YouVersion Logo
Search Icon

Eòin 6

6
1 Bheathaich Crìosd còig mìle fear le còig buileannan arain agus dà iasg: 15 air an adhbhar sin b’àill leis an t‑sluagh esan a dhèanamh na rìgh: 16 ach air dhàsan a sgaradh fhèin uatha, chaidh e suas gu beinn, agus dh’imich e air a’ mhuir a dh’ionnsaidh a dheisciobail.
1Na dhèidh sin chaidh Iosa thar muir Ghalile#Mat 14:15, etc.; Marc 6:34, etc.; Lùc 9:12, etc., no Thiberiais.
2Agus lean sluagh mòr e, do bhrìgh gum faca iad a mhìorbhailean a rinn e air an dream a bha easlan.
3Agus chaidh Iosa suas air beinn, agus shuidh e an sin maille ra dheisciobail.
4Agus bha a’ chàisg, fèill nan Iùdhach, am fagas.
5An sin nuair a thog Iosa suas a shùilean, agus a chunnaic e gun tàinig buidheann mhòr shluaigh da ionnsaigh, thubhairt e ri Philip, Cia an t‑àit as an ceannaich sinn aran a‑chum gun ith iad seo?
6(Ach thubhairt e seo ga dhearbhadh‐san; oir bha fhios aige fhèin ciod a dhèanadh e.)
7Fhreagair Philip e, Cha leòr dhaibh luach dà cheud pèighinn de aran, a‑chum gun gabhadh gach aon dhiubh beagan.
8Thubhairt aon de a dheisciobail, Anndras, bràthair Shìmoin Pheadair, ris,
9Tha òganach an seo, aig a bheil còig buileannan eòrna, agus dà iasg bheag: ach ciod iad seo am measg na h‑uiread?
10Agus thubhairt Iosa, Thugaibh air na daoine suidhe sìos. A‑nis bha mòran feòir anns an àite. Air an adhbhar sin shuidh na daoine sìos, ann an àireamh timcheall còig mìle.
11Agus ghlac Iosa na buileannan, agus air tabhairt buidheachais dha#Mat 15:36 roinn e air na deisciobail iad, agus na deisciobail orrasan a shuidh: agus mar an ceudna de na h‑èisg bheaga, a mheud is a b’àill leo.
12Nuair a shàsaicheadh iad, thubhairt e ra dheisciobail, Cruinnichibh am biadh briste a tha a thuilleadh ann, a‑chum nach caillear a’ bheag.
13Air an adhbhar sin chruinnich iad e ri chèile, agus lìon iad dà‑chliabh‐dheug de spruilleach nan còig buileannan eòrna, a bha a dh’fhuidheall aig a’ mhuinntir a dh’ith.
14An sin nuair a chunnaic na daoine sin am mìorbhail a rinn Iosa, thubhairt iad, Gu fìrinneach is e seo am fàidh a bha gu teachd a‑chum an t‑saoghail#Gen 49:10.
15Uime sin nuair a thuig Iosa gu robh iad air tì teachd agus breith air le làimh làidir, a‑chum gun dèanadh iad rìgh dheth, dh’imich e a‑rìs don bheinn na aonar.
16Agus nuair a thàinig am feasgar#Mat 14:23, etc.; Marc 6:47, etc., chaidh a dheisciobail sìos a‑chum na mara.
17Agus air dol ann an luing dhaibh, chaidh iad thar a’ mhuir gu Capernàum: agus bha an dorchadas a‑nis ann, agus cha robh Iosa air teachd dan ionnsaigh.
18Agus aig sèideadh do ghaoith mhòir, dh’èirich a’ mhuir#Salm 107:25.
19Uime sin nuair a rinn iad iomramh timcheall còig no deich‐ar‑fhichead de stàidean, chunnaic iad Iosa ag imeachd air a’ mhuir, agus a’ druideadh ris an luing; agus ghabh iad eagal.
20Ach thubhairt esan riu, Is mise a tha ann#Isa 43:1, 2; Tais 1:17, 18; na biodh eagal oirbh.
21Uime sin ghabh iad gu toileach a‑steach don luing e: agus air ball ràinig an long an tìr gus an robh iad a’ dol.
22Air an là na dhèidh sin, nuair a chunnaic an sluagh a sheas air taobh eile na mara nach robh long eile an sin, ach an long sin anns an deachaidh a dheisciobail a‑steach, agus nach deachaidh Iosa anns an luing maille ra dheisciobail, ach gun d’fhalbh a dheisciobail nan aonar;
23(Gidheadh thàinig luing bheaga eile o Thiberias, làimh ris an àite anns an d’ith iad an t‑aran#Eòin 6:11, an dèidh don Tighearna buidheachas a thoirt;)
24Uime sin nuair a chunnaic an sluagh nach robh Iosa an sin, no a dheisciobail, chaidh iad fhèin mar an ceudna ann am bàtaichean, agus thàinig iad gu Capernàum, ag iarraidh Iosa.
