YouVersion Logo
Search Icon

Gnìomharan 7

7
1 Air do Stèphen comas fhaighinn freagairt air a shon fhèin, 2 nochd e gun do rinn Abrahàm adhradh do Dhia gu taitneach; 37 gun tug Maois fhèin fianais mu Chrìosd; 51 chronaich e na h‑Iùdhaich airson an ceannairc, agus morta Chrìosd.
1An sin thubhairt an t‑àrd‐shagart, A bheil, matà, na nithean seo mar seo?
2Agus thubhairt esan, Fheara, a bhràithrean, agus athraichean, èisdibh. Dh’fhoillsicheadh Dia na glòire dar n‑athair Abrahàm, nuair a bha e ann am Mesopotàmia#Gen 11:31, mun do ghabh e còmhnaidh ann an Haran.
3Agus thubhairt e ris, Rach a‑mach à do thìr fhèin, agus od chinneach, agus thig a‑chum na tìre a nochdas mise dhut.
4An sin chaidh esan a‑mach à talamh nan Caldèanach#Gen 12:4, 5, agus ghabh e còmhnaidh ann an Haran: agus as a sin, an dèidh bàs a athar, dh’atharraich e e don fhearann seo anns a bheil sibhse a‑nis nur còmhnaidh.
5Agus cha tug e dha oighreachd sam bith ann, cha tug fiù leud troighe: gidheadh gheall e gun tugadh e mar sheilbh e dha fhèin agus da shliochd na dhèidh#Gen 13:15, ged nach robh fhathast duine cloinne aige.
6Agus labhair Dia air an dòigh seo, gum biodh a shliochd air chuairt ann an dùthaich choigrich#Gen 15:13, 16, agus gun dèanadh iad tràillean dhiubh, agus gum buineadh iad gu h‑olc riu rè ceithir cheud bliadhna#Ecs 12:40, 41.
7Agus air a’ chinneach sin dom bi iadsan fo dhaorsa, bheir mise breith, arsa Dia: agus an dèidh nan nithean sin thig iad a‑mach, agus nì iad seirbhis dhòmhsa anns an àite seo#Ecs 3:12.
8Agus thug e dha coicheangal an timcheall‐ghearraidh#Gen 17:9‐11: agus mar sin ghin Abrahàm Isaac#Gen 21:1‐4, agus thimcheall‐gheàrr e e air an ochdamh là: agus ghin Isaac Iàcob#Gen 25:26, agus Iàcob an dà phrìomh‐athair dheug#Gen 29:32, etc..
9Agus a’ gabhail farmaid, reic na prìomh‐athraichean Iòseph don Èiphit#Gen 37:4, 11, 18‐20, 28: ach bha Dia maille ris.
10Agus shaor e e as a thriobhlaidean uile, agus thug e deagh‐ghean agus gliocas dha an làthair Phàraoh rìgh na h‑Èiphit; agus chuir e e na uachdaran air an Èiphit#Gen 41:40, agus air a theaghlach fhèin uile.
11A‑nis thàinig gorta agus àmhghar mòr air an Èiphit uile#Gen 41:54, agus air talamh Chanàain; agus cha d’fhuair ar n‑athraichean teachd‐an‑tìr.
12Ach nuair a chuala Iàcob gu robh arbhar anns an Èiphit#Gen 42:1, 2, chuir e a‑mach ar n‑athraichean air tùs.
13Agus air an dara uair rinneadh Iòseph aithnichte da bhràithrean#Gen 45:4, 16; agus rinneadh cinneach Iòseiph follaiseach do Phàraoh.
14An sin chuir Iòseph fios uaithe, agus ghairm e da ionnsaigh Iàcob athair, agus a luchd‐dàimhe uile#Gen 46:27, còig‐anaman‐deug agus trì‐fichead.
15Agus chaidh Iàcob sìos don Èiphit, agus fhuair e bàs, e fhèin agus ar n‑athraichean.
16Agus ghiùlaineadh thairis iad gu Sichem#Ios 24:32, agus chuireadh iad anns an àit‐adhlaic a cheannaich Abrahàm air suim airgid o mhic Emoir, athair Shicheim.
17Ach nuair a dhruid àm a’ gheallaidh, a mhionnaich Dia do Abrahàm, dh’fhàs an sluagh agus rinneadh iad lìonmhor anns an Èiphit#Ecs 1:7‐9.
18Gus an d’èirich rìgh eile, do nach b’aithne Iòseph.
19Bhuin esan gu cuilbheirteach ri ar cinneach, agus rinn e olc air ar n‑athraichean, air chor is gun tug e orra an naoidheanan a thilgeadh a‑mach#Ecs 1:22 a‑chum nach sìolaicheadh iad.
20Anns an àm sin rugadh Maois#Ecs 2:2, etc., agus bha e ro‑sgiamhach#7:20 sgiamhach do Dhia., agus dh’altramadh e trì mìosan ann an taigh a athar:
