Eòin 2
2
Ìosa a' Tionndadh Uisge na Fhìon
1Air an treas latha bha banais ann an Càna Ghalile. Bha màthair Ìosa an sin, 2agus fhuair Ìosa agus a dheisciobail cuideachd cuireadh chun na bainnse. 3Nuair a theirig am fìon, thuirt màthair Ìosa ris, “Chan eil an còrr fìon aca.”
4Thuirt Ìosa, “Dè an gnothach a th' aige sin rinne, a bhoireannaich? Cha tàinig m' uair‑sa fhathast.”
5Thuirt a mhàthair ris na seirbheisich, “Dèanaibh ge b' e dè a dh'iarras e oirbh.”
6A‑nis bha sia soithichean cloiche airson uisge an sin; an seòrsa a tha na h‑Iùdhaich a' cleachdadh airson gnàth‑glanaidh. Ghabhadh gach fear dhiubh eadar ochdad agus ceud liotair 's a fichead#2:6 Gu lit.: “dà thomhas no trì”.
7Thuirt Ìosa riutha, “Lìonaibh na soithichean le uisge!” Agus lìon iad suas gus am beòil iad.
8Thuirt e riutha, “Tàirngibh beagan dheth agus thoiribh gu fear‑cinn na cuirme e.”
Agus thug iad thuige e. 9An uair sin bhlais fear‑cinn na cuirme an t‑uisge a chaidh a thionndadh gu fìon. Cha robh fios aige cò às a thàinig e, ach bha fios aig na seirbheisich a tharraing an t‑uisge. Ghairm e air fear na bainnse, 10agus thuirt e ris, “Tha a h‑uile duine a' tairgsinn an fhìon as fheàrr an toiseach agus às dèidh sin am fìon as miosa nuair a tha iad air gu leòr òl. Ach ghlèidh thusa am fìon as fheàrr thuige seo.”
11B' e seo a' chiad fhear de chomharraidhean mìorbhaileach Ìosa. Rinn e ann an Càna Ghalile e. Mar sin dh'fhoillsich e a ghlòir, agus chreid a dheisciobail ann.
Ìosa a' Falmhachadh an Teampall
12Às dèidh seo, chaidh e sìos gu Capernàum còmhla ri a mhàthair agus a bhràithrean agus a dheisciobail. Dh'fhuirich iad beagan làithean an sin.
13Nuair a bha e faisg air àm Càisg nan Iùdhach chaidh Ìosa suas gu Ierusalem. 14Ann an cùirtean an teampaill fhuair e daoine a' reic cruidh agus chaorach agus chalman, agus feadhainn eile nan suidhe ag iomlaid airgid. 15Agus às dèidh dha sgiùrsair de chùird a dhèanamh ruaig e a‑mach às an teampall iad uile agus an dà chuid caoraich is crodh; dhòirt e a‑mach buinn airgid an luchd‑iomlaid agus thilg e na bùird aca bun‑os‑cionn. 16Thuirt e riuthasan a bha a' reic chalman, “Thoiribh iad sin a‑mach à seo; na dèanaibh taigh m' Athar‑sa na thaigh‑marsantachd.”
17Chuimhnich a dheisciobail gu bheil e sgrìobhte, “Ithidh eud do thaighe suas mi.”#Salm 69:9
18An uair sin fhreagair na h‑Iùdhaich e, “Dè an comharra mìorbhaileach a tha thu a' sealltainn dhuinn mar dhearbhadh air na rudan seo a tha thu a' dèanamh?”
19Fhreagair Ìosa iad, “Sgriosaibh an teampall seo, agus ann an trì latha togaidh mise suas a‑rithist e.”
20An uair sin thuirt na h‑Iùdhaich, “Chaidh an teampall seo a thogail ann an ceathrad bliadhna 's a sia; agus an tog thusa ann an trì latha e?” 21Ach bha esan a' bruidhinn mu theampall a chuirp. 22Nuair a chaidh a thogail o na mairbh, chuimhnich a dheisciobail air na thubhairt e, agus chreid iad an Sgriobtar, agus na faclan a thuirt Ìosa.
23A‑nis, fhad 's a bha e ann an Ierusalem aig Fèill na Càisge, chreid mòran dhaoine na ainm nuair a chunnaic iad na comharraidhean mìorbhaileach a bha e a' dèanamh. 24Ach cha robh Ìosa ga chur fhèin an earbsa riutha, a chionn 's gum b' aithne dha na h‑uile dhaoine, 25agus nach robh feum aige air fianais duine sam bith mu dhuine, oir bha fios aige dè a bh' anns an duine.
Currently Selected:
Eòin 2: ATN
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 2017, 2024
© Scottish Bible Society 2017, 2024