YouVersion Logo
Search Icon

Lùcas 2

2
1 Mheas Augustus Ìmpireachd nan Ròmanach uile. 6 Breith Chrìosd: 8 chuir aingeal seo an cèill do na buachaillean: 13 thug mòran dhiubh cliù do Dhia air a shon. 21 Tha Crìosd air a thimcheall‐ghearradh.
1Agus thàrladh anns na làithean sin gun deachaidh òrdagh a‑mach o Chèasar Augustus an domhan#2:1 Anns a’ Ghrèigis, an saoghal àitichte. uile a mheas#2:1 ainmean an t‑sluaigh a sgrìobhadh ann an leabhar‐cuimhne..
2(Agus rinneadh an ciad mheas seo nuair a bha Cirenius na uachdaran air Siria#Gnìo 5:37.)
3Agus chaidh iad uile a‑chum a bhith air am meas, gach aon fa leth da bhaile fhèin.
4Agus chaidh Iòseph mar an ceudna suas o Ghalile, à baile Nàsaret, do Iudèa, gu baile Dhaibhidh, den gairmear Betlehem, do bhrìgh gu robh e de thaigh agus de shliochd Dhaibhidh,
5A‑chum gum biodh e air a mheas maille ri Muire a bha fo cheangal‐pòsaidh dha, agus i mòr‐thorrach.
6Agus thàrladh, am feadh a bha iad an sin, gun do choileanadh làithean a h‑inbhe, a‑chum i a bhith air a h‑aisead.
7Agus rug i a ciad‐ghin mic#Mat 1:25, agus phaisg i e ann am brat‐spèilidh, agus chuir i na laighe ann am prasaich e; do bhrìgh nach robh àit aca anns an taigh‐òsda.
8Agus bha anns an dùthaich sin buachaillean a’ fantainn a‑muigh, agus a’ dèanamh faire‐oidhche air an treud.
9Agus, feuch, thàinig aingeal an Tighearna orra, agus dhealraich glòir an Tighearna#Ecs 16:10; 1 Rìgh 8:11 mun timcheall; agus ghabh iad eagal mòr.
10Agus thubhairt an t‑aingeal riu, Na biodh eagal oirbh: oir feuch, tha mi ag innse dhuibh deagh sgeul mòr‐aoibhneis, a bhios don uile shluagh#Gen 12:3; Col 1:23:
11Oir rugadh dhuibh#Isa 9:6 an‑diugh Slànaighear, ann am baile Dhaibhidh, neach as e Crìosd an Tighearna#Gnìo 2:36; 10:36.
12Agus bidh seo na chomharradh dhuibh: Gheibh sibh an naoidhean paisgte ann am brat‐spèilidh, na laighe ann am prasaich.
13Agus air ball bha maille ris an aingeal cuideachd mhòr de armailtean nèimh, a’ moladh Dhè, agus ag ràdh,
14Glòir do Dhia anns na h‑àrdan#Lùc 19:38; Tais 5:13, agus air talamh sìth#Isa 57:19, deagh‐ghean do dhaoine.
15Agus thàrladh, nuair a dh’fhalbh na h‑aingil uapa do nèamh, gun dubhairt na buachaillean ri chèile, Rachamaid a‑nis eadhon do Bhetlehem, agus faiceamaid an nì seo a rinneadh, a dh’fhoillsich an Tighearna dhuinn.
16Agus thàinig iad gu grad, agus fhuair iad Muire agus Iòseph, agus an leanabh na laighe anns a’ phrasaich.
17Agus nuair a chunnaic iad sin, dh’aithris iad an nì a dh’innseadh dhaibh mu thimcheall an leinibh seo.
18Agus ghabh gach neach a chuala seo iongantas ris na nithean sin a dh’innseadh dhaibh leis na buachaillean.
19Ach ghlèidh Muire na nithean sin uile#Lùc 1:66; Gen 37:11, a’ beachd‐smaoineachadh orra na cridhe.
20Agus thill na buachaillean, a’ tabhairt glòire agus molaidh do Dhia airson nan nithean sin uile a chuala agus a chunnaic iad, a rèir mar a labhradh riu.
21Agus nuair a choileanadh ochd làithean a‑chum an leanabh a thimcheall‐ghearradh#Lebh 12:3, thugadh IOSA mar ainm air#Lùc 1:31; Mat 1:21, eadhon an t‑ainm a ghairm an t‑aingeal dheth mun do ghabhadh anns a’ bhroinn e.
22Agus nuair a choileanadh làithean a glanaidh, a rèir lagh Mhaois#Lebh 12:2, etc., thug iad esan gu Ierusalem, a‑chum a thaisbeanadh don Tighearna;
23(Mar a tha e sgrìobhte ann an lagh an Tighearna, Gach ciad‐ghin mic a dh’fhosglas a’ bhrù#Ecs 13:12; Àir 8:17, gairmear naomh don Tighearna e;)
24Agus a thoirt ìobairt a rèir mar a theirear ann an lagh an Tighearna, dà thurtar no dà chalaman òg#Lebh 12:8.
25Agus, feuch, bha duine ann an Ierusalem dom b’ainm Simeon; agus bha an duine seo ionraic agus diadhaidh, agus bha dùil aige ri sòlas Israeil#Lùc 2:19; Daniel 7:28: agus bha an Spiorad Naomh air.
