Genesis 31
31
1 Theich Iàcob air falbh gu h‑uaigneach o Làban gu dol do thìr Chanàain. 22 Lean Làban e. 44 Rinn iad coicheangal ri chèile aig Galeed.
1Agus chuala e briathran mic Làbain, ag ràdh, Thug Iàcob leis gach nì a bha aig ar n‑athair, agus on nì sin a bu le ar n‑athair‐ne fhuair e dha fhèin a’ mhòrachd seo uile#Salm 49:16; Ecl 4:4; 1 Tim 6:4.
2Agus chunnaic Iàcob gnùis Làbain#Gen 4:5, agus, feuch, cha robh i leis#Deut 28:54 mar a bha i roimhe sin#31:2 an dè is air a’ bhòin dè..
3Agus thubhairt an Tighearna ri Iàcob, Till gu dùthaich d’athraichean agus a dh’ionnsaigh do dhìlsean; agus bidh mise maille riut#Gen 28:15.
4Agus chuir Iàcob teachdaire uaithe, agus ghairm e Rachel agus Lèah don mhachair a dh’ionnsaigh a threuda,
5Agus thubhairt e riu, Tha mi a’ faicinn gnùis ur n‑athar, nach eil i leam mar a bha i roimhe: ach bha Dia m’athar maille riumsa#Gen 31:2, 3.
6Agus tha fhios agaibh fhèin, lem uile dhìcheall gun do rinn mi seirbhis dur n‑athair#Gen 31:41.
7Gidheadh mheall ur n‑athair mi, agus mhùth e mo thuarasdal deich uairean#Gen 31:41; Àir 14:22; Neh 4:12; Iob 19:3; Sech 8:23: ach cha do leig Dia leis cron a dhèanamh orm#Gen 20:6; Iob 1:10; Salm 37:28; 105:14.
8Ma thubhairt e mar seo, Bidh an sprèidh bhreac nan tuarasdal agad, an sin rug an sprèidh uile àl breac: agus ma thubhairt e mar seo, Bidh an sprèidh stiallach nan tuarasdal agad, an sin rug an sprèidh uile àl stiallach.
9Mar seo thug Dia air falbh sprèidh ur n‑athar, agus thug e dhòmhsa iad.
10Agus nuair a dh’fhàs an sprèidh torrach, thog mi suas mo shùilean, agus chunnaic mi ann an aisling, agus, feuch, bha na reitheachan, a bha a’ reithe na sprèidhe, stiallach, breac, agus grìs‐fhionn#Gen 30:39.
11Agus thubhairt aingeal an Tighearna rium ann an aisling, A Iàcoib: agus thubhairt mise, Tha mi an seo.
12Agus thubhairt esan, Tog suas a‑nis do shùilean, agus faic na reitheachan uile, a tha a’ reithe na sprèidhe, gu bheil iad stiallach, breac, agus grìs‐fhionn: oir chunnaic mise gach nì a rinn Làban ort#Ecs 3:7; Salm 139:3; Ecl 5:8.
13Is mise Dia Bheteil#Gen 28:18, far an d’ung thu an carragh, far an do bhòidich thu dhòmhsa bòid: a‑nis èirich, imich a‑mach as an tìr seo, agus till gu tìr do dhìlsean#Gen 31:3; Gen 32:9.
14Agus fhreagair Rachel agus Lèah agus thubhairt iad ris, A bheil fhathast cuibhreann no oighreachd air bith againne ann an taigh ar n‑athar?
15Nach eil sinn air ar meas leis mar choigrich? Oir reic e sinn#Gen 29:27; Neh 5:8, agus straoidh e mar an ceudna gu tur ar n‑airgead:
16Oir an saoibhreas sin uile a thug Dia o ar n‑athair, is leinn fhèin, agus le ar cloinn e: a‑nis, uime sin, gach nì a thubhairt Dia riutsa, dèan e.
17An sin dh’èirich Iàcob suas, agus chuir e a mhic agus a mhnathan air càmhail#Gen 24:10;
18Agus thug e leis a sprèidh uile, agus a mhaoin uile a fhuair e, sprèidh a chosnaidh, a fhuair e am Padan‐àram, gu dol a dh’ionnsaigh Isaaic a athair#Gen 28:21 gu tìr Chanàain.
19Agus chaidh Làban a lomairt a chaorach; agus ghoid Rachel na#31:19 teraphim. dealbhan a bu le a h‑athair#Bri 17:5; 2 Sam 19:13; Hos 3:4.
20Agus ghoid Iàcob air falbh gun fhios do Làban an Sirianach, a chionn nach d’innis e dha gu robh e gu teicheadh.
21Agus theich e leis gach nì a bha aige; agus dh’èirich e suas, agus chaidh e thar an abhainn#Gen 15:18, agus chuir e a aghaidh#Gen 46:28; 2 Rìgh 12:17; Lùc 9:51 ri sliabh Ghilead.
22Agus dh’innseadh do Làban, air an treas là, gun do theich Iàcob.
23Agus thug e a bhràithrean leis, agus lean e e astar seachd làithean, agus rug e air ann an sliabh Ghilead.
24Agus thàinig Dia gu Làban an Sirianach ann an aisling anns an oidhche#Gen 20:3; Iob 33:15, agus thubhairt e ris, Thoir an aire nach labhair thu ri Iàcob aon chuid math no olc#31:24 on mhaith gus an olc..
25An sin rug Làban air Iàcob. A‑nis shuidhich Iàcob a bhùth anns an t‑sliabh, agus shuidhich Làban maille ra bhràithrean ann an sliabh Ghilead.
26Agus thubhairt Làban ri Iàcob, Ciod seo a rinn thu, gun do ghoid thu air falbh gun fhios dhomh, agus gun tug thu leat mo nigheanan, mar bhraighdean a thugadh a‑mach leis a’ chlaidheamh#1 Sam 30:2?
27Carson a theich thu air falbh gu h‑uaigneach, agus a ghoid thu uam#31:27 a ghoid thu mi., agus nach d’innis thu dhomh, agus gun cuirinn air falbh thu le subhachas, agus le òrain#Iob 21:11, 12, le tiompan, agus le clàrsaich?
28Agus nach do leig thu leam mo mhic agus mo nigheanan a phògadh#1 Rìgh 19:20? A‑nis is amaideach a fhuaireadh thu le seo a dhèanamh.
29Tha e an comas mo làimhe‐sa cron a dhèanamh ort: ach labhair Dia d’athar rium a‑raoir, ag ràdh, Thoir an aire nach labhair thu ri Iàcob aon chuid math no olc.
30Agus a‑nis, ged b’èiginn dhut falbh, a chionn gu robh thu gu ro‑mhòr an geall air taigh d’athar, gidheadh carson a ghoid thu mo dhiathan#Gen 31:19; Bri 18:24?
31Agus fhreagair Iàcob, agus thubhairt e ri Làban, A chionn gu robh eagal orm: oir thubhairt mi, Theagamh gun tugadh tu uam do nigheanan le ainneart.
32Ge bè neach aig am faigh thu do dhiathan, na maireadh e beò#Gen 44:9: an làthair ar bràithrean faic ciod a tha agam a bhuineas dhut, agus gabh thugad e; oir cha robh fhios aig Iàcob gun do ghoid Rachel iad.
33Agus chaidh Làban a‑steach do bhùth Iàcoib, agus do bhùth Lèah, agus do bhùth an dà bhanoglaich; ach cha d’fhuair e iad. An sin chaidh e a‑mach à bùth Lèah, agus chaidh e a‑steach do bhùth Racheil.
34A‑nis ghoid Rachel na dealbhan#Gen 31:19, agus chuir i iad ann an acfhainn a’ chàmhail, agus shuidh i orra. Agus rannsaich Làban am bùth uile, ach cha d’fhuair e iad.
35Agus thubhairt i ra h‑athair, Na cuireadh e corraich air mo thighearna nach urrainn mi èirigh suas ad fhianais#Ecs 20:12; Lebh 19:32, oir tha orm a rèir gnàth nam ban: agus rannsaich e, ach cha d’fhuair e na dealbhan.
36Agus bha fearg air Iàcob#Eph 4:26, agus throid e ri Làban: agus fhreagair Iàcob, agus thubhairt e ri Làban, Ciod i mo choire, agus ciod e mo pheacadh, gu robh thu cho dian air mo thòir?
37An dèidh dhut m’àirneis uile a rannsachadh, ciod a fhuair thu de uile àirneis do thaighe? Cuir an seo e an làthair mo bhràithrean‐sa agus do bhràithrean fhèin, agus gun tabhair iad breith eadarainn nar dithis#1 Cor 6:5.
38A‑nis fichead bliadhna bha mi maille riut; cha do thilg do chaoraich an uain, no do ghobhair am minn, agus reitheachan do threuda cha d’ith mi.
