YouVersion Logo
Search Icon

Lùcas 19

19
Sachèus an Cìs‑Mhaor
1Chaidh Ìosa a‑steach do Iericho agus bha e a' dol troimhe. 2Agus seall, bha duine an sin air an robh an t‑ainm Sachèus. B' e àrd‑chìs‑mhaor a bh' ann, agus bha e beairteach. 3Bha e ag iarraidh faicinn cò a bh' ann an Ìosa, ach air sgàth an t‑sluaigh cha b' urrainn dha, a chionn 's gun robh e beag. 4Mar sin ruith e air thoiseach agus shreap e suas ann an craoibh shicamoir airson 's gum faiceadh e esan, oir bha Ìosa gus a dhol seachad an taobh sin.
5Nuair a thàinig Ìosa dhan àite, sheall e suas agus thuirt e ris, “A Shachèuis, dèan cabhag 's thig a‑nuas, oir an‑diugh feumaidh mi fuireach aig do thaigh.” 6Mar sin, a' dèanamh cabhaig, thàinig e a‑nuas agus ghabh e ris gu h‑aoibhneach.
7Nuair a chunnaic iad uile e, ghearain iad: “Tha e air a dhol a‑steach gus a bhith na aoigh aig duine peacach.”
8Ach sheas Sachèus agus thuirt e ris an Tighearna, “Seall, a Thighearna, tha mi a' toirt leth dhem chuid dha na bochdan. Agus ma thug mi sìon o neach sam bith tro chasaid‑brèige, bheir mi dha a cheithir uiread.”
9Agus thuirt Ìosa ris, “Thàinig slàinte an‑diugh chun an taighe seo, a chionn 's gur e mac do dh'Abrahàm a th' anns an duine seo cuideachd. 10Oir thàinig Mac an Duine a shireadh agus a theàrnadh an nì sin a bha caillte.”
Cosamhlachd nan Deich Mina
11Fhad 's a bha iad ag èisteachd ris na rudan seo, lean e air is dh'innis e cosamhlachd, a chionn 's gun robh e faisg air Ierusalem agus a chionn 's gun do shaoil iadsan gun robh rìoghachd Dhè a' dol a nochdadh sa bhad. 12Mar sin thuirt e, “Chaidh duine uasal do dhùthaich fad' às, airson rìoghachd fhaighinn dha fhèin, agus tilleadh air ais. 13Ghairm e air deichnear dhe na seirbheisich aige, thug e mina#19:13 B' fhiach aon mhina mu thrì mìosan tuarastail. an duine dhaibh, agus thuirt e riutha, ‘Dèanaibh malairt gus an till mi.’
14“Ach bha fuath aig a shaoranaich dha agus chuir iad teachdaireachd às a dhèidh ag ràdh, ‘Chan eil sinn ag iarraidh gum bi an duine seo na rìgh oirnn.’
15“Nuair a thill e, às dèidh dha an rìoghachd fhaighinn, dh'òrdaich e gum biodh na seirbheisich ud dhan tug e an t‑airgead air an gairm thuige, airson 's gum biodh fios aige dè a bhuannaich iad tro mhalairt.
16“Thàinig a' chiad fhear air adhart, ag ràdh, ‘A thighearna, choisinn do mhina deich minathan.’
17“Thuirt e ris, ‘Is math a rinn thu, a sheirbheisich mhaith! A chionn 's gun robh thusa fìrinneach ann am fìor bheagan, biodh uachdaranachd agadsa air deich bailtean.’
18“Thàinig an dara fear, ag ràdh, ‘A thighearna, rinn do mhina còig minathan.’
19“Agus thuirt e ris‑san, ‘Bidh thusa os cionn còig bailtean.’
20“An uair sin thàinig fear eile, ag ràdh, ‘A thighearna, seall do mhina, a bha taisgte agam ann an nèapraige. 21Oir bha eagal orm romhad, air sgàth 's gur e duine cruaidh a th' annad. Tha thu a' togail an rud nach do thaisg thu agus a' buain an rud nach do chuir thu.’
22“Thuirt a mhaighstir ris, ‘Led fhaclan fhèin bheir mi breith ort, a dhroch sheirbheisich! Bha fios agad gum b' e duine cruaidh a bh' annam, a' togail an rud nach do thaisg mi agus a' buain an rud nach do chuir mi. 23Carson mar sin nach do chuir thu m' airgead ann am banca? An uair sin, a' tilleadh, thogainn e le riadh.’
