Sailm 26
26
1Thoir ormsa breith, a Dhia nan dùl;
am neoichiont ghluais mi fhèin;
Oir rinn mi dòchas math à Dia,
cha sleamhnaich uam mo cheum.
2Dhia, fionn mo chridh’, is m’àirnean fòs,
fidir is ceasnaich mi.
3Oir dhearc mi air do choibhneas gràidh:
ad fhìrinn ghluais mi, Dhè.
4Le cuideachd dhìomhain riamh nìor shuidh;
cha siùbhlam le luchd-saoibh.
5Is beag orm coitheanal an uilc:
’s cha suidh mi sìos le bao’ibh.
6An neoichiont glanaidh mi mo làmh,
is cuairtcheam d’altair, Dhè;
7Gum foillsichinn le moladh àrd
do mhìorbhailean gu lèir.
8Còmhnaidh do theach is ionmhainn leam,
a Thighearn is a Dhè,
Gnàth-àite bunaidh d’onorach,
is leam ro-ionmhainn e.
9Le peacaichibh, luchd-dèanamh uilc,
na cruinnich m’anam bochd;
Na cuir mo bheath’ nan cuideachd siud
tha fuileachdach gu lochd;
10Ga bheil an t-aimhleas mòr nan glaic;
duais-bhratha nan làimh dheis;
11Ach gluaisidh mi am neoichiont fhèin;
ad thròcair saor-sa mis’.
12Na seasamh tha mo chas gu beachd
air ionad còmhnard rèidh:
Is ann an coitheanal nan naomh,
beannaicheam thus’, a Dhè.
Currently Selected:
Sailm 26: SD1826
Highlight
Share
Copy
![None](/_next/image?url=https%3A%2F%2Fimageproxy.youversionapistaging.com%2F58%2Fhttps%3A%2F%2Fweb-assets.youversion.com%2Fapp-icons%2Fen.png&w=128&q=75)
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
Sailm Dhaibhidh 1826 (le litreachadh ùr 2000)
© Comann Bhìoball na h-Alba (Scottish Bible Society) 2000

: