YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 23

23
1Is e Dia fhèin as buachaill dhomh,
cha bhi mi ann an dìth.
2Bheir e fa-near gun laighinn sìos
air cluainibh glas’ le sìth:
Is fòs ri taobh nan aibhnichean
thèid seachad sìos gu mall,
A ta e ga mo threòrachadh,
gu mìn rèidh anns gach ball.
3Tha ’g aiseag m’anam dhomh air ais:
’s a’ treòrachadh mo cheum
Air slighibh glan’ na fìreantachd,
air sgàth dheagh ainme fhèin.
4Seadh, fòs ged ghluaisinn eadhon trìd
ghlinn dorcha sgàil’ a’ bhàis,
Aon olc no urchuid a theachd orm
chan eagal leam ’s cha chàs;
Airson gu bheil thu leam a-ghnàth,
do lorg, ’s do bhata treun,
Tha iad a’ tabhairt comhfhurtachd
is fuasglaidh dhomh am fheum.
5Dhomh dheasaich bòrd air beul mo nàmh:
le ola dh’ung mo cheann;
Cur thairis tha mo chupan fòs,
aig meud an làin a th’ann.
6Ach leanaidh math is tròcair rium,
an cian a bhios mi beò;
Is còmhnaicheam an àros Dhè,
ri fad mo rè ’s mo lò.

Currently Selected:

Sailm 23: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in