YouVersion Logo
Search Icon

Genesis 32

32
1 Chunnaic Iàcob ainglean aig Mahanaim. 3 Chuir e teachdairean gu Esau. 7 Bha eagal air gun tigeadh e na aghaidh, agus rinn e ùrnaigh ris an Tighearna gun saoradh e uaith e. 13 Chuir e tìodhlac da ionnsaigh. 24 Ghleac e ri aingeal aig Peniel, agus thugadh Israel mar ainm air.
1Agus dh’imich Iàcob air a shlighe, agus choinnich ainglean Dhè e#Salm 91:11; Eabh 1:14.
2Agus thubhairt Iàcob, nuair a chunnaic e iad, Is e seo feachd Dhè#Ios 5:14; Salm 34:7; 103:21; 148:2; Lùc 2:13: agus thug e#32:2 is e sin, dà fheachd. Mahanaim#Ios 21:38 mar ainm air an àite sin.
3Agus chuir Iàcob teachdairean roimhe#Lùc 14:31, 32 gu Esau a bhràthair, gu fearann Sheir#Deut 2:5, dùthaich Edoim.
4Agus dh’àithn e dhaibh, ag ràdh, Mar seo their sibh rim thighearna#Gnà 15:1 Esau, Mar seo thubhairt do sheirbhiseach Iàcob, Bha mi air chuairt maille ri Làban, agus dh’fhan mi maille ris gus a‑nis:
5Agus tha agam buar, agus asail, treudan, agus òglaich, agus banoglaich; agus chuir mi a dh’innse dom thighearna, a‑chum gum faighinn deagh‐ghean#Gen 33:8, 15 ad shùilean.
6Agus thill na teachdairean gu Iàcob, ag ràdh, Thàinig sinn a dh’ionnsaigh do bhràthar Esau, agus mar an ceudna tha e a’ teachd ad chòmhdhail agus ceithir cheud fear maille ris.
7Agus bha Iàcob fo eagal mòr, agus ann an airc#Gen 35:3; 2 Rìgh 17:3, 4; agus roinn e an sluagh a bha maille ris, agus na treudan, agus an crodh, agus na càmhail nan dà bhuidhinn;
8Agus thubhairt e, Ma thig Esau gu aon de na buidhnean, agus gum buail e i, an sin thèid a’ bhuidheann a dh’fhanas as uaithe.
9Agus thubhairt Iàcob, O Dhè m’athar Abrahàm#Salm 50:15; 91:15, agus a Dhè m’athar Isaac, a Thighearna a thubhairt rium, Till gud dhùthaich#Gen 31:3, 13, agus gud dhìlsean, agus nì mi math dhut:
10Chan airidh mi air a’ chuid as lugha#32:10 is lugha mi na na tròcairean, etc. de na tròcairean sin uile#Gen 24:27; Salm 86:5, no den fhìrinn sin uile#Salm 61:7; 85:10, a nochd thu dod sheirbhiseach; oir lem luirg thàinig mi thar an Iòrdan seo, agus tha mi a‑nis am dhà bhuidhinn#Iob 8:7; Salm 18:35.
11Saor mi, guidheam ort#Salm 59:1, 2, o làimh mo bhràthar, o làimh Esau: oir tha eagal orm roimhe, gun tig e, agus gum buail e mi, agus a’ mhàthair maille ris a’ chloinn#Hos 10:14.
12Agus thubhairt thu#Gen 28:13‐15, Gu cinnteach nì mi math dhut, agus nì mi do shliochd mar ghaineamh na fairge, nach faodar àireamh a‑thaobh lìonmhorachd.
13Agus dh’fhan e an sin an oidhche sin fhèin, agus ghabh e de na thàinig ga làimh tìodhlac airson Esau a bhràthair;
14Dà cheud gobhar, agus fichead boc, dà cheud caora, agus fichead reithe,
15Deich‐càmhail‐fhichead bhainne len searraich, dà‑fhichead bò agus deich tairbh, fichead asal bhoireann agus deich searraich.