25Agus air dhaibh fhaotainn air an taobh thall den mhuir, thubhairt iad ris, A Mhaighistir, cuin a thàinig thu an seo?
26Fhreagair Iosa iad agus thubhairt e, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, Tha sibh gam iarraidh, chan ann a chionn gum faca sibh na mìorbhailean, ach a chionn gun d’ith sibh de na buileannan, agus gun do shàsaicheadh sibh.
27Dèanaibh saothair chan ann airson a’ bhìdh a theirgeas, ach airson a’ bhìdh a mhaireas a‑chum na beatha shìorraidh#Eòin 4:14, a bheir Mac an Duine dhuibh: oir esan sheulaich Dia an t‑Athair#Salm 2:7; 40:7; Isa 42:1; Gnìo 2:22.
28An sin thubhairt iad ris, Ciod a nì sinn, a‑chum is gun obraich sinn obraichean Dhè?
29Fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Is i seo obair Dhè#1 Eòin 3:23, gun creid sibh anns an tì a chuir e uaithe.
30Uime sin thubhairt iad ris, Ciod an comharradh a nì thusa, matà#Mat 12:38; 1 Cor 1:22, a‑chum gum faic sinn, agus gun creid sinn thu? Ciod an obair a nì thu?
31Dh’ith ar n‑athraichean mana anns an fhàsach#Ecs 16:15; Àir 11:7; a rèir mar a tha e sgrìobhte, Thug e dhaibh aran o nèamh ra ithe#Salm 78:24, 25.
32An sin thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, nach tug Maois dhuibh an t‑aran o nèamh; ach tha m’Athair‐sa a’ toirt dhuibh an arain fhìor o nèamh.
33Oir is e sin aran Dhè a tha a’ teachd a‑nuas o nèamh#Eòin 6:48, 58, agus a tha a’ tabhairt beatha don t‑saoghal.
34An sin thubhairt iad ris, A Thighearna, thoir dhuinne an t‑aran seo an còmhnaidh.
35Agus thubhairt Iosa riu, Is mise aran na beatha: an tì a thig am ionnsaigh‐sa, cha bhi acras gu bràth air#Mat 5:6; Tais 7:16; agus an tì a chreideas annamsa, cha bhi tart gu bràth air#Eòin 4:13, 14; 7:37.
36Ach mar a thubhairt mi ribh, ged a chunnaic sibh mi, chan eil sibh a’ creidsinn#Eòin 5:38.
37Gach nì a bheir an t‑Athair dhòmhsa, thig e am ionnsaigh#Eòin 6:45; Eòin 17:6, 8, etc.; agus an tì a thig am ionnsaigh, cha tilg mi air chor sam bith a‑mach#Isa 1:18; 55:7; Mat 11:28; Lùc 23:42, 43; 2 Tim 1:15, 16.
38Oir thàinig mi a‑nuas o nèamh, chan ann a‑chum gun dèanainn mo thoil fhèin, ach toil an tì a chuir uaithe mi#Eòin 5:30.
39Agus is i seo toil an Athar a chuir uaithe mi, nach caillinn a’ bheag sam bith den uile a thug e dhomh#Eòin 10:28; 17:12; Mat 18:14, ach gun togainn suas e a‑rìs air an là dheireannach#Philip 3:20, 21.
40Agus is i seo toil an tì a chuir uaithe mi, gum biodh a’ bheatha mhaireannach aig gach neach a chì am Mac, agus a chreideas ann#Eòin 3:15, 16: agus togaidh mise suas e air an là dheireannach.
41An sin rinn na h‑Iùdhaich gearan uime, a chionn gun dubhairt e, Is mise an t‑aran a thàinig a‑nuas o nèamh.
42Agus thubhairt iad, Nach e seo Iosa mac Iòseiph#Mat 13:55; Marc 6:3; Lùc 4:22, neach aig an aithne dhuinn a athair agus a mhàthair? Cionnas mas eadh a tha e ag ràdh, Thàinig mi a‑nuas o nèamh.
43Air an adhbhar sin fhreagair Iosa agus thubhairt e riu, Na dèanaibh gearan nur measg fhèin.
44Chan urrainn neach air bith teachd am ionnsaigh‐sa mura tarraing an t‑Athair a chuir uaithe mise e#Eòin 12:32; DànShol 1:4; Ier 31:3: agus togaidh mise suas e air an là dheireannach.
45Tha e sgrìobhte anns na fàidhean, Agus bidh iad uile air an teagasg o Dhia#Isa 54:13; Ier 31:34; Mic 4:2. Uime sin gach neach a chuala, agus a dh’fhòghlaim on Athair#Mat 11:27, thig e am ionnsaigh‐sa.
46Chan e gum faca neach sam bith an t‑Athair#Eòin 5:37, ach an tì a tha o Dhia; chunnaic esan an t‑Athair#Lùc 10:22.
47Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, An tì a tha a’ creidsinn annamsa tha a bheatha mhaireannach aige#Eòin 6:40; Eòin 3:16.
48Is mise aran na beatha#Eòin 6:33, 35, 51.
49Dh’ith ur n‑athraichean mana anns an fhàsach agus fhuair iad bàs.
50Is e seo an t‑aran a tha a’ teachd a‑nuas o nèamh, a‑chum is gun ith neach dheth, agus nach faigh e bàs#Eòin 6:58.
51Is mise an t‑aran beò, a thàinig a‑nuas o nèamh: ma dh’itheas neach air bith den aran seo, bidh e beò gu sìorraidh: agus an t‑aran a bheir mise uam, is e m’fheòil e#Eabh 10:5, 10, 20; 1 Eòin 2:2, a bheir mi airson beatha an t‑saoghail.
52Air an adhbhar sin bha connsachadh aig na h‑Iùdhaich ri chèile, ag ràdh, Cionnas a dh’fhaodas an duine seo a fheòil a thoirt dhuinn ra h‑ithe#Eòin 3:9?
53An sin thubhairt Iosa riu, Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, mura ith sibh feòil Mac an Duine#Mat 26:26, 28, agus mura òl sibh a fhuil, chan eil beatha agaibh annaibh.
54Esan a dh’itheas m’fheòil‐sa, agus a dh’òlas m’fhuil‐sa, tha a’ bheatha shìorraidh aige; agus togaidh mise suas e air an là dheireannach.
55Oir is biadh gu fìrinneach m’fheòil, agus is deoch gu fìrinneach m’fhuil.
56Esan a dh’itheas m’fheòil‐sa, agus a dh’òlas m’fhuil‐sa, tha e a’ gabhail còmhnaidh annamsa, agus mise annsan#Tuir 3:24; Eòin 15:4; 1 Eòin 3:24; 4:15, 16.
57Mar a tha an t‑Athair beò a chuir uaithe mise, agus a tha mise beò tron Athair#Eòin 5:26; is amhail sin esan a dh’itheas mise, bidh e mar an ceudna beò tromhamsa#Eòin 11:25, 26; 1 Cor 15:22.
58Is e seo an t‑aran sin a thàinig a‑nuas o nèamh; chan ann mar a dh’ith ur n‑athraichean mana, agus a fhuair iad bàs: esan a dh’itheas an t‑aran seo, bidh e beò am feasd.
59Thubhairt e na nithean seo anns an t‑sionagog, nuair a bha e a’ teagasg ann an Capernàum.
60Uime sin nuair a chuala mòran de a dheisciobail seo, thubhairt iad, Is cruaidh a’ chainnt seo; cò a dh’fhaodas èisdeachd rithe?
61Nuair a thuig Iosa ann fhèin#Eòin 2:24, 25 gu robh a dheisciobail ri gearan uime seo, thubhairt e riu, A bheil seo a’ toirt oilbheim dhuibh?
62Agus ciod nam faiceadh sibh Mac an Duine a’ dol a suas don àit anns an robh e roimhe#Gnìo 1:9; Eph 4:8‐10?
63Is e an Spiorad a#6:63 a tha a’ toirt beatha.bheothaichas#2 Cor 3:6; chan eil tairbhe air bith anns an fheòil: na briathran a tha mise a’ labhairt ribh, is spiorad agus is beatha iad.
64Ach tha cuid dhibhse nach eil a’ creidsinn. (Oir b’aithne do Iosa o thùs#Eòin 13:11 cò iad nach robh a’ creidsinn, agus cò an tì a bhrathadh e.)
65Agus thubhairt e, Air an adhbhar sin thubhairt mi ribh, nach urrainn neach air bith teachd am ionnsaigh, mura bi e air a thoirt dha om Athair.
66On àm sin chaidh mòran de a dheisciobail air an ais#Seph 1:6; Lùc 9:62; Eabh 10:38, agus cha d’imich iad nas mò maille ris.
67An sin thubhairt Iosa ris an dà‑fhear‐dheug, An àill leibhse falbh cuideachd?
68An sin fhreagair Sìmon Peadar e, A Thighearna, cò a dh’ionnsaigh an tèid sinn#Gnìo 4:12? Agadsa tha briathran na beatha maireannaich#Gnìo 5:20; 7:38.
69Agus tha sinne a’ creidsinn#Mat 16:16, agus tha fhios againn gur tusa Crìosd, Mac an Dè bheò.
70Fhreagair Iosa iad, Nach do thagh mise sibhse dà‑fhear‐dheug, agus tha fear agaibh na dhiabhal#Eòin 13:27?
71Ach labhair e mu Iùdas Iscariot, mac Shìmoin: oir is e seo an tì a bha gu esan a bhrath, air dha a bhith na aon den dà‑fhear‐dheug.

Currently Selected:

Eòin 6: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in