Genesis 33
33
1 Coibhneas Iàcoib agus Esau dha chèile nuair a choinnich iad. 18 Aig Salem cheannaich Iàcob achadh, agus thog e altair.
1Agus thog Iàcob suas a shùilean, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha Esau a’ teachd#Gen 32:6, agus maille ris ceithir cheud fear. Agus roinn e a’ chlann do Lèah, agus do Rachel, agus don dà bhanoglaich.
2Agus chuir e na banoglaich agus an clann air thoiseach, agus Lèah agus a clann nan dèidh, agus Rachel agus Iòseph air dheireadh.
3Agus chaidh e fhèin air aghaidh romhpa, agus chrom e e fhèin gu làr#Gen 18:2; 42:6; 43:26 seachd uairean, gus an tàinig e dlùth da bhràthair.
4Agus ruith Esau na choinneamh, agus ghabh e na ghlacan e#Gen 32:28, agus thuit e air a mhuineal, agus phòg e e#Gen 45:14: agus ghuil iad.
5Agus thog e suas a shùilean, agus chunnaic e na mnathan agus a’ chlann; agus thubhairt e, Cò iad sin a tha maille riut? Agus thubhairt esan, A’ chlann a thug Dia gu gràsmhor#Gen 48:9; Salm 127:3 dod sheirbhiseach.
6An sin thàinig na banoglaich am fagas, iad fhèin agus an clann, agus chrom iad iad fhèin.
7Agus thàinig Lèah cuideachd am fagas maille ra cloinn, agus chrom iad iad fhèin; agus an dèidh sin thàinig Iòseph am fagas agus Rachel, agus chrom iad iad fhèin.
8Agus thubhairt e, Ciod as ciall dhut leis an iomain seo uile, a choinnich mi? Agus thubhairt esan, Gu deagh‐ghean fhaghail ann an sùilean mo thighearna#Gen 32:5, 16.
9Agus thubhairt Esau, Tha agamsa pailteas, a bhràthair; glèidh dhut fhèin#33:9 bitheadh dhuit‐sa nas leat. na bheil agad#Gnà 16:7.
10Agus thubhairt Iàcob, Chan eadh, guidheam ort, ma fhuair mi a‑nis deagh‐ghean ad shùilean, an sin gabh mo thìodhlac om làimh: oir uime sin chunnaic mi do ghnùis, mar gum faicinn gnùis Dhè#Gen 43:3; 2 Sam 3:13, agus thaitinn mi riut.
11Gabh, guidheam ort, mo bheannachadh a thugadh ad ionnsaigh#1 Sam 25:27; 2 Rìgh 5:15, do bhrìgh gun do bhuin Dia gu toirbheartach rium, agus gu bheil agam#33:11 na h‑uile nithean. mòr phailteas#Philip 4:18: agus rinn e ro‑earail air#2 Rìgh 5:16, 23, agus ghabh e e.
12Agus thubhairt e, Gabhamaid ar turas, agus bitheamaid ag imeachd, agus thèid mise maille riut.
13Agus thubhairt e ris, Tha fhios aig mo thighearna gu bheil a’ chlann maoth#1 Each 22:5, agus na treudan agus an fheudail a tha maille rium trom le àl; agus ma dh’iomainear iad gu dian aon là, gheibh an treud uile bàs.
14Rachadh, guidheam ort, mo thighearna seachad ro a sheirbhiseach: agus gabhaidh mise an t‑slighe gu socrach, a rèir mar a bhios an sprèidh a tha romham, agus a’ chlann, comasach air fhulang#33:14 a rèir coise na h‑obrach, etc.: agus a rèir coise na cloinne., gus an tig mi a dh’ionnsaigh mo thighearna gu Seir#Gen 32:3.
15Agus thubhairt Esau, Leig leam a‑nis cuid den mhuinntir a tha maille rium fhàgail maille riut. Agus thubhairt esan, Carson sin? Faigheam‐sa deagh‐ghean ann an sùilean mo thighearna.
16Mar sin thill Esau anns an là sin fhèin air a shlighe gu Seir.
17Agus dh’imich Iàcob gu Sucot#Ios 13:27; Bri 8:5, agus thog e dha fhèin taigh, agus rinn e bothain da sprèidh: air an adhbhar sin thugadh Sucot#33:17 is e sin, bothain. mar ainm air an àite.
18Agus thàinig Iàcob do Shàlem#Eòin 3:23, baile Shecheim#33:18 ris an abrar Sichem, Gnìo 7:15. a tha ann an tìr Chanàain, nuair a thàinig e o Phadan‐àram; agus shuidhich e a bhùth fa chomhair a’ bhaile.
19Agus cheannaich e mìr fearainn#Gen 23:17; Ios 24:32, far an do shuidhich e a bhùth, o làimh clann Hamoir#33:19 ris an abrar Emor, Gnìo 7:16. athair Shecheim, air ceud bonn airgid#33:19 no, air ceud uan..
20Agus chuir e suas altair#Gen 35:7 an sin, agus thug e El‑Elohe‐Israel#33:20 Dia, Dia Israeil. mar ainm oirre.
Currently Selected:
Genesis 33: ABIG
Highlight
Share
Copy
Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in
© Comann Bhìoball na h‑Alba 1880, 1992, 2017
© Scottish Bible Society 1880, 1992, 2017

: