YouVersion Logo
Search Icon

Genesis 34

34
1 Thruailleadh Dinah nighean Lèah. 20 Thimcheall‐ghearradh muinntir Shecheim; 25 mharbhadh iad le mic Iàcoib, 27 agus chreachadh am baile.
1Agus chaidh Dinah#Gen 30:31 nighean Lèah, a rug i do Iàcob, a‑mach a dh’fhaicinn nigheanan na tìre#Tìt 2:5.
2Agus nuair a chunnaic Sechem mac Hamoir, an t‑Hibheach, uachdaran na tìre, i#Bri 14:1, ghabh e i, agus laigh e leatha, agus thruaill e i#34:2 dh’ìslich e i..
3Agus dhlùth‐lean a anam ri Dinah nighean Iàcoib#Rut 1:14; 1 Sam 18:1, agus ghràdhaich e a’ ghruagach, agus labhair e gu caomh#34:3 labhair e ri cridhe na gruagaich. ris a’ ghruagaich.
4Agus labhair Sechem ri Hamor a athair, ag ràdh, Faigh dhòmhsa a’ ghruagach seo mar mhnaoi.
5Agus chuala Iàcob gun do thruaill e Dinah a nighean. A‑nis bha a mhic maille ra sprèidh anns a’ mhachair; agus bha Iàcob na thosd#1 Sam 10:27; 2 Sam 13:22 gus an tàinig iad.
6Agus chaidh Hamor, athair Shecheim, a‑mach a dh’ionnsaigh Iàcoib, a labhairt ris.
7Agus thàinig mic Iàcoib on mhachair nuair a chuala iad e, agus bha na daoine duilich, agus bha fearg mhòr orra#Gen 49:7; a chionn gun do rinn e amaideachd#Ios 7:15; Bri 20:6; 2 Sam 13:12 ann an Israel, ann an laighe le nighinn Iàcoib, nì nach bu chòir a dhèanamh.
8Agus labhair Hamor riu, ag ràdh, Tha anam mo mhic Sechem an ro‑gheall air ur nighinn: thugaibh dha i, guidheam oirbh, mar mhnaoi.
9Agus dèanaibh ceanglaichean‐pòsaidh rinne; ur nigheanan‐sa thugaibh dhuinne, agus ar nigheanan‐ne gabhaidh sibh dhuibhse.
10Agus maille rinne gabhaidh sibh còmhnaidh; agus bidh an tìr romhaibh#Gen 13:9; gabhaibh còmhnaidh, agus dèanaibh reic agus ceannachd innte, agus faighibh sealbh innte.
11Agus thubhairt Sechem ra h‑athair agus ra bràithrean, Faigheam deagh‐ghean nur sùilean; agus ge bè nì a their sibh rium, bheir mi dhuibh.
12Air a mheud is gun dèan sibh an dubhairidh#Ecs 22:17 orm, agus an tìodhlac, bheir mi dhuibh eadhon mar a their sibh rium: a‑mhàin thugaibh dhomh a’ ghruagach mar mhnaoi.
13Agus fhreagair mic Iàcoib Sechem agus Hamor a athair le ceilg#Gnà 26:25, agus labhair iad, a chionn gun do thruaill e Dinah am piuthar,
14Agus thubhairt iad riu, Chan fhaod sinne an nì seo a dhèanamh, ar piuthar a thoirt do dhuine neo‐thimcheall‐gheàrrte; oir bhiodh sin na mhasladh dhuinne#Ios 5:9.
15Ach an seo aontaichidh sinn leibh; ma bhios sibhse mar a tha sinne, gun timcheall‐ghearrar gach fireannach nur measg#Gal 4:12:
16An sin bheir sinne ar nigheanan dhuibhse, agus ur nigheanan‐se gabhaidh sinn dhuinne, agus gabhaidh sinn còmhnaidh maille ribh, agus bidh sinn nar n‑aon sluagh.
17Ach mura èisd sibh rinne, sibh a bhith air ur timcheall‐ghearradh, an sin gabhaidh sinne ar nighean, agus falbhaidh sinn.
18Agus thaitinn am briathran ri Hamor, agus ri Sechem mac Hamoir.
19Agus cha do chuir an t‑òganach dàil anns an nì a dhèanamh, a chionn gu robh tlachd aige ann an nighinn Iàcoib#Gen 29:30: agus bha e na b’urramaiche na taigh a athar uile#2 Rìgh 5:1.
20Agus thàinig Hamor agus Sechem a mhac gu geata am baile, agus labhair iad ri daoine am baile, ag ràdh,
21Tha na daoine seo sìochail maille rinn; air an adhbhar sin gabhadh iad còmhnaidh anns an tìr, agus dèanadh iad reic agus ceannachd innte; a‑thaobh an fhearainn, feuch, tha e farsaing nas leòr dhaibh: an nigheanan‐san gabhaidh sinne dhuinne mar mhnathan, agus ar nigheanan‐ne bheir sinne dhaibhsan.
22A‑mhàin anns an nì seo aontaichidh na daoine leinn#Gen 34:15‐17, gu còmhnaidh a ghabhail maille rinn, gu bhith nar n‑aon sluagh, ma thimcheall‐ghearrar gach fireannach againne, mar a tha iadsan air an timcheall‐ghearradh.
23Nach leinne an sprèidh, agus am maoin, agus an ainmhidhean uile#Gnà 1:12, 13? A‑mhàin aontaicheamaid leo, agus gabhaidh iad còmhnaidh maille rinn.
24Agus dh’èisd gach neach a chaidh a‑mach air geata#Gen 23:18 a’ bhaile ri Hamor agus ri Sechem a mhac: agus thimcheall‐ghearradh gach fireannach, iadsan uile a chaidh a‑mach air geata a’ bhaile.
25Agus air an treas là, nuair bha iad air an cràdh, an sin ghabh dithis de mhic Iàcoib, Simeon agus Lèbhi, bràithrean Dhinah, gach fear aca a chlaidheamh, agus thàinig iad air a’ bhaile gu dàna#Gen 49:5‐7; agus mharbh iad gach fireannach.
26Agus mharbh iad Hamor agus Sechem a mhac le faobhar#34:26 beul. a’ chlaidheimh#Deut 32:42, agus thug iad Dinah à taigh Shecheim, agus chaidh iad a‑mach.
27Thàinig mic Iàcoib air na mairbh, agus chreach iad am baile#Gen 49:7, a chionn gun do thruaill iad am piuthar.
28An caoraich, agus am buar, agus an asail, agus na bha anns a’ bhaile, agus na bha anns an fhearann, thog iad:
29Agus am maoin uile, agus an clann bheag uile, agus am mnathan thug iad leo ann an daorsa, agus thog iad anns a’ chreich eadhon gach nì a bha a‑staigh.
30Agus thubhairt Iàcob ri Simeon agus ri Lèbhi, Chuir sibh trioblaid#Ios 7:25 orm lem dhèanamh gràineil#Ecs 5:21; 1 Sam 13:4; 27:12 am measg luchd‐àiteachaidh na tìre, am measg nan Canàanach, agus nam Peridseach: agus air dhòmhsa a bhith gann an àireamh#Deut 4:27; Salm 105:12, cruinnichidh iad iad fhèin cuideachd am aghaidh, agus marbhaidh iad mi; agus cuirear as dhomh, agus dom thaigh.
31Agus thubhairt iad, Am bu chòir dha buntainn ri ar piuthair‐ne mar ri strìopaich?

Currently Selected:

Genesis 34: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in