24“Agus thuirt e riuthasan a sheas faisg air làimh, ‘Thoiribh am mina uaithe, agus thoiribh dhàsan e aig a bheil na deich minathan.’
25“Agus thuirt iad ris, ‘A thighearna, tha deich minathan aige!’
26“Tha mi ag ràdh ribh, ‘A h‑uile neach aig a bheil gun tèid barrachd a thoirt dha, ach on neach aig nach eil gun tèid fiù 's na th' aige a thoirt air falbh. 27Ach na nàimhdean seo agamsa, leis nach bu toigh l' gum bithinn‑sa nam rìgh os an cionn, thugaibh an seo iad agus marbhaibh iad mum choinneamh.’”
An Dol‑a‑Steach Buadhmhor
28Às dèidh do dh'Ìosa na rudan sin a ràdh, lean e air adhart romhpa, a' dol suas gu Ierusalem. 29Fhad 's a thàinig e faisg air Betphage agus Betani aig a' bheinn ris an canar Beinn nan Crann‑Ola, chuir e air falbh dithis dheisciobal, 30ag ràdh, “Thallaibh dhan bhaile mur coinneamh, agus nuair a thèid sibh a‑steach gheibh sibh searrach ceangailte, air nach do shuidh aon duine riamh. Fuasglaibh e agus thoiribh an seo e. 31Ma dh'fhaighnicheas neach sam bith dhuibh, ‘Carson a tha sibh ga fhuasgladh?’ canaibh mar seo: ‘Tha feum aig an Tighearna air.’”
32Mar sin dh'fhàg iadsan a chaidh a chur air falbh, agus fhuair iad e dìreach mar a thuirt esan riutha. 33Agus fhad 's a bha iad a' fuasgladh an t‑searraich, thuirt iadsan leis an robh e riutha, “Carson a tha sibh a' fuasgladh an t‑searraich?”
34Fhreagair iadsan, “Tha feum aig an Tighearna air.”
35Mar sin thug iad gu Ìosa e agus thilg iad an cuid aodaich uachdair air an t‑searrach, agus chuir iad Ìosa air. 36Fhad 's a chaidh e air adhart, sgaoil iad an t‑aodach‑uachdair aca air an rathad.
37Nuair a bha e mu thràth a' tighinn faisg air slighe sìos Beinn nan Crann‑Ola, thòisich mòr‑chuideachd nan deisciobal uile air gàirdeachas a dhèanamh, agus moladh a thoirt do Dhia le guthan àrda airson nan obraichean cumhachdach uile a bha iad air fhaicinn, 38ag ràdh:
“Is beannaichte an Rìgh a tha a' tighinn ann an ainm an Tighearna!#Salm 118:26
Sìth ann an nèamh agus glòir anns na h‑àrdan!”
39Thuirt cuid dhe na Pharasaich on t‑sluagh ris, “Fhir‑Teagaisg, cronaich do dheisciobail!”
40Agus fhreagair esan, “Tha mi ag ràdh ribh, nam fanadh iad sin sàmhach, gun èigheadh na clachan a‑mach.”
41Agus a' tighinn faisg, chunnaic e am baile is chaoin e air a shon 42agus thuirt e, “Nam b' aithne dhut, fiù 's dhutsa, air an latha seo na rudan a bhuineas dhad shìth – ach tha iad a‑nis falaichte od shùilean. 43Oir thig na làithean ort nuair a chuireas do nàimhdean balla‑bacaidh mud thimcheall agus cuartaichidh iad thu agus bruthaidh iad a‑steach air gach taobh dhìot. 44Leagaidh iad chun an làir thu, agus do chlann annad. Agus chan fhàg iad clach air muin cloiche annad, a chionn 's nach b' aithne dhut àm‑tadhail Dhè ort.”
Ìosa anns an Teampall
45An uair sin chaidh e a‑steach dhan teampall agus thòisich e air an fheadhainn a bha a' reic a thilgeil a‑mach, 46ag ràdh riutha, “Tha e sgrìobhte, ‘Bidh mo thaigh‑sa na thaigh‑ùrnaigh;’ ach rinn sibhse uamh mhèirleach dheth.”
47Agus bha e a' teagasg gach latha anns an teampall. Bha na h‑àrd‑shagartan, na sgrìobhaichean agus ceannardan an t‑sluaigh ag iarraidh a chur gu bàs, 48ach cha robh iad a faighinn a' chothruim, oir bha an sluagh uile ag èisteachd gu dùrachdach ris.

Currently Selected:

Lùcas 19: ATN

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in