16Agus thug e iad do làimh a sheirbhiseach, gach iomain leatha fhèin; agus thubhairt e ra sheirbhisich, Imichibh romham, agus cuiribh dealachadh eadar iomain agus iomain.
17Agus dh’àithn e dhàsan a bha air thoiseach, ag ràdh, Nuair a choinnicheas mo bhràthair Esau thu, agus a dh’fheòraicheas e dhìot, ag ràdh, Cò leis thu, agus càit a bheil thu a dol? Agus cò leis iad sin a tha romhad?
18An sin their thusa, Buinidh iad dod sheirbhiseach Iàcob; is tìodhlac a tha ann, a chuireadh a dh’ionnsaigh mo thighearna Esau: agus, feuch, mar an ceudna tha e fhèin nar dèidh.
19Agus dh’àithn e mar sin don dara seirbhiseach, agus don treas, agus dhaibhsan uile a bha a’ leantainn nan iomain, ag ràdh, Air an dòigh seo labhraidh sibh ri Esau, nuair a gheibh sibh e.
20Agus their sibh cuideachd, Feuch, Tha do sheirbhiseach Iàcob nar dèidh‐ne: oir thubhairt e, Nì mi rèidh#Gnà 21:14 e leis an tìodhlac a thèid romham, agus an dèidh sin chì mi a ghnùis; theagamh gun gabh e rium#32:20 rim ghnùis..
21Mar sin chaidh an tìodhlac thairis roimhe: agus dh’fhan e fhèin an oidhche sin anns a’ chuideachd.
22Agus dh’èirich e suas anns an oidhche sin, agus ghabh e a dhà mhnaoi, agus a dhà bhanoglaich, agus a aon‐mhac‐deug, agus chaidh e thairis air àth Iaboic#Deut 3:16.
23Agus ghabh e iad, agus chuir e thairis air an t‑sruth iad, agus chuir e thairis na bha aige.
24Agus dh’fhan Iàcob na aonar; agus ghleac duine ris#Hos 12:3, 4, gu ruig briseadh na fàire.
25Agus nuair a chunnaic e nach do bhuadhaich e air, an sin bhean e ri lag a shlèisde; agus chaidh lag‐slèisde Iàcoib as an alt nuair a bha e a’ gleac ris.
26Agus thubhairt e, Leig air falbh mi, oir tha an fhàire a’ briseadh: agus thubhairt esan, Cha leig mi air falbh thu#Lùc 18:1; 1 Cor 15:58, mura beannaich thu mi.
27Agus thubhairt e ris, Ciod as ainm dhut? Agas thubhairt e, Iàcob.
28Agus thubhairt esan, Cha ghoirear Iàcob#Gen 35:10; 2 Rìgh 17:3, 4 nas mò riut mar ainm, ach Israel#32:28 prionnsa le Dia.: oir bha cumhachd agad mar uachdaran ri Dia#Hos 12:3, 4, agus ri daoine, agus thug thu buaidh#Gen 31:24; 33:4.
29Agus dh’fhiosraich Iàcob dheth, agus thubhairt e, Innis dhomh, guidheam ort, d’ainm: agus thubhairt esan, Carson a tha thu a’ farraid m’ainme#Bri 13:18? Agus bheannaich e an sin e.
30Agus thug Iàcob Peniel#32:30 aghaidh Dhè. mar ainm air an àite: oir chunnaic mi Dia aghaidh ri aghaidh#Ecs 24:11; 33:20; Deut 5:24; 34:10; Bri 6:22; 13:22, 23; Isa 6:5; Eòin 1:18; Col 1:15; Eabh 11:27, agus thèarnadh m’anam.
31Agus dh’èirich a’ ghrian air, nuair a chaidh e seach Penuel, agus bha e bacach air a shliasaid.
32Uime sin chan ith clann Israeil den fhèith a chrup, a tha air lag na slèisde, gus an là‑an‑diugh; a chionn gun do bhean e ri lag‐slèisde Iàcoib anns an fhèith a chrup.

Currently Selected:

Genesis 32: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in