Eòin 11
11
Bàs Làsarais
1A‑nis bha duine àraidh tinn, Làsaras, o Bhetani, baile Màiri is Marta a piuthar. 2B' i a' Mhàiri sin aig an robh a bràthair Làsaras gu tinn a dh'ung an Tighearna le acfhainn, agus a thiormaich a chasan le a falt. 3Mar sin chuir na peathraichean fios thuige, ag ràdh, “A Thighearna, tha an neach as gràdhach leat tinn.”
4Ach nuair a chuala Ìosa seo, thuirt e, “Chan ann gu bàs a thig an tinneas seo, ach gu glòir Dhè, airson 's gum bi Mac Dhè air a ghlòrachadh troimhe.” 5A‑nis bha gràdh aig Ìosa air Marta agus air a piuthair agus air Làsaras. 6Mar sin, nuair a chuala e gun robh esan tinn, dh'fhan e dà latha a bharrachd anns an àite far an robh e.
7Às dèidh sin, thuirt e ri a dheisciobail, “Rachamaid a‑rithist a dh'Iudèa.”
8Thuirt na deisciobail ris, “A Rabaidh, o chionn ghoirid bha na h‑Iùdhaich ag iarraidh do chlachadh, agus a bheil thu a' dol an sin a‑rithist?”
9Fhreagair Ìosa, “Nach eil dà uair dheug anns an latha? Ma choisicheas duine sam bith san latha, cha tuislich e, a chionn 's gu bheil e a' faicinn solas an t‑saoghail seo. 10Ach ma choisicheas duine sam bith air an oidhche, tuislichidh e, a chionn 's nach eil an solas ann.”
11Às dèidh dha na rudan seo a ràdh thuirt e riutha, “Tha ar caraid Làsaras air tuiteam na chadal, ach tha mise a' dol an sin ga dhùsgadh.”
12Thuirt na deisciobail, “A Thighearna, ma tha e air tuiteam na chadal, bidh e slàn.” 13A‑nis bha Ìosa air bruidhinn mu a bhàs, ach shaoil iadsan gun robh e air bruidhinn mu fhois cadail.
14Mar sin thuirt Ìosa an uair sin riutha gu soilleir, “Tha Làsaras air bàsachadh, 15agus tha mi toilichte air ur son‑se nach robh mi ann, airson 's gun creid sibh. Ach rachamaid thuige.”
16An uair sin thuirt Tòmas (ris an canar Didimus#11:16 Gu lit.: “an Leth‑Chàraid”) ri a cho‑dheisciobail, “Rachamaid‑ne cuideachd, airson 's gum faod sinn bàsachadh còmhla ris.”
Ìosa a' Cofhurtachadh Peathraichean Làsarais
17Nuair a ràinig Ìosa, fhuair e a‑mach gun robh Làsaras air a bhith ceithir latha mu thràth anns an tuam. 18Bha Betani mu thrì cilemeatair#11:18 Na bu lugha na dà mhìle o Ierusalem. 19Agus bha mòran dhe na h‑Iùdhaich air tighinn gu Marta is Màiri, airson cofhurtachd a thoirt dhaibh a thaobh am bràthar. 20Mar sin, nuair a chuala Marta gun robh Ìosa a' tighinn, chaidh i na choinneamh, ach dh'fhan Màiri na suidhe anns an taigh.
21Thuirt Marta ri Ìosa, “A Thighearna, nan robh thusa air a bhith an seo, cha robh mo bhràthair air bàsachadh. 22Ach fiù 's an‑dràsta tha fios agam, ge b' e dè na rudan a dh'iarras tu air Dia, gun toir Dia dhut iad.”
23Thuirt Ìosa rithe, “Èiridh do bhràthair a‑rithist.”
24Thuirt Marta ris, “Tha fios agam gun èirich e a‑rithist anns an aiseirigh air an latha dheireannach.”
25Thuirt Ìosa rithe, “Is mise an aiseirigh agus a' bheatha. Ge b' e cò a chreideas annamsa, ged a gheibheadh e bàs, bidh e beò; 26agus ge b' e neach a tha beò agus a' creidsinn annamsa, chan fhaigh e bàs gu bràth. A bheil thu a' creidsinn seo?”
27Thuirt i ris, “Tha, a Thighearna, tha mi a' creidsinn gur tusa an Crìosd, Mac Dhè, a bha a' dol a thighinn a‑steach dhan t‑saoghal.”
28Às dèidh dhi seo a ràdh, dh'fhalbh i agus ghairm i air a piuthar Màiri, ag ràdh gu dìomhair, “Tha an Neach‑Teagaisg an seo, agus tha e gad ghairm.” 29Agus nuair a chuala ise seo, dh'èirich i gu luath agus chaidh i thuige. 30A‑nis cha robh Ìosa fhathast air tighinn a‑steach dhan bhaile, ach bha e fhathast anns an àite far an do choinnich Marta ris. 31Bha Iùdhaich còmhla rithe anns an taigh a' toirt cofhurtachd dhi. Nuair a chunnaic iad Màiri ag èirigh gu luath agus a' dol a‑mach, lean iad i, a' smaoineachadh gun robh i a' dol chun an tuaim a chaoineadh an sin.
