YouVersion Logo
Search Icon

Lùcas 16

16
1 Cosamhlachd an stiùbhairt eucoraich. 14 Chronaich Crìosd cealg nam Pharasach sanntach. 19 Cosamhlachd an duine shaoibhir, agus an duine bhochd Làsarais.
1Agus thubhairt e mar an ceudna ra dheisciobail, Bha duine saoibhir àraidh ann aig an robh stiùbhard; agus chasaideadh ris e, mar neach a bha a’ dèanamh ana‐caithimh air a mhaoin.
2Agus ghairm e e, agus thubhairt e ris, Ciod e seo a tha mi a’ cluinntinn mud thimcheall? Thoir cunntas air do stiùbhardachd; oir chan fhaod thu a bhith nas fhaide ad stiùbhard.
3An sin thubhairt an stiùbhard ann fhèin, Ciod a nì mi? Oir tha mo mhaighistir a’ toirt na stiùbhardachd uam: chan urrainn mi ruamhar a dhèanamh, is nàir leam dèirc iarraidh.
4Tha fhios agam ciod a nì mi, a‑chum nuair a chuirear as an stiùbhardachd mi, gun gabh iad a‑steach dan taighean mi.
5Agus air dha gach aon dhiubhsan air an robh fiachan aig a thighearna a ghairm da ionnsaigh, thubhairt e ris a’ chiad fhear, Cia mheud a tha aig mo thighearna ortsa?
6Agus thubhairt esan, Ceud tomhas ola. Agus thubhairt e ris, Gabh do sgrìobhadh, agus suidh sìos gu h‑ealamh, agus sgrìobh leth‐cheud.
7An sin thubhairt e ri fear eile, Agus cia mheud a tha aige ortsa? Agus thubhairt esan, Ceud tomhas cruithneachd. Agus thubhairt e ris, Gabh do sgrìobhadh, agus sgrìobh ceithir‐fichead.
8Agus mhol an tighearna an stiùbhard eucorach, do bhrìgh gun do rinn e gu glic: oir tha clann an t‑saoghail seo nan ginealach fhèin nas glice na clann an t‑solais#Eòin 12:36; Eph 5:8.
9Agus tha mise ag ràdh ribh, Dèanaibh dhuibh fhèin càirdean le Mamon na h‑eucoir#Ecl 11:1; 1 Tim 6:17‐19; a‑chum nuair a shiùbhlas sibh, gun gabhar sibh do àitean‐còmhnaidh sìorraidh.
10An tì a tha fìrinneach anns an nì as lugha, tha e fìrinneach mar an ceudna ann am mòran#Mat 25:21, 23; agus an tì a tha eucorach anns an nì as lugha, tha e eucorach ann am mòran mar an ceudna.
11Air an adhbhar sin, mura robh sibh fìrinneach anns an t‑saoibhreas eucorach, cò a dh’earbas ribh an saoibhreas fìor?
12Agus mura robh sibh fìrinneach ann an cuid duine eile, cò a bheir dhuibh an nì as leibh fhèin?
13Chan eil seirbhiseach sam bith comasach air seirbhis a dhèanamh do dhà thighearna#Ios 24:15; Mat 6:24; oir an dara cuid fuathaichidh e aon dhiubh, agus bheir e gràdh don fhear eile; no gabhaidh e le aon dhiubh agus nì e tàir air an fhear eile. Chan eil sibh comasach air seirbhis a dhèanamh do Dhia agus Mhamon.
14Agus chuala na Pharasaich, a bha sanntach, na nithean sin uile#Mat 23:14: agus rinn iad fanaid air.
15Agus thubhairt e riu, Is sibhse an dream a tha gur fìreanachadh fhèin am fianais dhaoine#Lùc 10:29; ach is aithne do Dhia ur cridheachan#Salm 7:9; Ier 17:10: oir an nì sin a tha ro‑mheasail aig daoine, is gràinealachd e am fianais Dhè#Gnà 16:5; Mal 3:15.
16Bha an lagh agus na fàidhean ann gu teachd Eòin#Mat 11:12, 13: o sin tha rìoghachd Dhè air a searmonachadh, agus tha gach duine a’ dol le dian strì a‑steach innte#Eòin 12:19.
17Agus is fhasa do nèamh agus don talamh dol thairis, na do aon lide den lagh tuiteam#Isa 40:8; 51:6.
18Gach neach a chuireas uaithe a bhean#Mat 5:32, agus a phòsas bean eile, tha e a’ dèanamh adhaltranais; agus ge bè neach a phòsas a’ bhean a chuireadh air falbh o a fear, tha e a’ dèanamh adhaltranais.
19Bha duine saoibhir àraidh ann, a bha air a sgeadachadh le purpar agus lìon‐aodach grinn, agus bha e a’ caitheamh a bheatha gach là gu sòghail le mòr‐ghreadhnachas:
20Agus bha duine bochd àraidh ann dom b’ainm Làsaras, a chuireadh na laighe aig a dhoras, làn de chreuchdan.
21Agus bu mhiann leis a bhith air a shàsachadh leis an spruileach a bha a’ tuiteam o bhòrd an duine shaoibhir; seadh, agus thàinig na madaidhean agus dh’imlich iad a chreuchdan.
22Agus thàrladh gun d’fhuair an duine bochd bàs, agus gun do ghiùlaineadh leis na h‑ainglean e gu uchd Abrahàim#Eabh 1:14: fhuair an duine saoibhir bàs mar an ceudna, agus dh’adhlaiceadh e.
23Agus ann an ifrinn thog e suas a shùilean#Tais 14:10, 11, air dha a bhith ann am piantan, agus chunnaic e Abrahàm fada uaithe, agus Làsaras na uchd.
24Agus ghlaodh e, agus thubhairt e, Athair Abrahàim, dèan tròcair orm, agus cuir Làsaras, a‑chum gun tum e bàrr a mheòir ann an uisge, agus gum fuaraich e mo theanga; oir tha mi air mo ro‑phianadh anns an lasair seo#Isa 66:24; Marc 9:44, etc..
25Ach thubhairt Abrahàm, A mhic, cuimhnich gun d’fhuair thusa do nithean matha ri àm dhut a bhith beò#Lùc 6:24; Iob 21:3; Salm 73:12‐19, agus Làsaras mar an ceudna droch nithean; ach a‑nis tha esan a’ faotainn sòlais, agus tha thusa air do phianadh.
26Agus a bhàrr air seo uile, tha doimhne mhòr air a cur eadar sinne agus sibhse, air chor agus iadsan lem b’àill dol a seo dur n‑ionnsaigh‐se, nach eil e an comas dhaibh; agus nach mò a tha e an comas do aon neach teachd as a sin dar n‑ionnsaigh‐ne#Esec 28:24.
27An sin thubhairt e, Uime sin tha mi a’ guidhe ort, athair, gun cuireadh tu e gu taigh m’athar:
28Oir tha còignear bhràithrean agam; a‑chum gun toir e fianais dhaibh, air eagal gun tig iadsan mar an ceudna don ionad ro‑phiantach seo.
29Thubhairt Abrahàm ris, Tha Maois agus na fàidhean aca#Isa 34:16; Eòin 5:39; èisdeadh iad riùsan.
30Agus thubhairt esan, Chan eadh, Athair Abrahàim: ach ma thèid neach dan ionnsaigh o na mairbh, nì iad aithreachas.
31Agus thubhairt e ris, Mura èisd iad ri Maois agus ris na fàidhean, cha mhò a chreideas iad, ged èireadh neach o na mairbh#Eòin 12:10, 11.

Currently Selected:

Lùcas 16: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in

Video for Lùcas 16