Sailm 25
25
1Dhia, togam m’anam riutsa suas.
2Mo Dhia, mo mhuinghinn dheas;
Am ionnsaigh na leig adhbhar nàir’;
dom eascar gàirdeachas.
3Fo nàir’ is mhasladh na leig neach
don gnàth bhith feitheamh ort:
Ach nàire gu robh air an dream
a nì gun adhbhar lochd.
4Foillsich do shlighe dhomh, a Dhè,
ad cheumaibh teagaisg mi:
5Is treòraich mi ad fhìrinn ghloin,
’s mo theagasg dèan, a Dhè:
Oir ’s tu as Tighearn ann gu dearbh,
’s tu ’s slàinte dhomh a-ghnàth,
Is ort a tha mi feitheamh fòs
le foighid mhòir gach là.
6Cuimhnich, a Dhè, do thròcair chaomh,
do choibhneas làn de ghràdh:
O chian nan cian a ta iad ann,
san aimsir fad on là.
7Na cuimhnich peacaidh m’òige dhomh
’s na lochdan a rinn mi;
A rèir do thròcair cuimhnich orm,
air sgàth do ghràis, a Dhè.
8Is math ’s is dìreach Dia nan dùl:
is air an adhbhar ud
Do nìthear leis na peacaich thruagh’
a theagasg anns an ròd.
9Treòraichidh e na daoine ciùin’
am breitheanas gu ceart:
’S na daoine mìne teagaisgidh
na shlighe, Dia nam feart.
10An tròcair is an fhìrinn rèidh
siud sligh’ ar Dè ’s gach ball;
Don dream a chumas gealladh ris,
’s nach leig a theist air chall.
11Sgàth d’ainme, lagh mo chionta fòs,
oir tha siud mòr, a Dhè.
12Cò ’m fear don eagal Dia? San t-sligh’
’s ion-roghnaidh seòlaidh e.
13An seasgaireachd nì anam tàmh,
’s le shliochd le ceart an tìr.
14Tha rùn an Tighearn aig an dream
don eagal e gu fìor:
Is nìthear leis a chùmhnant fòs
fhoillseachadh dhaibh gu ceart.
15A ta mo shùilean fhèin a-ghnàth
ri Tighearna nam feart,
Airson gun spìonar leis mo chos
gu h-aithghearr as an rib’.
16Till thugam, is dèan tròcair orm:
am aonar tàim, ’s fo dhrip.
17Tha teinn mo chridh’ a’ dol am meud;
saor mi om àmhghar geur.
18Seall air mo phèin, is m’anshocair,
’s mo pheacaidh lagh gu lèir.
19Mo naimhdean guineach thoir fa-near,
oir tha iad lìonmhor ann;
Fuath nimhneach agus mìorunach
tha aca dhomh nach gann.
20Dhia, coimhead m’anam, ’s furtaich orm:
na leig fo nàire mi;
Mo dhòchas uile leig mi ort,
airson gur tu mo Rìgh.
21Nis dèanadh ionracas is còir
mo dhìon, ’s mi feitheamh ort.
22Dhia, fuasgail air cloinn Israeil,
on uile àmhghar goirt.
Currently Selected:
Sailm 25: SD1826
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 2000
Sailm 25
25
1Dhia, togam m’anam riutsa suas.
2Mo Dhia, mo mhuinghinn dheas;
Am ionnsaigh na leig adhbhar nàir’;
dom eascar gàirdeachas.
3Fo nàir’ is mhasladh na leig neach
don gnàth bhith feitheamh ort:
Ach nàire gu robh air an dream
a nì gun adhbhar lochd.
4Foillsich do shlighe dhomh, a Dhè,
ad cheumaibh teagaisg mi:
5Is treòraich mi ad fhìrinn ghloin,
’s mo theagasg dèan, a Dhè:
Oir ’s tu as Tighearn ann gu dearbh,
’s tu ’s slàinte dhomh a-ghnàth,
Is ort a tha mi feitheamh fòs
le foighid mhòir gach là.
6Cuimhnich, a Dhè, do thròcair chaomh,
do choibhneas làn de ghràdh:
O chian nan cian a ta iad ann,
san aimsir fad on là.
7Na cuimhnich peacaidh m’òige dhomh
’s na lochdan a rinn mi;
A rèir do thròcair cuimhnich orm,
air sgàth do ghràis, a Dhè.
8Is math ’s is dìreach Dia nan dùl:
is air an adhbhar ud
Do nìthear leis na peacaich thruagh’
a theagasg anns an ròd.
9Treòraichidh e na daoine ciùin’
am breitheanas gu ceart:
’S na daoine mìne teagaisgidh
na shlighe, Dia nam feart.
10An tròcair is an fhìrinn rèidh
siud sligh’ ar Dè ’s gach ball;
Don dream a chumas gealladh ris,
’s nach leig a theist air chall.
11Sgàth d’ainme, lagh mo chionta fòs,
oir tha siud mòr, a Dhè.
12Cò ’m fear don eagal Dia? San t-sligh’
’s ion-roghnaidh seòlaidh e.
13An seasgaireachd nì anam tàmh,
’s le shliochd le ceart an tìr.
14Tha rùn an Tighearn aig an dream
don eagal e gu fìor:
Is nìthear leis a chùmhnant fòs
fhoillseachadh dhaibh gu ceart.
15A ta mo shùilean fhèin a-ghnàth
ri Tighearna nam feart,
Airson gun spìonar leis mo chos
gu h-aithghearr as an rib’.
16Till thugam, is dèan tròcair orm:
am aonar tàim, ’s fo dhrip.
17Tha teinn mo chridh’ a’ dol am meud;
saor mi om àmhghar geur.
18Seall air mo phèin, is m’anshocair,
’s mo pheacaidh lagh gu lèir.
19Mo naimhdean guineach thoir fa-near,
oir tha iad lìonmhor ann;
Fuath nimhneach agus mìorunach
tha aca dhomh nach gann.
20Dhia, coimhead m’anam, ’s furtaich orm:
na leig fo nàire mi;
Mo dhòchas uile leig mi ort,
airson gur tu mo Rìgh.
21Nis dèanadh ionracas is còir
mo dhìon, ’s mi feitheamh ort.
22Dhia, fuasgail air cloinn Israeil,
on uile àmhghar goirt.
Currently Selected:
:
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 2000