32Mar sin, nuair a thàinig Màiri dhan àite far an robh Ìosa agus a chunnaic i e, thuit i aig a chasan, ag ràdh ris, “A Thighearna, nan robh thusa air a bhith an seo, cha robh mo bhràthair air bàsachadh.”
33Nuair a chunnaic Ìosa i a' caoineadh, agus na h‑Iùdhaich a thàinig còmhla rithe cuideachd a' caoineadh, bha e air a ghluasad gu domhainn na spiorad, agus fo chùram mòr. 34Agus thuirt e, “Càit an do chuir sibh e?”
Thuirt iad ris, “A Thighearna, thig agus faic.”
35Chaoin Ìosa.
36Mar sin thuirt na h‑Iùdhaich, “Seall mar a ghràdhaich e e!”
37Ach thuirt cuid dhiubh, “Nach b' urrainn dhan duine seo, a dh'fhosgail sùilean an fhir a bha dall, cuideachd a bhith air am fear seo a chumail on bhàs?”
Ìosa a' Togail Làsarais o na Mairbh
38An uair sin thàinig Ìosa, air a ghluasad gu domhainn a‑rithist, chun an tuaim. B' e uamh a bh' ann, agus bha clach air a cur ri a h‑aghaidh. 39Thuirt Ìosa, “Thoiribh air falbh a' chlach.”
Thuirt Marta, piuthar an duine mhairbh, ris, “A Thighearna, mun àm seo bidh droch fhàileadh dheth, oir is e seo an ceathramh latha on a bhàsaich e.”
40Thuirt Ìosa rithe, “Nach tuirt mi riut, nan creideadh tu, gum faiceadh tu glòir Dhè?”
41Mar sin thug iad air falbh a' chlach. Agus sheall Ìosa suas, is thuirt e, “Athair, tha mi a' toirt taing dhut gu bheil thu air mo chluinntinn. 42Tha fios agam gu bheil thu gam chluinntinn an‑còmhnaidh, ach thuirt mi seo air sgàth an t‑sluaigh a tha nan seasamh mun cuairt, airson 's gun creid iad gun do chuir thusa a‑mach mi.”
43Nuair a bha e air na rudan seo a ràdh, dh'èigh e le guth mòr, “A Làsarais, thig a‑mach!” 44Thàinig esan a bha air bàsachadh a‑mach, a chasan agus a làmhan ceangailte leis an aodach‑mhairbh, agus bha aghaidh air a suaineadh le clò‑aodainn.
Thuirt Ìosa riutha, “Fuasglaibh e, agus leigibh leis falbh.”
Innleachd airson Ìosa a Mharbhadh
45Chreid mòran dhe na h‑Iùdhaich, a bh' air tighinn gu Màiri agus a chunnaic na rinn e, ann an Ìosa. 46Ach dh'fhalbh cuid dhiubh gu na Pharasaich agus dh'innis iad dhaibh na rudan a rinn Ìosa. 47Mar sin chruinnich na h‑àrd‑shagartan agus na Pharasaich an Comhairle, agus dh'fhaighnich iad, “Dè a nì sinn? Oir tha an duine seo a' dèanamh mòran chomharraidhean mìorbhaileach. 48Ma leigeas sinn leis cumail air mar seo, creididh na h‑uile ann, agus thig na Ròmanaich agus bheir iad air falbh an dà chuid ar n‑àite#11:48 A' ciallachadh “ar teampall” no “Ierusalem” agus ar nàisean.”
49Ach thuirt fear dhiubh, Caiaphas, a bha na àrd‑shagart air a' bhliadhna sin, riutha, “Chan aithne dhuibh rud sam bith! 50Cha mhotha a tha sibh a' tuigsinn gum biodh e na b' fheàrr dhuibh nam bàsaicheadh aon duine airson an t‑sluaigh, agus nach biodh an nàisean gu lèir air a sgrios.”
51Cha b' ann uaithe fhèin a thuirt e seo, ach a chionn 's gun robh e na àrd‑shagart air a' bhliadhna sin, rinn e fàidheadaireachd gum faigheadh Ìosa bàs airson an nàisein, 52agus chan ann airson an nàisein a‑mhàin, ach cuideachd airson 's gun cruinnicheadh e còmhla, nan aon, clann Dhè a bh' air an sgapadh mu sgaoil. 53Mar sin, on latha sin a‑mach, rinn iad innleachd airson esan a chur gu bàs.
54Mar sin cha do choisich Ìosa tuilleadh gu follaiseach am measg nan Iùdhach, ach chaidh e às a sin dhan sgìre a bha faisg air an fhàsach, gu baile ris an canar Ephraim, agus an sin dh'fhuirich e còmhla ri a dheisciobail.
55Bha Càisg nan Iùdhach faisg, agus chaidh mòran suas às an dùthaich a dh'Ierusalem ron Chàisg, airson iad fhèin a ghlanadh gu deas‑ghnàthach. 56Mar sin bha iad a' lorg Ìosa, agus ag ràdh ri chèile, fhad 's a bha iad nan seasamh anns an teampall, “Dè ur barail‑se? Cha tig e chun na Fèille, an tig?” 57A‑nis bha na h‑àrd‑shagartan agus na Pharasaich air àithntean a thoirt seachad, nam biodh fios aig neach sam bith càit an robh e, gun innseadh e dhaibh e, airson 's gun glacadh iad e.
Currently Selected:
Eòin 11: ATN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024
© Scottish Bible Society 2017, 2024