YouVersion Logo
Search Icon

Lùcas 7:7-9

Lùcas 7:7-9 ABIG

Uime sin cha mhò a mheas mi gum b’airidh mi fhèin air teachd ad ionnsaigh: ach a‑mhàin abair am facal, agus slànaichear m’òglach. Oir is duine mise fhèin air mo chur fo ùghdarras, aig a bheil saighdearan fodham; agus their mi ris an fhear seo, Imich, agus imichidh e; agus ri fear eile, Thig, agus thig e; agus rim sheirbhiseach, Dèan seo, agus nì e e. Agus nuair a chuala Iosa na nithean seo, ghabh e iongantas ris, agus air tionndadh dha, thubhairt e ris an t‑sluagh a lean e, Tha mi ag ràdh ribh nach d’fhuair mi creideamh cho mòr seo ann an Israel fhèin.