26Agus dh’fhoillsicheadh dha leis an Spiorad Naomh nach faiceadh e bàs gus am faiceadh e Crìosd an Tighearna.
27Agus thàinig e le treòrachadh an Spioraid don teampall. Agus nuair a thug na pàrantan an leanabh Iosa a‑steach, a‑chum gun dèanadh iad air a shon a rèir gnàthachadh an lagha,
28An sin ghlac esan na uchd e, agus bheannaich e Dia, agus thubhairt e:
29A‑nis, a Thighearna, tha thu a’ leigeadh dod sheirbhiseach siubhal ann an sìth#Gen 46:30; Isa 57:2, a rèir d’fhacail;
30Oir chunnaic mo shùilean do shlàinte#Gen 49:18; Isa 52:10,
31A dh’ullaich thu ro ghnùis nan uile shluagh:
32Solas a shoillseachadh nan Cinneach#Isa 42:6; 49:6; 60:1‐3; Gnìo 13:47, agus glòir do phobaill Israel.
33Agus ghabh Iòseph agus a mhàthair iongantas mu na nithean a labhradh uime.
34Agus bheannaich Simeon iad, agus thubhairt e ri Muire a mhàthair, Feuch, chuireadh an leanabh seo a‑chum tuiteam agus aiseirigh#Isa 8:14; Ròm 9:32, 33; 1 Cor 1:23, 24; 2 Cor 2:16; 1 Pead 2:7, 8 mhòran ann an Israel, agus na chomharradh an aghaidh an labhrar#Salm 69:9‐12; Isa 8:18; Mat 11:19; Gnìo 28:22:
35Agus thèid claidheamh tro d’anam‐sa fhèin a‑chum gum foillsichear smuaintean cridheachan mhòran#Eòin 7:12, 40‐43; 9:16, 19; Gnìo 28:24‐29.
36Agus bha Anna, ban‐fhàidh, nighean Phanueil, de threubh Aseir; bha i ro‑aosmhor, agus chaith i seachd bliadhna maille ri a fear o àm dhi a bhith na h‑òighe:
37Agus bu bhantrach i mu thimcheall ceithir bliadhna agus ceithir‐fichead a dh’aois nach deachaidh on teampall, a’ dèanamh seirbhis do Dhia a là agus a dh’oidhche le trasg agus le ùrnaigh#Gnìo 26:7; 1 Tim 5:5.
38Agus air teachd dhise a‑steach anns an uair sin fhèin, thug i moladh don Tighearna, agus labhair i ma thimcheall riùsan uile aig an robh sùil ri saorsa ann an Ierusalem#Lùc 24:21; Marc 15:43.
39Agus nuair a choilean iad na h‑uile nithean a rèir lagh an Tighearna, thill iad do Ghalile, dam baile fhèin Nàsaret.
40Agus dh’fhàs an leanabh, agus neartaicheadh ann an spiorad e, air a lìonadh le gliocas: agus bha gràs Dhè air.
41Agus chaidh a phàrantan gach bliadhna gu Ierusalem, aig fèill na càisge#Ecs 23:15; Deut 16:1.
42Agus nuair a bha e dà‑bhliadhna‐dheug a dh’aois, chaidh iad suas gu Ierusalem, a rèir gnàth na fèille.
43Agus air coileanadh nan làithean sin dhaibh, nuair a thill iadsan, dh’fhan an leanabh Iosa nan dèidh ann an Ierusalem; agus cha robh fhios aig Iòseph no aig a mhàthair air a sin.
44Ach air dhaibh a shaoilsinn gu robh e anns a’ chuideachd#Salm 122:1‐4, dh’imich iad astar là; agus dh’iarr iad e am measg an càirdean agus an luchd‐eòlais.
45Agus nuair nach d’fhuair iad e, thill iad gu Ierusalem ga iarraidh.
46Agus thàrladh an dèidh trì làithean gun d’fhuair iad e anns an teampall, na shuidhe am meadhon an luchd‐teagaisg, araon gan èisdeachd, agus a’ cur cheist orra.
47Agus ghabh a’ mhuinntir a chuala e uile iongantas ra thuigse#Lùc 4:22, 32; Mat 7:28; Marc 1:22; Eòin 7:15, 46 agus ra fhreagraidhean.
48Agus nuair a chunnaic iad e, ghlac uamhas iad: agus thubhairt a mhàthair ris, A mhic, carson a rinn thu mar seo oirnn? Feuch, bha d’athair agus mise gu brònach gad iarraidh.
49Agus thubhairt esan riu, Carson a bha sibh gam iarraidh? Nach robh fhios agaibh gum bu chòir dhòmhsa a bhith ann an taigh m’Athar#Eòin 5:17; 9:4?
50Agus cha do thuig iadsan an nì a labhair e riu.
51Agus chaidh e sìos maille riu, agus thàinig e gu Nàsaret, agus bha e umhail dhaibh: ach ghlèidh a mhàthair na nithean sin uile na cridhe#Lùc 2:19.
52Agus thàinig Iosa air aghaidh ann an gliocas agus am meudachd, agus ann an deagh‐ghean aig Dia agus aig daoine.

Currently Selected:

Lùcas 2: ABIG

Highlight

Share

Copy

None

Want to have your highlights saved across all your devices? Sign up or sign in