21Agus nuair a thilgeadh a‑mach e, thog nighean Phàraoh leatha e, agus dh’altraim i e mar mhac dhi fhèin#Ecs 2:10.
22Agus dh’fhòghlaimeadh Maois ann an uile ghliocas nan Èiphiteach, agus bha e cumhachdach ann am briathran agus ann an gnìomharan#Lùc 24:19.
23Agus nuair a bha e dà‑fhichead bliadhna iomlan a dh’aois#Ecs 2:11, etc., thàinig e na chridhe a bhràithrean, clann Israeil, fhiosrachadh.
24Agus air dha duine àraidh dhiubh fhaicinn a’ fulang eucoir, theasairg e e, agus air bualadh an Èiphitich dha, rinn e dìoghaltas airson an fhir air an do rinneadh an eucoir:
25Oir shaoil e gun tuigeadh a bhràithrean gun tugadh Dia le a làimh‐san saorsa dhaibh; ach cha do thuig iadsan.
26Agus air an là na dhèidh sin nochd e e fhèin dhaibh agus iad a’ còmhstri, agus b’àill leis sìth a dhèanamh eatorra, ag ràdh, A dhaoine, is bràithrean sibh fhèin; carson a tha sibh a’ dèanamh eucoir air a chèile?
27Ach chuir am fear a rinn an eucoir air a choimhearsnach uaithe e, ag ràdh, Cò a rinn thusa ad uachdaran agus ad bhritheamh oirnne?
28Am miann leat mise a mharbhadh, mar a mharbh thu an t‑Èiphiteach an‑dè?
29An sin theich Maois airson an fhacail seo, agus bha e na choigreach ann an dùthaich Mhidiain, far an do ghin e dithis mhac.
30Agus nuair a choileanadh dà‑fhichead bliadhna#Ecs 3:2, etc., dh’fhoillsicheadh dha ann am fàsach beinne Shina, aingeal an Tighearna ann an lasair theine ann am preas.
31Agus nuair a chunnaic Maois seo, ghabh e iongantas mun t‑sealladh; agus air dha teachd am fagas gu beachdachadh air, thàinig guth an Tighearna da ionnsaigh.
32Ag ràdh, Is mise Dia d’athraichean#Mat 22:32; Eabh 11:16, Dia Abrahàim, agus Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib. An sin chriothnaich Maois, agus cha robh a chridhe aige amharc.
33An sin thubhairt an Tighearna ris, Fuasgail do bhrògan od chasan#Ios 5:15; Ecl 5:1: oir is talamh naomh an t‑àit air a bheil thu ad sheasamh.
34Chunnaic mi gu cinnteach àmhghar mo phobaill a tha anns an Èiphit, agus chuala mi an osna, agus thàinig mi a‑nuas gan saoradh. Agus a‑nis thig, cuiridh mi don Èiphit thu.
35Am Maois seo fhèin a dhiùlt iadsan, ag ràdh, Cò a rinn uachdaran agus britheamh dhìotsa? Esan chuir Dia gu bhith na uachdaran agus na fhear‐saoraidh le làimh an aingil a dh’fhoillsicheadh dha anns a’ phreas#Ecs 14:19; Àir 20:16.
36Thug esan a‑mach iad an dèidh dha mìorbhailean#Ecs 7:1‐14, agus comharraidhean, a dhèanamh ann an tìr na h‑Èiphit, agus anns a’ mhuir ruaidh, agus anns an fhàsach rè dà‑fhichead bliadhna#Ecs 16:1, 35.
37Is e seo am Maois ud a thubhairt ri cloinn Israeil, Togaidh an Tighearna ur Dia suas fàidh dhuibh de ur bràithrean, cosmhail riumsa#Gnìo 3:22; Deut 18:15, 18; ris‐san èisdidh sibh.
38Seo esan a bha anns an eaglais anns an fhàsach#Eabh 3:2, maille ris an aingeal a labhair ris ann am beinn Shina#Isa 63:9; Ecs 19:3, 17, agus maille ri ar n‑athraichean‐ne: neach a fhuair#Eòin 1:17 briathran na #7:38 briathran beò.beatha#Ròm 3:2 a‑chum an toirt dhuinne:
39Do nach b’àill le ar n‑athraichean a bhith umhail, ach chuir iad uapa e, agus nan cridhe thill iad air an ais don Èiphit,
40Ag ràdh ri Aaron, Dèan dhuinne diathan a thèid romhainn#Ecs 32:1: oir mu thimcheall a’ Mhaois seo, a thug a‑mach sinn à tìr na h‑Èiphit, chan eil fhios againn ciod a dh’èirich dha.
