran#Mat 12:15; 14:14; ionnas gun do dhlùth‐theann iad ris, a mheud is air an robh plàighean, a‑chum gum beanadh iad ris.
11Agus na spioradan neòghlan#Marc 1:24; Mat 14:33; Lùc 4:41; Seum 2:19, nuair a chunnaic iad e, shleuchd iad dha, agus ghlaodh iad, ag ràdh, Is tusa Mac Dhè.
12Agus thug e sparradh teann dhaibh nach dèanadh iad aithnichte e#Marc 1:25, 34.
13Agus chaidh e suas gu beinn#Mat 10:1, agus ghairm e iadsan a b’àill leis#Eòin 15:16: agus thàinig iad da ionnsaigh.
14Agus dh’òrdaich e dà‑fhear‐dheug, a‑chum gum biodh iad maille ris, agus gun cuireadh e a‑mach iad a shearmonachadh;
15Agus gum biodh aca cumhachd a leigheas easlainte, agus a thilgeadh a‑mach dheamhan.
16Agus air Sìmon thug e Peadar mar cho‐ainm#Eòin 1:42;
17Agus Seumas mac Shebede, agus Eòin bràthair Sheumais (agus orrasan thug e Boanerges mar cho‐ainm, is e sin ri ràdh, Clann na tàirneanaich),
18Agus Anndras, agus Philip, agus Bartolomèus, agus Mata, agus Tòmas, agus Seumas, mac Alphèuis, agus Tadèus#Lùc 6:16; Iùd 1, agus Sìmon an Canàanach#Gnà 1:13,
19Agus Iùdas Iscariot, an neach sin a bhrath e: agus chaidh iad do thaigh.
20Agus chruinnicheadh an sluagh a‑rìs, ionnas nach robh e an comas dhaibh uiread is aran ithe#Marc 6:31.
21Agus nuair a chuala a chàirdean seo, thàinig iad a‑mach a bhreith air, oir thubhairt iad, Tha e air mhì‐chèill#Hos 9:7; Eòin 10:20.
22Agus thubhairt na sgrìobhaichean a thàinig a‑nuas o Ierusalem, Tha Beelsebub aige#Mat 9:34; 10:25; Lùc 11:15; Eòin 7:20; 8:48, 52, agus is ann tro phrionnsa nan deamhan a tha e a’ tilgeadh a‑mach dheamhan.
23Agus ghairm e iad da ionnsaigh, agus thubhairt e riu ann an cosamhlachdan, Cionnas a dh’fhaodas Sàtan Sàtan a thilgeadh a‑mach?
24Agus ma bhios rìoghachd roinnte na h‑aghaidh fhèin, chan urrainn an rìoghachd sin seasamh.
25Agus ma bhios taigh air a roinn na aghaidh fhèin, chan urrainn an taigh sin seasamh.
26Agus ma dh’èireas Sàtan na aghaidh fhèin agus gum bi e roinnte, chan urrainn e seasamh, ach tha crìoch air.
27Chan urrainn neach air bith dol a‑steach do thaigh duine làidir#Isa 49:24, 26; 61:1; Mat 12:29, agus a àirneis a thogail leis, mura ceangail e an duine làidir an toiseach; agus an sin creachaidh e a thaigh.
28Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gum maithear na h‑uile pheacaidhean do chloinn nan daoine#Mat 12:31; Lùc 12:10, agus gach toibheum a labhras iad;
29Ach ge bè a labhras toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh, chan fhaigh e maitheanas a‑chaoidh#Eabh 10:29, ach tha e an cunnart peanais shìorraidh:
30Airson gun dubhairt iad, Tha spiorad neòghlan aige.
31An sin thàinig a bhràithrean agus a mhàthair#Mat 12:46‐48; Lùc 8:19‐21, agus air dhaibh seasamh a‑muigh, chuir iad fios da ionnsaigh, a’ gairm air.
32Agus bha an sluagh nan suidhe ma thimcheall; agus thubhairt iad ris, Feuch, tha do mhàthair agus do bhràithrean a‑muigh gad iarraidh.
33Agus fhreagair e iad, ag ràdh, Cò i mo mhàthair, no mo bhràithrean?
34Agus sheall e mun cuairt orrasan a bha nan suidhe ma thimcheall, agus thubhairt e, Feuch mo mhàthair agus mo bhràithrean.
35Oir ge bè neach a nì toil Dhè#Seum 1:25; 1 Eòin 2:17, is esan mo bhràthair, agus mo phiuthar, agus mo mhàthair.

Currently Selected:

Marcus 3: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

Video for Marcus 3