YouVersion Logo
Search Icon

Sailm 24

24
1’S le Dia an talamh, is a làn:
an domhan, ’s na bheil ann.
2Oir shocraich e air cuantaibh e,
air sruthaibh leag gu teann.
3Cò e am fear sin a thèid suas
gu tulaich naomha Dhè?
Is fòs na ionad naomha-san,
cò sheasas ann gu rèidh?
4An tì ga bheil na làmhan glan’,
is cridhe neoichiontach;
Anam nìor thog ri dìomhanas,
’s nìor lùgh mionn ìoganach.
5An tì sin beannachadh o Dhia
gheibh e gu saoibhir pailt,
Is ionracas faraon on Dia
’s bun slàinte dha na airc.
6’S e sin an ginealach ’s an dream
a dh’iarras e gu mòr;
Tha ’g iarraidh d’aghaidh is do ghnùis,
O Iàcoib, mar as còir.
7Togaibh, O gheatachan, ur cinn,
is èiribh suas gu h-àrd,
O dhorsan sìorraidh; Rìgh na glòir’
gun tigeadh e ga àit.
8Cò e sin fhèin Ard-Rìgh na glòir’?
an Tighearn làidir treun,
Iehòbhah neartmhor, cruaidh an cath,
bheir buaidh a-mach dha fhèin.
9Togaibh, O gheatachan, ur cinn,
is èiribh suas gu h-àrd,
O dhorsan sìorraidh: Rìgh na glòir’
gun tigeadh e ga àit.
10Cò e sin fhèin Ard-Rìgh na glòir’?
Iehòbhah mòr nan slògh,
’S e fhèin as Rìgh na glòir’ a th’ann,
gun choimeas idir dha.

Currently Selected:

Sailm 24: SD1826

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in