41Agus rinn iad laogh anns na làithean sin#Ecs 32:2‐8, agus thug iad ìobairt don dealbh, agus rinn iad gàirdeachas ann an obraichean an làmhan fhèin.
42An sin thill Dia, agus thug e thairis iad#Salm 81:11, 12; Ròm 1:28 a‑chum adhradh a dhèanamh do armailt nèimh#Deut 4:19; 2 Rìgh 17:16; Ier 19:13, a rèir mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar nam fàidhean, An tug sibh dhòmhsa beathaichean marbhte, agus ìobairtean rè dà‑fhichead bliadhna anns an fhàsach, O thaigh Israeil?
43Seadh, thog sibh suas pàillean Mholoich, agus reul ur dè Remphan, dealbhan a rinn sibh a‑chum adhraidh dhaibh: uime sin atharraichidh mi sibh an taobh thall de Bhàbilon#Amos 5:25, 26.
44Bha pàillean na fianais aig ar n‑athraichean anns an fhàsach, a rèir mar a dh’àithn an tì a labhair ri Maois gun dèanadh e e a rèir an t‑samhlaidh a chunnaic e#Ecs 25:40; 26:30; Eabh 8:5.
45An nì a thug mar an ceudna ar n‑athraichean, a bha nan dèidh#Ios 3:14, a‑steach maille ri Iosa#7:45 Iosua. do sheilbh nan Cinneach, a thilg Dia a‑mach ro ghnùis ar n‑athraichean, gu làithean Dhaibhidh;
46Neach a fhuair deagh‐ghean am fianais Dhè#1 Sam 16:1, agus a dh’iarr pàillean fhaotainn do Dhia Iàcoib#1 Each 22:7.
47Ach thog Solamh taigh dha#1 Rìgh 6:1, etc.; 8:20.
48Gidheadh chan eil an Tì as àirde a’ gabhail còmhnaidh#Gnìo 17:24; 1 Rìgh 8:27 ann an teampaill làmh‐dhèante; mar tha am fàidh ag ràdh,
49Is e nèamh mo rìgh‐chathair#Isa 66:1, 2, agus an talamh stòl mo chas: ciod an taigh a thogas sibh dhomh, tha an Tighearna ag ràdh, no ciod e ionad mo thàimh?
50Nach do rinn mo làmh na nithean seo uile?
51A dhaoine rag‐mhuinealach#Ecs 32:9; Isa 48:4, agus neo‐thimcheall‐gheàrrte#Lebh 26:41; Ier 9:26; Ròm 2:28, 29 ann an cridhe agus ann an cluasan, tha sibh a‑ghnàth a’ cur an aghaidh an Spioraid Naoimh: mar a rinn ur n‑athraichean, mar sin tha sibhse a’ dèanamh.
52Cò de na fàidhean air nach do rinn ur n‑athraichean geur‐leanmhainn#2 Each 36:16; 1 Tes 2:15? Agus mharbh iad iadsan a ro‑fhoillsich teachd an Fhìrein ud#Gnìo 3:14; air an robh sibhse a‑nis nur luchd‐brathaidh, agus nur mortairean:
53Sibhse a fhuair an lagh le frithealadh nan aingeal#Gal 3:19, agus nach do choimhead e.
54Nuair a chuala iad na nithean sin, bha iad air an gonadh nan cridhe, agus chas iad am fiaclan ris.
55Ach air dhàsan a bhith làn den Spiorad Naomh#Gnìo 6:5, dh’amhairc e gu geur suas gu nèamh, agus chunnaic e glòir Dhè, agus Iosa na sheasamh air deaslàimh Dhè;
56Agus thubhairt e, Feuch, tha mi a’ faicinn nan nèamh fosgailte#Esec 1:1, agus Mac an Duine na sheasamh air deaslàimh Dhè#Daniel 7:13.
57An sin ghlaodh iadsan le guth mòr, agus dhruid iad an cluasan, agus leum iad air a dh’aon inntinn,
58Agus air dhaibh a thilgeadh a‑mach as a’ bhaile#Lùc 4:29; Eabh 13:12, 13, chlach iad e: agus thilg na fianaisean#Gnìo 6:13 an aodach sìos aig casan òganaich, dom b’ainm Saul#Gnìo 8:1, 3; 22:20.
59Agus chlach iad Stèphen, agus e a’ gairm air Crìosd, agus ag ràdh, A Thighearna Iosa, glac mo spiorad#Salm 31:5; Lùc 23:46.
60Agus air dha e fhèin a leigeadh air a ghlùinean, ghlaodh e le guth mòr, A Thighearna, na cuir am peacadh seo as an leth#Mat 5:44; Lùc 23:34. Agus air dha seo a ràdh, chaidil e#1 Cor 11:30; 1 Tes 3:13.

Currently Selected:

Gnìomharan 7: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

Video for Gnìomharan 7