39An nì sin a reubadh le fiadh‐bheathaichean cha tug mi ad ionnsaigh; ghiùlain mi fhèin a chall: om làimh‐sa dh’iarr thu e#Ecs 22:10, co‑dhiù a ghoideadh e anns an là, no a ghoideadh e anns an oidhche.
40Mar seo bha mi; anns an là chlaoidh an teas mi, agus an reodhadh anns an oidhche; agus dhealaich mo chadal rim shùilean.
41Mar seo bha mi fichead bliadhna ad thaigh: ceithir‐bliadhna‑deug#Gen 29:18, 30 rinn mi seirbhis dhut airson do dhithis nighean, agus sia bliadhna airson do sprèidhe; agus mhùth thu mo thuarasdal deich uairean#Gen 31:7.
42Mura biodh gu robh Dia m’athar#Salm 124:1, 2, Dia Abrahàim, agus eagal Isaaic maille rium, gu cinnteach chuireadh tu a‑nis air falbh mi falamh. Chunnaic Dia m’àmhghar#Ecs 3:7 agus saothair mo làmh, agus chronaich#1 Each 12:17; Iùd 1:9 e thu a‑raoir.
43Agus fhreagair Làban, agus thubhairt e ri Iàcob, Na nigheanan seo is iad mo nigheanan‐sa, agus an sprèidh seo mo sprèidh‐sa; agus gach nì a tha thu a’ faicinn, is leamsa e: agus ciod a dh’fhaodas mi a dhèanamh an‑diugh rim nigheanan seo, no rin cloinn a rug iad?
44A‑nis uime sin thig‐sa, dèanamaid coicheangal#Gen 26:28, mise agus thusa; agus biodh e mar fhianais#Ios 22:27; 24:27 eadar mise agus thusa.
45Agus ghabh Iàcob#Gen 28:18 clach, agus chuir e suas i mar charragh.
46Agus thubhairt Iàcob ra bhràithrean, Cruinnichibh clachan: agus ghabh iad clachan, agus rinn iad càrn, agus dh’ith iad an sin air a’ chàrn.
47Agus thug Làban mar ainm air Iegar‐sahaduta#31:47 càrn na fianais (cainnt Chaldèa).: ach thug Iàcob mar ainm air Galeed#31:47 càrn na fianais (Eabhra)..
48Agus thubhairt Làban, Tha an càrn seo na fhianais eadar mise agus thusa an‑diugh. Uime sin thugadh Galeed mar ainm air;
49Agus#Bri 11:29; 1 Sam 7:5 Midspah#31:49 is e sin, comharra‐rabhaidh; no, tùr‐faire.; oir thubhairt e, Dèanadh an Tighearna faire eadar mise agus thusa, nuair a bhios sinn an làthair a chèile.
50Ma bhuineas tu gu cruaidh rim nigheanan, no ma ghabhas tu mnathan eile a thuilleadh air mo nigheanan‐sa, chan eil duine sam bith maille rinn; feuch, tha Dia na fhianais eadar mise agus thusa#Bri 11:10; 1 Sam 12:5; Ier 42:5.
51Agus thubhairt Làban ri Iàcob, Faic an càrn seo, agus faic an carragh seo, a shuidhich mi eadar mise agus thusa.
52Biodh an càrn seo na fhianais#Gen 31:45, 48, agus biodh an carragh seo na fhianais, nach tèid mise ad ionnsaigh‐sa thar a’ chàrn seo, agus nach tig thusa am ionnsaigh‐sa thar a’ chàrn seo, agus a’ charragh seo, gu cron.
53Gun tugadh Dia Abrahàim, agus Dia Nahoir, Dia an athar#Ios 24:2, breith eadarainn#Gen 16:5. Agus mhionnaich Iàcob air eagal a athar, Isaac#Gen 31:42.
54An sin thug Iàcob suas ìobairtean#31:54 no, mharbh Iàcob beathaichean. anns an t‑sliabh, agus ghairm e air a bhràithrean a dh’ithe arain: agus dh’ith iad aran, agus dh’fhan iad rè na h‑oidhche anns an t‑sliabh.
55Agus dh’èirich Làban suas moch anns a’ mhadainn, agus phòg e a mhic agus a nigheanan, agus bheannaich e iad#Gen 28:1, agus dh’fhalbh e: agus thill Làban ga àite fhèin#Gen 30:25; Àir 24:25.
Currently Selected:
Genesis 31: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

: